Skip to main content

‹‹‹ prev (224) Page 216Page 216

(226) next ››› Page 218Page 218

(225) Page 217 -
Caib. HI.] EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. 217
chreidtnhich, agus tri deug air-sou mhearachdan, Phiil e fein
gu sabhailt gu iouad comhnuidh, far an do chaochail e an sith,
an 1S87. Bha moran an Sasunn’s an rioghachdan eile a
lean e, ’s a bh’air an ainmeachadh ’n a dheigh. Bha geur-
leanmhuinn ’g a dheanamh orra leosan bh’air toir na h-uile
bha dealachadh ris, no labhairt an aghaidh na h-Eaglaise; a
dhit a’ bharailean, agus a dh’aithn fada ’n deigh a bhais
cnamhan Iain UicliS a losgadh.
An aite smaointeachadh mar bn choir doibh air an cunnart
agus an coire’s ann bha na manaich lan ardain chionn a dhan-
adas bhi aca ni chur as an leth nach robh ceart. Bha na
Franciscans air bhoile co mor air-son an orduigh fein thogail
gus a’ mheas a b’airde, ’s gu robh iad cur an ceill gu b’iad fein
an dara Criosd; ’s gu b’ e ’n steidh’s an riaghailtean fein
soisgeul losa. Bha gach papa cur leis an ard-bheachd, ’s a’
dearbhadh mar a b’fhearr a b’urrainn iad, gu do chuir Criosd
fein na cuig failean air an ceannard,—nach robh teagamh sam
bith an sin. Chuireadh leabhar amach fodh dhreuchd a’
phapa, a bha deanamh a’ mhanaich co-ionnan ri Mac Dhe ’n a
gloir, ni bha peacach agus eagalach.
An cuigeamh linn deug. Chuir a’ gheur-leanmhuinn stad air
moran bha cur an aghaidh Eaglais na Roimh. Gidheadh bha
luchd-leanmhuinn Iain Uicliff, a’sgaoileadh’s a’fas lidnmhor
feadh Shasuinn agus Albuinn. Bha dream eile chuireadh air
fogradh bha togail an guth an criochaibh cian fad as, ’s a’ cur
sios air dubhailcean na cleir, agus truailleachd an creideimh.
Bha suilean dhaoine ’g am fosgladh;—’s an Fheadailt fein bha
Eaglais na Roimh ’g a coimeas ri Babilon. Bha chleir cinnt-
each gu biodh crioch air an mdrchuis nam faighidh daoine
eolas gu rannsachadh na firinn agus fiosrachadh mu’n doigh,
agus, uime sin, thug iad gach oidheirp air an cumail an ain-
eolas; agus daoine dana chur ’n an tosd le uamhan an cumh-
achd ag losgadh agus marbhadh leis a’ chlaidheamh.
Bha na rinn iad air Iain Huss agus Iraene am Bohemia air
chuimhne. Bha iad ri geur-leanmhuinn orrasan bha do’n aid-
mheil gus mu dheireadh an d’eirich iad suas gu iad fein a
dhiona'dji. Bhuail iad air a cheile, agus bhiodh e uamhasach ri
e e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence