Skip to main content

‹‹‹ prev (562) Page 554Page 554

(564) next ››› Page 556Page 556

(563) Page 555 -
CAIB. XIY,
555
an crios a dh’&ithn mise dhuit fholach anns
an aite sin.
7 An sin dh’fhalbh mi gu Euphrates, ag-
us chladhaich mi, agus thug mi an crios as
an aite san dh’fholuich mi e; agus, feuch,
bha’n crios millte, cha b’thiCi air son ni sam
bith e.
8 An sin thainig focal an Tighearn a’
m’ionnsuidh, ag radh,
9 Mar so deir an Tighearn ; Air a’
mhodh so millidh mise uaill ludah, agus
uaill mhor lerusuleira.
10 An sluagh ole so, tha diilltadh mo
bhriathran-sa eisdeachd, a tha siubhal a
!reir cruais an cridhe fein, agus a’ dol an
deigh dhee coimheach, gu seirbhisa dhean-
amh dhoibh, agus gu aoradh a thoirt
>ij doibh ; bithidh iad eadhon mar an crios so,
j nach fiu air son ni sain bith.
11 Oir mar a dhlilth-leanas an crios ri
tf leasraibh duine, mar sin thug mise air tigh
Israeil uile, agus air tigh ludah uile,
dluth-leantuinn riumsa, deir an Tighearn ;
achumgu'm biodh iad dhomh mar shluagh,
agus mar ainm, agus mar chliu, agus mar
ghloir : ach cha n eisdeadh iadsan.
12 Labhraidh tu riu fos am focal so, Mar
so deir lehobhah Dia Israeil; Lionar gach
soireadh le lion. Agus their iad riut, Nach
7eil lios cinnteach againn gu lionar gach
soireadh le lion ?
13 An sin their thu riu, Mar so deir an
Tighearn, Feuch lionaidh mise luchd ait-
eachaidh na tire so air fad, eadhon na righ-
rean a tha ’nan suidlie an aite Dhaibhidh
air a righ-chaithir, agus na sagairt, agus na
f&idhean, agus uile Inchd-aiteachaidh le-
rusaleim, le misg.
14 Agus pronnaidh mi iad an aghaidh a
cheile, eadhon na h-aithricheau agus na
mie le cheile, deir an Tighearn ; cha ghabh
mi truas, ni mo choigleas mi, ni mo a ni
mi iochd, air chor as nach sgriosainn
iad.
15 Eisdihh, agus thugaibh aire, na bith-
ibh uaibhreach ; oir labhair an Tigh-
earn.
16 Thugaibh-sa gloir do’n Tighearn bhur
Dia, mu'n tig an dorchadas, agus mu’n
tuislich ’ur cosan air sleibhtibh na doilleir-
ea did ; an sin, an uair bhios ’ur suil ri sol¬
us, caochailear e gu sgaile a’ bh&is, eadhon
b gu dorchadas tiugh.
17 Ach mur eisd sibh ris, guilidh m’an-
am ann an ionadaibh uaigneach air son ur
M n-uabhair, agus guilidh mo shuil gu goirt,
‘ "agus silidh mo dheoir gu pailt, a chionu
gu toirear ann am bruid treud an Tigh-
earu.
18 Abair ris an righ, agus ris a’ bhan-
righinn, Irislichibh sibh fein, suidhibh
sios; oir leagar sios bhur culaidh-chinn,
Mi eadhon crun bhur gloire.
" 19 Tha bailtean na h-airde deas air an
druideadh suas, agus cha’n ’eil neach ’gam
fosgladh ; tha ludah uile air a toirt am
bruid, tha i gu h-iomlan air a toirt am
braighdeanas.
20 Tog suas do shuilean agus faic iadsan
a ta teachd o n airde tuath : c’ait am bheil
an treud a thugadh dhuit, caoraich do
mhaise ?
21 Ciod a their thu an uair a thig
smachdachadh ort ? an deigh dhuit a theag-
asg dhoibh riaghladh tharad mar cheann>
ardan ? nach dean ioghanna do ghlacadh
amhuil mnaoi ri saothair?
22 Agus an uair a their thu ann ad
chridhe, Car son a thainig na nithe so
orm ? Air son mend do chionta tha do
sgiortan air an leigeadh ris, tha do shailt-
ean air an rusgadh.
23 Am feud an t-Etiopach a chraicionn
a mhuthadh, no an liopard a bhreice ? an
sin feudaidh sibhse, bha cleachdta ri ole,
maith a dheanamh.
24 Air an aobhar sin sgapaidh mise iad
mar an asbhuain, a shiubhlas air falbh le
gaoith an fhasaich.
25 Is e so do chrannehur, an cuibhrionn
a thomhaiseadh leamsa air do shon, deir
an Tighearn ; achionn gu’ndo dhi-chuimh-
nich thu mise, agus gu’n do chuir thu do
i dhochas anns a’ bhreig.
26 Uirae sin leigidh mise do sgiortan ris
air do bheulaobh, a chum gu faicear do
I naire.
27 Chunnaic mi t’adhaltranas, agus do
I shitrich, agus do striopachas mi-n&rach,
do ghraineileachdan air na cnocaibh, anns
a’ mhachair. Mo thruaighe thu, O leru-
salera ! nach hi tliu air do ghlanadh ? c’uin*
idir a bhitheas sin t
CAIB. XIV.
Ij^OCAL an Tighearn, ath&inig gu Jere¬
miah a thaobh na goinne.
2 Tha ludah ri bron, dh’lhas a geatach-
an lag ; tha iad duaichnidh air an lar ; ag¬
us tha gaoir lerusaleim air dol suas.
3 Chuir na h-uaislean fos an claim bheag
a dh’iarraidh uisge ; thainig iad gus na
sluichd, agw# cha d’l'huair iad uisge sain
bith ; phill iad le ’n soithichibh falamh ;
bha naire agus masladh orra, chomhdaich
iad an r.inn.
4 A chionn gu bheil am fearann 'na smur,
oir cha robh uisge anns an tir; ghabh na
treabhaichean n&ire, dh fholuich iad an
cinn.
5 Seadh fos, rug an eilid a laogh anns a’
mhachair, agus threig i e, a chionn nach
robh feur ann.
6 Agus sheas na h-asala fiadhaich air na
h-ionadaibh arda, tharruing iad suas a’
ghaoth mar dhrAgonaibh; dh’fhailnich an
sdilean a chionn nach robh feur ann.
7 Ged tha ar n-eu-ceartan a’ tabhairt
fianuis 'nar n-aghaidh, O Thighearn, dean
thusa air sgath famine fein : oir tha ar
cul-sleamhnachaidh lionmhor, pheacaich
sinn a’d’ aghaidh.
8 O dhochais Israeil, a Shlanuighear ri
am airce, c’uim’ am bitheadh tu mar choig-
reach aims an tir? agus mar fhear-turuis
a thionndaidheas a leth-taobh gu fuireach
car oidhche ?
9 C’uim’ am bitheadh tu mar neach ann
an suain chodail ? mar ghaisgeach aig nach
’eil eumhachd gu tearnadh ? Gidheadh tha
thusa, O Thighearn, ’nar meadhon, agus
ortsa tha sinn air ar n-ainmeachadh ; na
dean ar treigsinn.
10 Mar so deir an Tighearn a thaobh an
t-sluaigh so, Mar so bu toil leo dol air
seachran, cha do chum iad air an ais an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence