Skip to main content

‹‹‹ prev (106) Page 98Page 98

(108) next ››› Page 100Page 100

(107) Page 99 -
Caib. II.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
99
a thaghadli aon diubh. Bha chomhairle so trasg, an sin
tilgeadh chroinn, ’s a’ fagail an rbghainn aig Criosd.* Cha
robli an roghainn no an doighean idir freagairt na crich ris
am bn choir dhoibh amharc. Bha na ceannardan deonach
orrasan a b’fhearr foghluim a roghnachadh, ach bha iad fein
gun eolas.
Bha saobh-chreideamh a1 freumhachadh agus a’ chleir fas
saoibhir. Bha’n sluagh air an teagasg gu b’ iadsan bn mho
bheireadh do’n Eaglais b’fhaigse do neamh. Bha Eaglais na
Roimhe ro-shoghail dealachadh ris gach ni air son luach, agus
bha tri roinnean ’g a dheanamh do’n airgiod; —bha aon earrann
gu feum na h-eaglaise, an dara earrann dol chum an easbuig,
agus a chuid eile ’g a roinn air a chleir, ’s bha sin togail an
easbuig fad thar chach. Bha moran dilip ’g a fhagail aig an
Eaglais. Reir aithne Chonstantine bha gach ni bh’aca-san
air an robh geur-leanmhuinn ’g a dheanamh, ’s na martaraich
’g a fhagail aig a chleir. ’Nuair thilgeadh sios teampuill nan
cinneach bha gach seud luachmhor a bh’annta ’g a fhagail air
uairibh aig an Eaglais, no aig a’ chleir ; agus thug Justinian
dhoibh mar an ceudna gach seud a bh’aig daoine chaidh mach
as an Eaglais.
Cha d’rinneadh moran atharrachaidh air teagasgan’s an
linn so. Bha Griogair, ris an canadh iad’s an Roimh “ Mor,”
sparradh fulangais ait eadar-mheadhon air a’ phobull aineolach.
Tha cuid am barail gu b’e’m papa saobh-chreideach so steidh-
ich an creideamh mu phurgadoir, ’s am bheil daoine ri fulang
an deigh an saoghal so fhagail, ’s mu’n teid an t-anam d’a
aite fein. Bha Augustin, ’s an linn roimh teagasg an ni
ceudna. Bha moran bharailean mu phurgadoir. Oiod e’n
t-aite bh’ann, no cia ’n aite’s an robh e ! An ann far am
bheil teine mor briseadh mach, no’s a’ chuan, no’n ionada
dorainneach iurainn, no an dbrainn uamhunn an anma
fein P Bha cuid a’ cur an ceill gu b’iad aingle bha ri’n claoidh,
cuid eile, gu b’iad deamhain. Bha na h-uile creidsinn gu robh
eifeachd mor an dealbhan agus fuigheal nan naomh—’s gu
h-araid ’s an bigh Muire, d’an robh an t-urram bu mho ’g a
’ Bingham.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence