Skip to main content

‹‹‹ prev (131) Page 123Page 123

(133) next ››› Page 125Page 125

(132) Page 124 -
124
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 325—755.
air gach ni bha ainmeil chur an ceill. Co chuireadh an
aghaidh an neach bu mho eolais agus foghluim’s a b’fhearr
ur-labhairt ’na linn? Bha e ainmeil a thaobh a mhi-fhortain
co math’s a chailean. Itugadh e am pailteas, bha e do theagh-
lach co nasal ’s a bha ’s an Boimh. Bha Boethius socair,
saibhir, foghluimte, fiosrach, ceart agus carannach—seasamh
leis an fhirinn, ’s a’ comhnadh nam bochd. Thog Theodorus,
a thug fainear a luach, e gus na dreuchdan a b’airde, agus a
dha mhac an tils an edge. Bha e nis sona, nam biodh sonas
iomlan, no seasmhach, anns a bheatha so ; ach chaochail sin,
agus chaidh a dhite gu h-eucoireach ’s a bhinn a thabhairt
amach. Na dhaigneach’s ’na cheanglaichean chuir e leabhar
ri cheile “ air Furtachd fealhanachd,1'' leabhar ro luachmhor,
a chuireadh urram air daoine foghluimte nan linnibh a threig.
Cha b’e mhain a chuis dhitidh chuireadh an aghaidh an duine
bu mho foghluim agus soilleireachd ’na am fein.—gu robh e air
son a dhuthaich a shaoradh o shluagh allmharrach, ach gu do
sgriobh e mar an ceudna ’n aghaidh barailean dhaoine dheal-
aich ris an eagiais cheart, no bha saobh-chreidmheach ;—cuid
d’an robh Theodorus fein tabhairt geill.
Bha moran a sgriobh mu chuspairean bha toirt a steach
deasboireaehd agus connsachaidh do’n Eagiais—ged nach robh
ni ur no ro araid ’g a thabhairt chuige leo, bhiodh e mi-fheumail
bhi cur sios ainmean mu nach ruig sinn leas tuilleadh a radh.
Bha iadsan a sgriobh eachdraidh an duthcha,—no eachdraidh
na h-Eaglaise, mar an ceudna, gun an t-oilean finealt a tha
feumail chum eolas a sgaoileadh agus soilleireachd a thabhairt
mu nithe bha dol a cuimhne, no’m folach an dorchadas nan
linnibh aineolach sin. ’S iad na seanachaidh is ro airidh air
iomradh, Procopius agus Agathias—chaidh a cheud aon diubh
le Belisarius gu cogadh na Feudailt agus Africa;—choisinn e
urrad do chliu’s gu do thogadh e gu h-inbhe agus dreuchdan
urramach. Sgriobh e da leabhar air cogadh Phersia, dithis *
air cogadh nam Bhandals, agus ceithir air cogadh nan (Joth-
ach. Bha e cliuthachadh lustiniain agus Theodara, gu ro-
mhor, air-son gach subhaile agus maitheas ; ach an cunntas
diomhair bh’air a chur a mach, ’s a chaidh chur as a leth-san

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence