Skip to main content

‹‹‹ prev (356) Page 348Page 348

(358) next ››› Page 350Page 350

(357) Page 349 -
CAIB. VII. VIII.
349
slainte, ag-us deanadh do naoimh gaird-
eachas ann am maitheas.
42 A Thighearna Dhe, na tionndaidh
air falhh gnuis t’aoin ungta: cuimhnieh
trdcairean Dhaibhidh do sneirbhisich.
CAIB. VII.
AGUS an uair a chuir Solamh crioch air
urnuigh a dheanamh, thainig an teirie
a nuas o neamh, agus loisg e suas an tabh-
artas-loisgte agus na h-iobairtean; agus
lion gloir an Tiglvearn an tigh.
2 Agus cha b'urrainn na sagairt dol a
steach do thigh an Tighearn, a chionn
gu’n do Hon gloir an Tighearn tigh an
Tighearn.
3 Agus an uair a chunnaic claim Israeli
tiile mar a th^inig an teine nuas, agus gloir
an Tighearn, air an tigh, chrom siad iad
fein le’n aghaidhibh chum na talmhainn
air an urlar, agus rinn iad aoradh, agus
mhol iad an Tighearn, a chionn gu bheil
e maith, gu mair a throcair gu br&th.
4 An sin dh’lobair an righ agus an
sluagli uile iobairtean am fianuis an Tigh¬
earn.
■5 Agus dh'iobair righ Solamh mar iob-
airt da rahile fichead bo, agus ceud agus
fichead mile caora : agus choisrig an righ
agus an sluagh uile tigh Dhe.
6 Agus dh’fheith na sagairt air an
dreuchd ; na Lebhithich mar an ceudna le
innealaibh-ciuil an Tighearn, a rinn Dai-
bhidh an righ a mholadh an Tighearn, a
chionn gu mair a throcair gu brath, an
uair a bha Daibhidh a’ clidttiachadh le ’n
laimh-san : agus sheid na sagairt tromp-
aidean rompa, agus sheas Israel uile.
7 Agus naomnaich Solamh meadhon na
eilirte a bha fa chomhair tighe an Tigh¬
earn : oir thug e suas an sin iobairtean-
loisgte, agus saill nan tabhartas-sith, a
chionn nach b’urrainn an altair umha a
rinn Solamh na h-iobairtean-loisgte, agus
na tabhartasan-bldh, agus an t-saill, a
ghabhail.
8 Agus chum Solamh anns an am sin an
fheill seachd laithean, agus Israel uile
inaille ris, comhchruinneachadh ro-mhor,
o dhol a stigh Hamait gu ruig amhainu na
h*Eiphit.
9 Agus air an ochdamh la chum iad ard
ehoimhthional; oir chum iad coisreagadh
na h-altarach seachd Uithean, agus an
fheill seachd l&ithean.
10 Agus air an treas 1^ fichead do’n
t-seachdamh mios leig e an sluagh air falbh
d’ara buthaibh, aoibhinn, agus subhach
’nan cridhe air son a’ mhaitheis a nochd
an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Shol-
amh, agus do Israel a shluagh.
11 Agus chriochnaich Solamh tigh an
Tighearn, agus tigh an righ ; agus gach ni
a thainig ann an cridlie Sholaimh a dhean¬
amh ann an tigh an Tighearn, agus ’na
thigh fein, shoirbhich leis ’na dheanamh.
12 Agus dir fhoillsich an Tighearn e
fein do Sholamh san oidhche, agus tliubh-
airt e ris, Chuala mi t’urnuigh, agus thagh
mi ’n t-aite so dhomh fein air son tighe
iobairte.
13 Ma dhruideas mi na neamhan, agus
nach bi uisge ann, no ma dh'^ithneas mi
do na locuist am fearann itheadh suas, no
ma chuireas mi plaigh am measg mo
shluaigh ;
14 Ala dh’irioslaicheas mo shluagh air an
goirear m’ainm iad fein, agus gu n dean
iad urnuigh, agus gu’n iarr lad mo ghnuis,
agus gu’m pill iad o’n droch shliglnhh, an
sin cluinnidh mise o na neamhaibh, agus
maithidh mi am peacadh, agus leighisidh
mi am fearann.
lo A nis bithidh mo shuilean fosgailte,
agus bheir mo ehluasan an aire do urnuigh
an aite so :
16 Oir a nis thagh mi agus naomhaich
mi an tigh so, chum gu’m bi m’ainm an
sin gu br&th ; agus bithidh mo shuilean ag¬
us mo chridhe an sin gach la.
17 Agus ma ghluaiseas tusa ann am
fhianuis, mar a ghluais Daibhidh t athair,
agus ma ni thu a reir gach ni a dhaithn
mi dhuit, agus gu’n gleidh thu mo reachd-
an agus mo bhreitheanais ;
18 An sin daingnichidh mise righ-chai-
thir do rioghachd, mar a rinn mi coimh-
cheangal ri Daibhidh t athair, ag radh,
Cha bhi duine dhith ort gu bhi ’na uachd-
aran ann an Israel.
19 Ach ma thionndaidheas sibh uam,
agus gu’n treig sibh mo reachdan agus
m’&itheantnn a chuir mi roimhibh, agus
gu’n teid sibh agus gu’n dean sibh seirbhis
do dhiathaibh eile, agus gu’n sleuchd sibh
dhoibh;
20 An sin spionaidh mise sibh a m’fhear-
ann a thug mi dhuibh ; agus an tigh so a
naomhaich mi do m’ainm, tilgidh mi as
mo shealladh, agus ni mi e ’na shamhladh
agus ’na leth-fhocal am measg nan uile
chinneach.
21 Agus an tigh so a bha co ard, bithidh
iongantas air gach neach a theid seachad
air, agus their e, Car son a rinn an Tigh¬
earna mar so ris an tir so, agus ris an tigh
so ?
22 Agus freagrar, A chionn gu’n do
threig iad an Tighearna Dia an aithriche,
a thug a mach iad d tir na h-Eiphit, agus
gu’n So ghabh iad d an ionnsuidh diathan
eile, agus gu’n do shleuchd iad dhoibh, ag¬
us gu’n do rinn iad seirbhis dhoibh; uime
sin thug e an t-olc so uile orra.
CAIB. VIII.
AGUS tharladh an ceann fhichead bliadh-
na, anns an do thog Solamh tigh an
Tighearn agus a thigh fein,
2 Na baiitean a thug Huram do Shol¬
amh, gu’n do thog Solamh iad, agus thug
e air cloinn Israeil cdmhnuidh a ghabhail
an sin.
3 Agus chaidh Solamh gu Hamat-sob-
ah, agus thug e buaidh air.
4 Agus thog e Tadmor anns an fhas-
ach, agus na baiitean ionmhais uile a thog
e ann an Haraat.
5 Mar an ceudna thog e Bet-horon
uachdarach, agus Bet-horon iochdarach,
bailte daingnichte, le hallachaibh, geataibh
agus crannaibh:
6 Agus Baalat, agus na h-uile bhailtean
ionmhais a bha aig Solamh, agus uile
bhailte nan carbad, agus baiitean a’mliarc-
shluaigh, agus uile mhiann Sholaimh a
2 G 2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence