Skip to main content

‹‹‹ prev (232) Page 224Page 224

(234) next ››› Page 226Page 226

(233) Page 225 -
Caib. III.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
225
leabhraichean. Thrus e saothair nan daoine b'iomraitiche as
gach aite agus cearna fad na h-Eorpa. Bha’n Bhatican nis
air a lionadh le ionnsachadh steidheil an aite sgeula faoin,
agus eachdraidh naoimh no bhaothairean. Fhuair e saothair
na’n ughdairean Greugach ab’allaile’s bu chliutaiche chuir suas
an sin,—seadh, na baird, na feallsanaich, agus na diadhairean
urramach.
Bha ceannuiche mor, Cosmo de Medisis, malairt anns gach
rioghachd, bha shaoithichean tighinn air an ais lan do spios-
raidh na h-airde ’n ear, agus do leabhraichean nan linnibh
ainmeil a threig. Le ’n oilean agus an oidheirpean thogadh
e fein agus Nicholas V. gu inbhe agus urram air an robh iad
maith an airidh tre linnibh an t-saoghail.
Ach fhuaireadh ealain amach’s an linn so rinn moran tuille
air-son foghluim agus fiosrachaidh, na bha’n comas papa, agus
prionnsan na h-Eorpa. ’S ann le tuiteamas a fhuaireadh an
innleachd tha nis air a toirt gu foirfidheachd, eadar a’ bhliadh-
na 1440 agus 1443; ’s e sin an clo-bhualadh, no dealbh-
sgriobhaidh. Bha daoine eigin cur an ceill gu b’iad fein
fhuair an innleachd an toiseach. ’S e is coltaich gu d’fhuair
aon an doigh, agus gu robh feadhainn eile toirt oidheirp air
fhitgail ni b’fhearr. Bha e feumail a chumail uaigneach mar
bha’n sluagh creidsinn gu b’ann o ghisreagan bha iad ri leithid
do dh’innleachd. Fhuaireadh eolas uime an Sasunn an 1446.
Thug ard-easbuig Chanterburi, air righ lonnraic VI. neach
a chur do’n Olainde gu faighte fios air an innleachd; thug
am fear sin leis mile’s tri cheud marg o’n ard-easbuig, ’s a’
chuid eile a ionmhas na rioghachd, agus chaidh ceannuichean
maille ris, cur am fiach gu b’ann air-son malairt bha iad dol.
Chuir e iompuidh air aon aig an robh fios air an innleachd
inneil clo-dhealbh fhaotainn, agus dol do Shasunn. Fhuair
an t-ard-easbuig an duine sin, Caselli, gu Ath’-an-daimh; agus
mar sin thoisich clo-bhualadh an sin deich bliadhna ni bu
luaithe na’n aite sam bith eile’s an Boinn-Eorpa, mach o ’n
aite’s an do thoisich an innleachd air tus.*
f f
* Faic—Bouyer—Wood.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence