Skip to main content

‹‹‹ prev (323) Page 315Page 315

(325) next ››› Page 317Page 317

(324) Page 316 -
316
II. RIGH.
do ehlaon e dli’ionnsuidh na laimhe deise
no na laimhe cllthe.
3 Ag-us auns an ochdamh bliadlina deug-
do rigli losiah, chuir an righ Saphan mac
Asaliah, mhic Mhesulaim, an sgrlobh-
aiche, do thigh an Tighearn, ag radh,
4 Falbh suas gu Hilciah an t-ard shag-
art, chum gu’n aireamh e an t-airgiod a
thugadh do thigh an Tighearn, a chruinu-
ich Tuchd-gleidhidh an doruis o n t-sluagh :
5 Agus thugadh iad e do l&imh luchd-
deanamh na h-oibre, dhoibh-san a tha os
ceann tighe an Tighearn : agus thugadh
iadsan e do luehd-deanamh na h-oibre, a
tha ann an tigh an Tighearn, a charadh
brisidh an tighe;
6 Do shaoraibh, agus do luchd-togail,
agus do chlachairibh, agus a cheannach
fiodha, agus chlach snaidhte, a charadh an
tighe.
7 Gidheadh, cha d’rinneadh cunntas riu
thaobh an airgid a thugadh d’an laimh, a
chionn gu’n d rinn iad gu h-ionraic.
8 Agus thubhairt Hilciah an t-^rd shag-
art ri Saphan an sgriobhaiche, Fhuair mi
leabhar an lagha ann an tigh an Tighearn :
agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan,
agus leugh se e.
9 Agus thainig Saphan an sgriobhaiche
dh’ionnsuidh an righ, agus dh’aithris e ’n
gnothuch do’n righ, agus thubhairt e,
Chruinnich do sheirbhisich an t-airgiod a
fhuaradh aims an tigh, agus thug iad e do
laimh luchd-deanamh na h-oibre, a bha os
ceann tighe an Tighearn.
10 Agus dh’innis Saphan an sgriobh¬
aiche do'n righ, ag radh, Thug Hilciah an
sagart leabhar dhomh : agus leugh Saphan
e an lathair an righ.
11 Agus an uair a chual* an righ briath-
ra leabhair an lagha, reub e ’eudach.
12 Agus dh’siitnn an righ do Hilciah an
sagart, agus do Ahicam mac Shaphain,
agus do Achbor mac Mhicaiah, agus do
Shaphan an sgriobhaiche, agus do Asah-
iah seirbhiseach an righ, ag radii,
13 Rachaibh, fiosraichibh do’n Tighearn
air mo shon-sa, agus air son an t-sluaigh,
agus air son ludah uile, thaobh bhriathran
an leabhair so a fhuaradh : oir is mor fearg
an Tighearn a tha air lasadh ’nar n-agh-
aidh, a chionn nach d’eisd ar n-aithriche
ri briathraibh an leabhair so, a dheanamh
a reir each ni a ta sgriobhta d’ar taobh.
14 Uime sin chaidh Hilciah an sagart,
agus Ahicam, agus Achbor, agus Saphan,
agus Asahiah, dh’ionnsuidh Huldah a’
bhan-fhaidh, mna Shaluim mhic Thicbhah,
mhic Harhais, fir-gleidhidh an eudaich, (a
nis bha i chdmhnuidh ann an lerusalera
arms an oil-thigh,) agus labhair iad rithe.
15 Agus thubhairt i riu, Mar so tha n
Tighearna Dia Israeli ag radh, Innsibh
do’n duine a chuir a m’ iounsuidh-sa
sibh,
16 Mar so than Tighearn ag radh, i
Feuch, bheir raise ole air an aite so, agus
air a luchd-aiteachaidh, eadhon uile i
bhriathran au leabhair a leugh righ lu- s
dah: <
17 A chionn gu’n do threig iad raise, ag- <
us gu n do loisg iad tuis do dhiathaibh <
eile, chum mo bhrosnachadh gu corruich
i le uile oibribh an lamh: uime sin lasaidh
m’fhearg an aghaidh au aite so, agus cha
■ mhuchar i.
18 Ach ri righ ludah a chuir sibh a
dh’fhiosrachadh don Tighearna, mar so
their sibh ris, Mar so tha’n Tighearna Dia
Israeil ag radh, A thaobh nara briathran
. a chual’ thu,
19 A chionn gu’n robh do chridhe tiom,
agus gu’n d’irislich thu thu fein an lathair
an Tighearna, ’nuair a chual’ thu ciod a
labhair raise an aghaidh an aite so, agus
an aghaidh a luchd-aiteachaidh, gu’m
biodh iad ’nam fasach, agus ’nam mallach-
adh, agus gw n do reub thu t’eudach, agus
gu'n do ghuil thu a’m’ fhianuis; chuala
raise mar an ceudna thusa, ars' an Tigh¬
earna.
20 Feuch uime sin, cruinnichidh raise
thu chum t’aithriche, agus cruinnichear
thu do d’ uaigh an sith, agus cha ’n fhaic
do shdilean an t-olc sin uile a bheir raise
air an aite so. Agus thug iad fios a ris a
dh’ioimsuidh an righ.
CAIB. XXIII.
AGUS chuir an righ teachdairean uaith,
agus chruinnich d'a ionnsuidh uile
sheanairean ludah, agus lerusaleim.
2 Agus chaidh an righ suas do thigh an
Tighearn, agus daoine ludah uile, agus
uile luchd-aiteachaidh lerusaleim maille
ris, agus na sagartan, agus na f&idhean,
agus an sluagh uile eadar bheag agus
mhor: agus leugh e ’nan eisdeaclid uile
bhriathra leabhair a’ choimhcheangail, a
fhuaradh ann an tigh an Tighearn.
3 Agus sheas an righ laimh ri post, agus
rinn e coimhcheangal am fianuis an Tigh¬
earna, gu’n gluaiseadh iad an deigh an
Tighearn, agus gu'n gleidheadh iad ’aith-
eantan, agus a theisteis, agus a reachdan,
le’n uile chridhe, agus le’n uile anam, a
choimhlionadh bhriathran a' choimh¬
cheangail so, a ta sgriobhta san leabhar so :
agus sheas an sluagh uile ris a’ choimh-
cheangal.
4 Agus dh’aithn an righ do Hilciah an
t-ard shagart, agus do shagartaibh an dara
drduigh, agus do luchd-gleidhidh an dor¬
uis, na sdithichean uile a rinneadh do
Bhaal, agus do’n doire, agus do uile ann-
ailt n&imh, a thoirt a mach a teampull
an Tighearn: agus loisg e iad an taobh
a muigh do lerusalem ann am machair-
ibh Chidroin, agus ghiulain e’n luath gu
Bet-el.
5 Agus chuir e as do shagartaibh an
iodhol-aoraidh, a dh'orduich nghrean lu¬
dah a losgadh tuis aims na h-aitibh
arda, ann am raor-bhailtihh ludah, agus
aims na h-aitibh mu thimchioll lerusa¬
leim ; iadsan mar an ceudna a loisg tuis do
Bhaal, do’n ghrein, agus do'n ghealaich,
agus do na reultaibh seachranach, agus do
uile armailt neimh.
6 Agus thug e’n doire o thigh an Tigh¬
earn, an taobh a mach do lerusalem, gu
sruth Chidroin, agus loisg se e aig sruth
Chidroin, agus mhin phronn e gu luaithre
e, agus thilg e a luaithre air uaighibh
cloiune an t-sluaigh.
7 Agus bhris e si os tighean nan Sodom-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence