Skip to main content

‹‹‹ prev (233) Page 225Page 225

(235) next ››› Page 227Page 227

(234) Page 226 -
226
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 755—1545.
Bha’n innleachd so ’n a fhoghnadh m6r agus ro ullamh gu
solus foghluim agus fiosrachaidh sgaoileadh air leabhraichean
bha ’g an trusadh as gach aite’s am faighte iad, ’s a bha air-
idh air curam a ghabhail diubh’s an cur amach aris;—bha iad
sin mu’n chreideamh fhior, agus mu gach foghlum oirdhearc.
Bha e, mar an ceudna, greasadh ath-leasachadh na h-Eaglaise.
Bha ughdairean a’ fas lionmhor,—b’e diadhair Frangach,
Nicholas Clemengis bu mho, bu deas-bhriathraiche, agus a’
b’ainmeile r’a linn.
Thoisich iad an iomad aite ri sgriobhadh an aghaidh a’
pMpa, seadh, an Sasunn, an 1404. Bha dioghaltas air a
dheanamh air cuid bha co an-dana’s smid a radh mu na
dubhailcean bha ro shoilleir ’n a ghiulan. Chaidh manach a
bhrist amach, a bhuineadh an toiseach do na Dominicans, a
losgadh aig Florence, ’s a’ bhliadhna 1498.*
Bha'm papa, Pius II., deas-labhrach agus foghluimte,—ach
neo-gheanmuidh.-(- B’e Tomas-a-Cempis diadhair a b’iom-
raitiche’s an linn so.
’S ann’s an am so bha Pica ainmeil, Prionnsa Mirandola,
bha e ’n a thri bliadhna fichead comasach air sgriobhadh air
gach cuis mu oilean agus eolas;—bha e crabhach co math agus
foghluimte, thug e na bh’aige do na bochdan.j
Cha robh iadsan bha sgriobhadh mu na teagasgan ro
bhuadhar, ged bha corr aon diubh airidh air cliu. Bha na
sgrioptuirean air an eadar-theangachadh’s a’ Ghermailt, ’s an
Fheadailt, an’s Fhraing agus am Breatunn, gus a’ chainnt a
thuigeadh am pobull; agus bha sin ’n a chuideachadh air an
atharrachadh mhor a lean.
* Mosheim.
*|- Bayle.
+ Du Pin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence