Skip to main content

‹‹‹ prev (133) Page 125Page 125

(135) next ››› Page 127Page 127

(134) Page 126 -
12G
£ ACHDRAIDH NA H-EAGLA1SE. [B. T. 325—755.
bheatha’s an dreuclid a b’isle’s an Eaglais. Bha e math do na
h-Iudhaich, a bha na dhuthaich, ach dioghaltach an aghaidh
saobh-chreidmhich. Ged bha e-fein ’na sgriobhadair mor, bha
e labhairt an aghaidh foghluim finealt nan cinneach, agus
loisg o iomadh do’n leabhraichean—’s ’na’m measg bha eachd-
raidh Lilhi. Agus mhill e cuid do na h-oibre b’oirdheirce
bh’aca, le meud eud air-son a’ chreideimh cheirt. Bha e, gidh-
eadh, faoin ann a chreideimh mu mhiorbhuilean, agus
ghniomha nan naomh. Bha’n t-iompaire lustinian tabhairt
didinn do ionnsachadh an linn so, agus bha e fein air ainmeach-
adh ’na ughdair. An toiseach a riaghlaidh chur e roimh
iomadh ni chur ceart an leabhar lagh nan Romhanach, agus,
le naonar eile do dhaoine foghluimte’s an lagh, chriochnaich
lustinian an obair mhor sin. Bha tuilleadh ri choilionadh—
chaidh tuilleadh do dhaoine foghluimte, agus Tribonian air an
ceann, bh’air an roghnachadh chum a chuid bu luachmhoire, no
thaghta, tharruing amach—’s a chur sios—ris an do chan iad
Pandects. B’ann an dheigh sin, an 534, a chuir an t-iompaire
mach leabhar an lagh a ris, anns na chuir e fein laghan ur,
agus do’n tug e fein an t-ainm “ leabhar nuadhP
An seachdamk linn, Bha aineolas a nis dol am meud, agus, air
an aobhar sin, bha iadsan bha teagasg’s a’ sgriobhadh air bheag
eolais agus fiosrachaidh. Oha robh iad lionmhor ni bu mho,
chionn nach robh ach fior bheagan comasach air leabhraichean
chur a mach. Bha tuilleadh dhiubh ri fhaotainn ameasg nan
Greugach no bha’s an airde ’n iar. Sgriobh Timotheus an
aghaidh nan saobh-chreidmheach, agus Philoponas an aghaidh
nam paganach, agus feadhainn eile ’na aghaidh fein. Bha
lulian Pomerius air a chliuthachadh air-son na dhearbh e ’n
aghaidh nan ludhach. ’S gann a thugadh aon oidheirp air
na Sgriobha Naomha mhmeachadh. Feudar, Isidore easbuig
Shebhille, ainmeachadh mar an sgriobhaiche bu mho tuigse
agus a b’fhearr foghluim’s an linn so. Cha bhi sinn cur sios
saothair nan daoine bha tabhairt oidheirp air sgriobhadh air
modhannan, agus riaghailtean beatha o nach ’eil iad ach a’ dear-
bhadh aineolais nan linnibh’s an robh dorchadas co domhail,
’s nach faiceadh iad nithe a b’fhiu am measg nan nithe faoin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence