Skip to main content

‹‹‹ prev (92) Page 84Page 84

(94) next ››› Page 86Page 86

(93) Page 85 -
Caib. I.] EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. 85
bh’air an arm;—dhiult iad umhlachd thoirt do laglian, no
riaghailtean. Smachdaich Leo a ris a’ chleir an cearnan eile,
toirt a chain, no’n deachamh uatha’s g’an cur fodh ughdarras
Bhisanshium. Bha mar sin, an t-iompaire, am papa, ’s a’ chleir
an aghaidh a cheile; ’s an sluagh aineolach ri aoradh, air an
treorachadh mar tha daill leis an dall.
Bha Irene, a’ bhan iompaire, mi stuama, ana-cneasda,
agus fuileach, air a cur an aireamh nan naomh, a chionn gu
robh i air-son aoradh nan dealbh.
Bha moran aimhreit, trioblaid, agus truaigh’s an linn so,—
cha b’ann a mhain’s an Eaglais, ach, mar an ceudna, feadh na
h-iompaireachd aims gach duthaich. Bha atharrachadh bith-
eanta mi riaghailt agus aineolas;—cha robh miadh air oilean,
no foghlum. Bha gach droch-bheirt ’g a chur an gniomh fuidh
sgaile creideimh. Bha moran bhailtean air an sgrios an
Siria, ’s am Palestin le crith-thalmhain. Bha dorchadas ann
a mhair re mios do’n fhoghar, air mhodh’s nach robh dealach-
adh mar eadar an la’s an oidhche’s na tiribh sin, ’s thainig
plaighean ’na dheigh a sgaoil fad agus cein ’s an airde ’n ear,
’s a mhair tri bliadhna cur as do mhiltean,
Bha luchd-aidmheil Mahomeit cur as do na Criosduidhean
anns gach aite bha fo’n cumhachd. Thainig na Saracens, ’s a’
bhliadhna 714, do’n Spainte, ’s do chriochaibh na h-airde ’n
ear. Bha cor na h-Eorpa truagh eutorra uile ; ach bha
cumhachd a’ phapa dol am mend ’n am measg gu leir. Bha
saobh-chreideamh agus ceannairc dol le cheile, ’s ’g an togail
suas gu bhi ’n an sgiurs fad iomadh linn ’na dheigh sin.
Chi iadsan a leughas eachdraidh nan amaibh sin mar bha
gach eucoir ’g a chaitheadh, gach innleachd ’g a dhealbh,
each ceil" !i'a chur an "niomh leo san-bha riaghladh; a bha ri
cogadh, ’s a bha frithealadh’s an Eaglais ;—gach aon air son a
ghnothuich fein, cumail amach aobhair dhligheach, no creid-
eamh mar a b’fhearr a fhreagaradh.
Bha cumhachd a phapa nis co mor ’s nach deanadh righ-
rean agus iompairean, bha’n aghaidh a cheile, ni sam bith gun
a chomhairle ;—agus bi bhreth bha e-san toirt a dh’fheumadh
iad a leantuinn, co dhiubh bi choir no eucoir i. ’N a thuras do n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence