Skip to main content

‹‹‹ prev (126) Page 118Page 118

(128) next ››› Page 120Page 120

(127) Page 119 -
Caib. IV.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
119
e stad air aimhreit’ a dh’eirich eadar luchd-leanmhuinn Ariuis
agus iad-san a blmineadh do’neaglais choitcheann, mu roghainn
adheanamhdo easbuig,—’nuair a cho-eignicheadh, le aon ghuth
a1 phobuill, e fein a ghabhail,—agus thogadh e o’n staid a
b’isle’s an eaglais dh’aon uair gu cathair an easbuig ;—sheas
e gu daingean leis an eaglais an aghaidh na dream a d'fhag i,
agus bha’n t-iompaire Iustinian,agus an iompaire Theodosius, a
chum e o thigh aoraidh thogail do na h-Iudhaich am Milan,
agus altair a chur suas do Bhuaidh. Cha b’e sin uile e, fhuair
e coire do’n iompaire air-son hr an Thessalonica, agus thug e
air breth-aireachd a dheanamh. Bha Ambrose fada air taobh
nam manach, agus an-iochdmhar riusan bha ’n aghaidh a
bharail fein mu chreideamh. Bha e co faoin ’s gu robh e
creidsinn, no cur am fiach orrasan bha leantuinn Ariuis, gu
robh cumhachd aig fuigheal naoimh dh’fheuchainn gu robh
comhairle Nicene ceart, agus Ariuis an-diadhaidh. Sgriobh
Ambrose air iomadh cuspair, mu’n robh moran deasboireachd
’s na linnibh sin.
Bha Lactansius fada thar gach ughdair’s a’ cheathramh
linn, thaobh ur-labhairt fhileanta ghrinn, bha ga chur an
coimeas ris na sgriobhaichean a b1 ainmeile bha riamh ’s an
Roimhe. B’e aoide ionnsachaidh Chrispius a chuir Constantine,
Iathair, gu bas a measg luchairt agus moran pailteis bha e-san
air a chomharachadh le shubhailc agus a bhochduinn. ’S e
obair mhor chuir beul sios air aoradh nam paganach, a bha
gu h-eugnaidh feuchainn ris a chreideamh chriosduidh. Bha
e maslach do’n linn, am feadh bha cleir agus manaich aineolach
saobhach faotainn duais agus aite, gu robh e-san a’ caithe a
laithean gun aon diubh sin. Bha iadsan bha seasmhach,
deonach, le aon taobh, no taobh eile faotainn na dh’iarradh iad,
i ’n tra bha Lactansius, deas-bhriathrach, finealta lan eolais
agus fiosrachaidh ;—aig an robh tuigse agus ceud fathaibh
| thar na daoine b’ainmeile ’na am, gun luigheachd no iomradh
mar thoill e.
B’iad lerom, manach, a Palestine, agus Augustin eugnaidh,
easbuig Hippo, ’na daoine b’ ionnsaichte ’s an linn so. Bha
lerom, ro-fhiosrach anns gach foghlum sgrioptuireil. Cha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence