Skip to main content

‹‹‹ prev (240) Page 232Page 232

(242) next ››› Page 234Page 234

(241) Page 233 -
CilB. I.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
233
Chuir am papa mach reachd roimh siu, bha cliuthachadh
maitheanais peacaidh, ’s an robh gach foghnadh mbr;—g1
aithne do uile Ohriosduidhean teagasgan na h-Eaglaise chreid-
sinn, agus gach aon chuireadh an aghaidh sin bin fodh bhreth
an ard chleir.
Cha tug iadsan bha gabhail le Luther seadh da reachd, ach
bhiodh e fada ’n an aghaidh nam bn bheo Macsimilian bha
ro eudmhor air-son na h-Eaglais,—fhuair Luther nine gus
an deachaidh fear eile roghnachadh, agus bha theagasgan a1
freumhachadh fad agus cian feadh na h-uine shamhach sin.
Cha robh ach beag fiosrachaidh no eolais aig Leo air na
teagasgan sin; ach bha inntinn’s a smaointe mu roghnach¬
adh iompaire eile, agus cha chuireadh e mi-thlachd air Frederic
aig an robh moran ri radh mu ghnothuichean cudthromach
na h-iompaireachd. Neo-air thainig dhoibh-san bha ’g a
spuiradh gu Luther a Chur fodh ascaoin Eaglaise. Bha’m
papa cuideachd deonach air sith, agus re bliadhna gu leth,
mu’n deachaidh bheag a dheanamh ’s an robh foghnadh,
bha oidheirpean ’g a thabhairt gu nithe chur reidh, ach’s ann
bha gach oidheirp leigeadh fhaicinn do Luther truaillidheachd
na h-Eaglaise, agus eu-ceirt na luchairt. Thoisich e air cur
an teagamh gu b’ann o neamh bha ughdarras a’ phapa.
Chonnsuich e fein agus Eccius uime sin aig Leipsic, gidheadh,
’s ann ni b’fhaide bha iad o shith.
Cha b’ann amhain an Sacsoni bha iad cur an aghaidh teag¬
asgan agus gnathaibh na h-Eaglaise Romhanaich, bha
briste mach cuideachd an Suitserland. Fhuair na Francis-
canaich comas malairt am maitheanas peacaidh, agus bha iad
dol air aghart air an amhuil cheudna gun umhail d’an giulan,
no caithe beatha. Bha fear Suinglius ann an Surich, a chuir
’n an aghaidh gun eisiomail. Bha e air-son steidh an
creideimh thilgeadh sios a dh’aon uair.* Rinn Luther aidhear
air-son a leithid a chomhnadh agus bha bl-thighean Chologn
agus Loubhain ’g a dhite.
Bha gach oidheirp bha iad toirt air Luther togail suas aigne
ni b’airde, thug e ionnsuidh air bunait gach cumhachd agus
* Eachdraidh na h-Eaglaise. * Sleid Hist.
Gg

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence