Skip to main content

‹‹‹ prev (220) Page 212Page 212

(222) next ››› Page 214Page 214

(221) Page 213 -
Caib. III.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
213
eamh, no fuath do na saobh-chreidmhich, ach air ghaol tuille
fearainn fhaotainn agus gheall agus fhuair luthchairt na
Eoimhe oighreachd liainard, larla Thoulouse. An deigh
iomadh cath, agus comhrag a chuir euehd agus dioghaltas
mi-chneasda, an ceill thug Innocent III. dha, an 1215, siorr-
amachd Thoulouse, agus gach fearann eile bh’aig an larla, mar
dhuais air-son eud a chumail suas na h-Eaglais. Chaill e
bheatha tri bliadhna ’n a dheigh toirt amach Thoulouse, agus
chaochail a namh an 1222.
Ged chailleadh na cinn-fheodhna fhlathail chumadh suas
an cogadh no’n geur-leanmhuinn. Chaidh am mac, Raimard
VII., larla Thoulouse, agus Amalric, larla Montfort, mach
air an ceann; agus chuir iad an cogadh air aghaidh gu dian
deothasach. Bha Rainard Buadhachadh ’s an dol amach,
ghabh Honorius III. an t-eagal,—chuir e iompuidh air
Lughais VIII. righ na Frainge dol amach e fein, toirt dha
gach gealladh mor air-son cur as do naimhdean na h-
Eaglais.
Chaidh an righ ’s a chumasg le feachd lionmhor, ach
chaochail e an nine bheag. Lean a mhac, ris an canadh iad
an naomh Lughais gu dian air an toir. B’eigin do Raimard,
’s a bhliadhna 1229 striochdadh’s a bhi reidh ris;—fhuair an
righ moran d’a fhearann, agus am papa a roinn fein. Chuir-
eadh sios iadsan bha’n aghaidh Eaglais na Roimh. Chuir-
eadh a’ chuirt na suidheadh an Toulouse, agus thionndaidh
Raimard, mar rinn athair roimhe, leosan bha ri geur-lean¬
mhuinn agus co bu mhiosa na e. Mar nach do ghleidh Lugh¬
ais no chuirt an gealladh, ’s a bha iad buntuinn gu neo-
chneasda riusan a gheill, thionndaidh Raimard a ris ; ach ciod
a b’urrainn e dheanamhf Thuit e am briste cridhe agus
trioblaid, ’s mar nach robh sliochd ’n a dheigh chaidh crioch air
teaghlach mhor chumhachdach. Bha bhuannachd bu mho aig
righ na Frainge agus a’ phapa o’n chogadh bha air-son a’
chreideimh bh’air a thruailleadh co mor.
Chaidh moran fola dhortadh’s a’ chogadh so. Bha iad ’g
aireamh muillionn a thuit uile,—agus gu robh tri ceud mile
dhiubh sin. B’ uamhasach a leithid fhaicinn an rioghachd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence