Skip to main content

‹‹‹ prev (134) Page 126Page 126

(136) next ››› Page 128Page 128

(135) Page 127 -
Caib. IV.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
127
bha toileachadh an t-sluaigh. Chuir Leontius, easbuig
Ciprus, sios cuimhneachain air Iain, easbuig Alecsandria, a
bha subhaileeach a^us airidh air cliu gach linn air-son co math
’s a bha e do na bochdan- Sgriobh e-san a thainig ’na dheigh
mu bheatha nan naomh, agus feadhainn eile, nithe co faoin, ’s
gur iongantach gu tugadh daoine aire dhoibh ann an linnibh
dorcha fein :—mar bha iad a1 deasboireachd ri droch spioraid,
cur cath ri deamhain, ’s a’ toirt buaidh thar cumhachdan an
dorchadais.
Dhiubhsan a sgriobh mn chreideamh, no na sgrioptuirean,
no bha cur ri cheile na chuireadh sios roimh an am so b’e
Ilde-fonsus bu mho foghluim, ’s a b’fhearr cailean.
Bha deasboireachd agus comh-stri dol air aghart mu theag-
asgan bh’aca’s na linnibh roimh so-agus bha cuid co daingean,
agus feadhainn co dioghaltach, ’s gu robh iad gearradh buill
chorporra o’n co-chreutairean,—bhiodh e deisinneach bhi sean-
achas, ni h-e bhi faicinn a leithid.
An t-ocMamh linn. Cha bhitheamaid ach ’g iomradh na
thubhairt sinn mu’n linn roimh so nan rachadh sinn a luadh
mu ain-eolas an ochdamh linn. ’S gann a ruigeas leas na
sgriobhaichean ainmeachadh. B’e Iain Damescenus a b’ainmeile
do na Greugaich,—chuir e sios ann an Ceithir leabhraichean
an creideamh fior, no na teagasgan a b’&raide bh’aca. Sgriobh
Bartholomeu, manach an Siria, a’ diteadh a’ Chorain—no
creideamh Islaim, a chuir Mahomet mach ’na shoisgeul.
Ainmichidh sinn feadhainn eile bha airidh air cliu agus deadh
luadh’s an treas earrann—gus am bheil sinn anis a’ dol, ’nuair
ruigeas sinn an ceathramh caibidil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence