Skip to main content

‹‹‹ prev (221) Page 213Page 213

(223) next ››› Page 215Page 215

(222) Page 214 -
214
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 755—1545.
agus ameasg Ohriosduidhean, a bha cur an ceill gu b’ann air-
son a’ chreideimh bha iad ris gach do-bheirt.
Bha dream eile’s an linn so bha ’g an deanamh fein iom-
riteach, ni h-ann le barailean ura, no teagasgan eile, ach le
bhi ’g a’n sgiursadh fein. Nach muladach an staid gus am
bheil creutairean a fhuair tuigs’ agus reuson a’ tuiteam, ’nuair
tha iad a’ smaointeachadh gu bheil e taitneach le Dia bhi
coimhead dhaoine chruthaich e ’n a choltas fein chum an
claoidh, no am peanasachadh. Tha leithid sin a’ bharailean
ameasg ana-creidmhich ; thoisich iad’s an Eaglais ri oilean
agus peanas mar bha iad faicinn feumail, no iomchuidh ; ach
cha’n foghnadh sin le baothairean bha air-son tuille dhean-
amh, no bha toiltinneach air son an coire, no ’n lochd, ’s an duil
gu biodh e taitneach an lathair Dhe na dheanadh iad le’n toil,
ged bhiodh an gniomh an aghaidh tuigse agus reusan. Ann an
linnibh aineolach bha’m peanas a bha daoine fulang air a
mheas mar dhioghaltas air-son na bha iad ri fhulang’s an ath-
bheatha. ’S a bhliadhna 1260, ann am Penisini, ’s an Fhea-
dailt thoisich daoine bha ’g an dite fein ri imeachd coladh, ’s
ri iad fein a sgiursadh gu geur ri caidh agus eigheach trocair o
Dhia. Bha iad do gach inbhe, agus seorsa, agus bha sagairt
dol rompa, bha giulan croise. Bha na mnai deanamh mar an
ceudna aig an tigh.* An uine ghearr, bha mnathan agus
cloinn’s an aireamh, cha robh aire ’ga thabhairt do ghnoth-
uch saoghalta; bha uile muladach, bronach; cha chumadh
droch uair no gaillionn a h-aon a stigh ; ’s an oidhche fein bha
na sraidean lan do thruaighean bha sgreadail, ’s ag ulartaich
a’ guidheadh maitheanas peacaidh. Sgaoil an gnathachadh
so an gradaig air feadh uile bhailte mor na Feadailte, agus
cuid do’n Grhermailt. Ohaidh iad cuideachd mar chomunn
agus chuiriad sios riaghailtean a ghabhail a steach buill iir.
Mhair a bhaothaireachd so gu toiseach na h-ath linn. Bha
aon diubh cur an ceill gu tug aingeal sgiurs da agus litir o
neamh bha dearbhadh gu faighidh iadsan a dh'efhuilingeadh am
peanas so ceithir la deug thar fichead maitheanas ’n an uile
pheacadh. Blia’n amaideachd co anabhar ’sgu robh prionnsan
* Dii Pin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence