Skip to main content

‹‹‹ prev (241) Page 233Page 233

(243) next ››› Page 235Page 235

(242) Page 234 -
234 EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. Nuas 0—1545.
morchuis a luasgadb. Chunnaic Leo nach robh feum a bhi
foil ris; bha an ard chleir faotainn coire dha air-son an nine
leig e leis; agus bha e fiosrach gu bn choir dha gniomh a
dheanamh a chuireadh suas air urram mbr na h-Eaglaise. Bha
duil gu biodh an t-iompaire 6g air-son an ni ceudna. Bha’n
ard chleir a’ coinneachadh’s a’ cur an comhairle ri cheile air-
son andbigh a b’fhearr aghabhail chur nan saobh-chreidmheach
’n an tamh. Chuireadh mu dheireadh reachd amach an
aghaidh Lutheir, air a’ choigeamh la deug do dhara mios an
t-samhraidh 1520, leis na dhite sgriobhan Lutheir, a bha iad
cumail amach bha lan do shaobh-chreideamh bha maslach,
’s nach b’urrainn daoine crabhach a chluinntinn, chaidh thoirm-
easg do uile dhaoine an leughadh; dh’Aithne an losgadh, mar
gabhadh Luther aithreachas an taobh a stigh do thri fichead
latha,.—mar aidicheadh e mhearachdan gu folaiseach, ’s mar
loisgeadh e a leabhraichean, bha e ri chur fodh ascaoin Eag-
laise, mar shaobh-chreidmheach dalma, ’s air a thilgeadh
gu Satan a mhilleadh na feola; agus bha gach prionnsa ri
ghlacadh, ’s ri thabhairt suas gu fuilingeadh e air-son a dhroch-
bheirt, air neo gu biodh iad fein fodh ’n reachd cheudna.*
Bha cuid deanamh aidhear, ’nuair chuireadh an reachd
a mach ; agus cuid am feirg air-son a leithid,—bha iad sin
deanamh dimeas air na bha Leo cur roimhe, buntuinn riusan
bha air a chur amach le tair, ’s ’g a stracadh nuas o na ball-
achan.f
Bha fios aig Luther ciod a dheanadh am papa, ’s cha tug e
tioma no taise ’n a ghne. Thog e chuis gu comhairle choit-
chionn; sgriobh e ’n aghaidh reachd a’ phapa; bha e nis
deirbhte gu robh Leo eucorach agus ana-cneasda, agus chuir
e ’n ceill gur e an t-Ana-criosduidh a roimh-innse ’s an
Tiomnadh Nuadh; labhair e ni bu deine mu ainneart, ghairm
e air uile phrionnsan Criosduidh cuing a’ phapa chur dhiubh;
agus bha e ri uaill air-son a mhisnich a ghlac e fein ’nuair
thog e ghuth gu daoine shaoradh. Chaidh e ni b’fhaide.
Thug Leo aithne gu rachadh leabhraichean Lutheir a losgadh
’s an Koimh; ghairm Luther daoine fbghluimte ol-thigh
* Palabhic. -(• Seekuid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence