Skip to main content

‹‹‹ prev (93) Page 85Page 85

(95) next ››› Page 87Page 87

(94) Page 86 -
86
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 325—755.
Fhraing dli’fhuasgail e Pepin o mliionnan d’a uachdaran
dligheach, agus chuir e’n coron air a cheann,—ach bha bar-
rachd sin a ghnothuck aige ris. Dh’iarr e comhnadh an agh-
aidh nam Lombardaich a’ gealltuinn sonais agus saoibhreis da
nis agus a ris na’n cuireadh e leis, agus a’ bagradh gu cruaidh
mar deanadh e mar bha e-san a’ sireadh. Chaidh Pepin an
aghaidk a righ dligheach,—bha buaidh leis, agus thug e air
na h-ionada sin striochdadh do ard-shagairt na Roimhe, a thog
e gu uachdaranachd mor fearainn agus da bhaile mhor thar
fhickead.
Bha’n ceangal eadar Papa na Roimh agus Pepin air a
dhaingneachadh leis an fheum a bh’aca air comhnadh o cheile.
Caibidil II.
Mu RIAGHLADH NA H-EAGLAISE, TEAGASGAN, AGUS DEAS-GHNATHAIBH.
Riaghailtean ur ’s an Eaglais—Na Criosduidhean fas lionmhor. Am
pobull cumail suas an luchd-teagaisg agus frithealaidh; agus, uime sin, ’g an
roghnachadh Easbuigean.
Bha riaghailtean na h-Eaglaise annamh air tus ach
soilleir agus so-thuigsinn. Mar bha na Criosduidhean fas
lionmhor bha feum air tuilleadh, agus, uime sin, bha feadh-
ainn ur ’g an cur riu sin, o am gu h-am. Bha’m pobull a nis
a’ tional a dh’ionadan eigin; bha easbuig, no fear-coimhead
tharpa, aig an robh luchd-cuideachaidh, reir ’s mar bha feum
orra. Bha’m ministeir, a bha frithealadh dhoibh an nithe
naomha, ri bhi thairis orra re a bheatha, mar tachradh do aite
no dhreuchd thoirt uaith, air-son a theagasg, no chaithe-
beatha; agus chainte ris mar an taisbeanadh Eoin aingeal na
h-Eaglaise. ’S na linnibh sin bha iadsan bha frithealadh ri ’n
cumail suas leis a’ cho-thional, agus bha iad uile air an ceangal
coladh le gradh. Bha iad gu leir air an comharachadh le aon
inntinn agus ionracas diadhaidh; ach cha do inhair an co-
cheangal sin daonan. Bha barailean agus atharrachadh dhoigh-
ibh aig daoine anns gach linn bha leantuinn. B’i chrioch mhor

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence