Skip to main content

‹‹‹ prev (225) Page 217Page 217

(227) next ››› Page 219Page 219

(226) Page 218 -
218
EACHDKAIDH NA H-EAGLAISE.
[B.T. 755—1545.
sheanachaa gach peanas agus dioghaltas ris an robh iad.
Chaidh luchd-leanmhuinn Huss gu beinn ard, ami an duthaich
Bhricbin, agus fhritheil iad an t-sacramaid le aran agus fion.
Chan iad Tabor ris a’ bheinn o na bothain’s an robh iad a’
tamh, ’s ’n a dheigh sin thog iad balla laidir mu thimchioll,
agus chuir iad suas aitreabh bhreagh ann. Bha seorsa no
dha’s a’ bhaile so aig an robh eadar-dhealachadh an cuid da’n
aidmheil, ach bha iad uile ’n aghaidh Eaglais na Roimhe.
Bha aon araid, Iain Sisca, air ceann dream eigin bha’n
duil gu robh rioghachd a Mhesiah tarruing dlu, ’s gu robh e
laghail gach neart a chur chuige air-son na firinn. Chathaich
iad gu treum fodh ’n ceannfeadhna so:—’Nuair chaochail
Sisca rdghnaich iad Procopius ’n a aite, bha e ’n a dhuine
treun, misneachail. An deigh an ruaig a chur air an namh
an iomad codhail agus cumasg, dh’aontaich e fein agus cuid
d’a chleir dol gu Comhairle Bhasil. Fhuair aon dream na
bha iad ag iarruidh an sin, agus dhealaich iad ris a’ chomunn;
lughdaicheadh am feachd; chaidh an t-iompaire Sigismund
mach ’n an aghaidh, agus thug e buaidh. Am blar mor thuit
an ceann-feadhna Procopius. Ged bhuanaich iad an Tabor,
bha’n aireamh dol an lughaid, gus, ’s an ath linn, an deach-
aidh iad uile leosan a lean Luthar.
Caibidil IV.
FOGHLUM AGUS DAOINE FOGHLUIMTE NAN LINNIBH SO.
Bede.—Alcuim, Ambrose Antbirt—Uilfrid Photius—Drathmar—Ber-
tharius—Eginhard—Anastasius—Alfred—Leo—Deorsa (Seorus)Cedrenus—
Theophilact Fulbert—Lambertus—Anna Comnena—Eustasius—Naomh Ber¬
nard—Abelard—Albertus Maghnus—Thomas Aquinas—Benabhenta—Roger
Bacon—Foghlum na h-airde n’ear—Dun Scotus, Breatanach—ludhach—Da
bhana-chreidmheach—Greugaich roimh na Romhanaich Barlaam Petrarch.—
Nicholas V—Cosmo de Medicis—Clo-bhualadh—Nicholas Clanengis—
Sgriobhaichean an aghaidh a’ phapa.—Dioltas—Pius II Tomas-a-Cempis
—Pica—Eadar-theangachadh nan Sgrioptuirean.
An ochdamh linn. Bha da shasunnach ainmeil thaobh am
foghluim’s an linn so. Bede urramach bha soilleireachadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence