Skip to main content

‹‹‹ prev (107) Page 99Page 99

(109) next ››› Page 101Page 101

(108) Page 100 -
100
EACHDKAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 325—755.
thabhairt. Ann am lustiniain bha iad ’g a h-ainmeaehadh
coladh ris na h-ard aingle Michael agus Gabriel ann am
mionnan. Bha iad fas ni bu deonaiche air a chleir fhuir-
each o phosadh, ’s a’ cur a mach reachdan air-son iadsan aig
an robh mnai chomuin chur uatha; agus a bhacadh dhoibh-
san bha’n caoineas thaobh aoide agus dalta, co math ’s an
cairdeas thaobh fola.
Bha’n creideamh fein ach beag air a chall, no air a choi-
measgadh le saobh-creideamh air mhodh’s gu robh iomadh a’
creidsinn gu gabhadh Dia riu air-son an ainm amhain.
’Nam biodh iad do’n sireamh bha cur ri nithe an t-saoghail
air-son beatha eile, no gu deanadh claoidh agus eibeanachd
d’an corp dioladh air-son nan droch ghniomha bu mho, ’s bu
mhiosa; no gu deanadh iad deas-ghnathaibh chur suas, no
urram thabhairt do thighibh manach gu biodh iad uile-chinnt-
each a sabhaladh. Thug a mhathair air Sigismund, righ
Bhurgandi, a mhac fein a mharbhadh, agus bha e toirt oidh-
eirp air fearg an Uile-chumhachdaich, air-son a ghniomh
oilteil, a chasgadh le duais mhor a thoirt do thigh manach a
NaoimhGhille Moire ann an Bhallais. Thog Bacsarius, easbuig
Arleis,’s a’ bhliadhna 507, tigh do na cailleachan dubha, agus
rinn se e fein ainmeil, leis na riaghailtean a rinn e air-son
beatha manaich. Aon diubh sin—an te nach gabhadh cron-
achadh air dhoigh bha i ri sgursadh le da fhichead buille
ach a h-aon.
Shuidhich Benedict comunn eile a ghabh ainm’s a sheas
feadh gach linn gus an la ’n diugh. Thog e da thigh dheug
’s an fhasach agus bha da mhanach dheug anns gach aon
diubh. Thogadh aon diubh sin co ard’s gu robh an tigh so
os ceann cumhachd easbuig, ’s bha ceithir bailtean deug fuidh
na riaghailtean a bh’ann. Cha robh na riaghailtean bh’aig
Benedict co chruaidh, ach mheudaich a chomunn an Subla-
cam a dlT aitich iad. Ohaidh e a sin do Bheinn Cassin, far
an do chaochail e, mu’n bhliadhna 545.
Cha bhiodh ach call uine tighinn air na manaich uile bha
g’an deanamh fein ainmeil air iomadh doigh anns nach robh
eifeachd, no feum. Thoisich iad ri seasamh air carragh’s an
airde ’n ear. Bha iad a’ call an ceill, ’s an tur, ’s a’ siubha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence