Skip to main content

‹‹‹ prev (272) Page 264Page 264

(274) next ››› Page 266Page 266

(273) Page 265 -
Caid. III.] EACHDHA1DH NA H-EAGLAISE. '2(j.3
teagaisg bu shuairce dhiubh uile. Bha e do luchd-aidmlieil
Lutheir o thbiseach’s na oharaid dileas da gu crioch a1 beatha.
Cha robh aigne co chalma’s gu rachadh e fein air aghart
tre gach deuchainn bha ro chunnartach ri linn ; ach bha
ionnsachadh mor, agus bha bheachd soilleir,—bha e suidhichte
steidheil, neo-chlaon ’n a bhreitheanas, agus bha e ri comhnadh
mor’s an ath-leasachadh. Bha Theodore’s Besa foghluimte,
a rinn mdran soilleireachadh le eadar-theangachadh nan
sgrioptuirean. Ged nach do thoisich Erasmus air ath-leasach¬
adh na h Eaglaise,'—co rinn urrad air-son sin ris,—air doigh
bu mho foghnadh P Bha e cur an ceil! gu riochdail mearachd-
an lionmhor Eaglais na Roimhe chum gu faieeadh ’s gum
fuathaicheadh daoine iad.*
Bu mhac diolain e agus chaill e athair agus a mathair ’n a
leanabh ; mar bha e ’n a dhilleachdan thogadh e’s an Eaglais
agus rinneadh sagairt dheth an 1492, ’nuair bha e se bliadhna
thar fhichead. Thug easbuig leis e do’n Roimh a chriochnach-
adh ionnsaich, chaidh e a sin do Fhlanders, do Shasunn, do’n
Fheadailt, ’s phill e gu Basil far an do chaochail e an 1536.•}•
Cha b’e mhain na sgriobh e fein, ach na thug e gu folais do
shaothair nan daoine foghluimte bha roimhe ’s an robh
foghnadh ro mhor an duine chliutaich so. Bha e air-son
leasachadh aims gach ni; bha fhoghlum mor’s a’ chailean thar
tomhas. Cha robh mearachd no coire ’s an Eaglais nach
d’fhag e buileach, no ’s an luchd-aidmheil bha deonach a
leanailt nach robh e cronachadh.
’N a dheigh feudar Shir Tomas More ainmeachadh. Bha
e’n dreuchd ard an Sasunn ’s ro dhednach air luchd-fbeh-
luim a dhionadh. Lean e Eaglais na Roimh, agus bha e cruaidh
air a’ mhuinntir bha dealachadh rithe. Cha do chaomhain
fhoghlum, no bhuaidhean mor an duine cliutach so, a chuir-
eadh gu has an samhradh 1535 le lonnraic VIII.
Cha robh Deorsa Buchanan air dheireadh air a h-aon
diubh sin am fbghlum finealta, no’n sgriobhan oirdhearc.
Bba e ’n a sheanachaidh, ’s ’n a bhard urramach’s an Laduinn,
cha robh sgoileir cosmhuil ris o’n am a chlaon iompaireachd
mhor na Roimh.
* Robertson’s Hist, of Charles V. -f- Du Pin.
L 1

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence