Skip to main content

‹‹‹ prev (35) Page 27Page 27

(37) next ››› Page 29Page 29

(36) Page 28 -
28
GENESIS.
9 Agus thubliairt Esau, Tha agamsa
ailteas, a bhrathair; gleidh dhuit fein na
heil agad.
10 Agus thubhairt Jacob, Ni h-eadh,
guidheam ort, ma fhuair mi nis deadh-
ghean a’d’ shuilibh, an sin gabh mo thiodh-
lac o m’lairah : oir uime sin chunnaic mi
do ghnilis, mar gu’m faicinn gnuis De, ag¬
us thaitinn mi riut.
11 Gabh, guidheam ort, mo bheannach-
adh a thugadh a d’ iounsuidh, do bhrigh
gu ’n do bhuin Dia gu toirbheartach rium,
agus gu bheil agam mor phailteas: agus
rinn e ro-earail air, agus ghabh se e.
12 Agus thubhairt e, Gabhamaid ar
turus, agus biomaid ag imeachd, agus theid
mise maille riut.
13 Agus thubhairt e ris, Tha fios aig mo
thighearna gu bheil a’ chlann maoth, agus
na treudan agus an fheudail, a ta maille
rium, trom le h-al; agus ma dll’ iomainear
iad gu dian aon latha, gheibh an treud uile
bas.
14 Rachadh, gfuidheam ort, mo thigh¬
earna seaehad roimh a sheirbliiseach : ag¬
us gabhaidh mise an t-slighe gu socrach, a
r§ir mar a bhios an spreidh a ta romham,
agus a’ chlann, comasach air fhulang, gus
an tig mi dh’ ionnsuidh mo thighearna gu
Seir.
15 Agus thubhairt Esau, Leig learn a
nis cilia do ’n mhuinntir a ta maille rium
fMgail mar-riut: Agusthubhair tesan, Car
son sin ? faigheam-sa deadh-ghean an suil-
ibh mo thighearna.
16 Mar sin phili Esau san la sin fein air
a shlighe gu Seir.
17 Agus dh’ imich Jacob gu Sucot, agus
thog e dha fein tigh, agus rinn e bothain
d’ a spreidh: air an aobhar sin thugadh
Sucot mar ainm air an aite.
18 Agus thainig Jacob do Shalem, baile
Shecheim a ta aim an tir Chanaain, ’nuair
a thainig e o Phadan-aram ; iigus shuidhich
e a bhuth fa chorahair a' bhaile.
19 Agus cheannaich e mir fearainn, far
an do shuidhich e a bhuth, o laimh chloinne
Hamoir athar Shecheim, air cheud bonn
airgid.
20 Agus chuir e suas altair an sin, agus
thug e El-Elohe-Israel mar ainm oirre.
CAIB. XXXIV.
AGUSchaidhDinah nighean Leah,a rug
i do lacob, a mach a dh’fhaicinn nigh-
eana na tire.
2 Agus ’nuair a chunnaic Sechem mac
Hamoir an Ibhich, uachdaran na tire i,
ghabh e i, agus luidh e leatha, agus thruaill
e i.
3 Agus dhluth-lean 'anam ri Dinah nigh¬
ean lacoib, agus ghradhaich e a’ ghruag-
ach, agus labhair e gu caomli ris a’ ghruag-
aich.
4 Agus labhair Sechem ri Hamor ’ath-
air, ag r&dh, Faigh dhomhsa a’ ghruagach
bo mar rahnaoi.
5 Agus chuala lacob gu ’n do thruaill e
Dinah a nighean ; (nis bha a mhic maille
r’ a spreidh sa' mhachair;) agus bha lacob
’na thosd gus an d’ thaiuig iad.
6 Agus chaidh Hamor athair Shecheim
a mach a dlf ionnsuidh lacoib, a labhairt ris.
7 Agus thainig mic lacoib o ’n mhachair
’nuair a chual’ iad e, agus bha na daoine
doilich, agus bha fearg mhor orra; a chionn
gu’n d rinn e amaideachd aim an Israel, ann
an luidlie le nighean lacoib, ni nach bu
choir a dheanamh.
8 Agus labhair Hamor riu, ag radh, Tha
anam mo mhic Shecheim an ro-gheall air
bhur nighinn : thugaibh dha i, guidheam
oirbh, mar mhnaoi.
9 Agus deanaibh ceanglaiche-posaidh
ruinne; bhur nigheana-sa thugaibh
dhuinne, agus ar nigheana-ne gabhaidh
sibh dhuibhse.
10 Agus maille ruinne gabhaidh sibh
comhnuidh : agus bithidh an tir roimhibh ;
gabhaibh comhnuidh, agus deanaibh reic
agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh
innte.
11 Agus thubhairt Sechem r’ a h-athair,
agus r'a braithribh, Faigheam deadh-ghean
’nur suilibh; agus ge b’ e ni a their sibh
rium, bheir mi ahuwh.
12 Air a mheud ’s gu ’n dean sibh an
dubharaidh orm, agus an tiodhlac, bheir
mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium :
a mhain thugaibh dhomh a’ ghruagach mar
mhnaoi.
13 Agus fhreagair mic lacoib Sechem
agus Hamor ’athair le ceilg, agus labhair
iad, (a chionn gu ’n do thruaill e Dinah
am piuthar,)
14 Agus thubhairt iad riu, Cha ’n fheud
sinne an ni so dheanamh, ar piuthar a thoirt
do dhuine neo-thimchioll-ghearta: oir
bhiodh sin 'na mhasladh dhuinne.
15 Ach an so aontaichidh sinn leibh ; ma
bhios sibhse mar a ta sinne, gu’n timchiqll-
ghearrar gach firionnach ’nur measg ;
16 An sin bheir sinne arnigheana dhuibh¬
se, agus bhur nigheana-sa gabhaidh sinn
dhuinne, agus gabhaidh shin comhnuidh
maille ribh, agus bithidh sinn ’nar n-aon
sluagh.
17 Ach mur6isd sibh ruinne, sibh a bhi 1
air bhur tifachioll-ghearradh, an sin gabh¬
aidh sinne ar nighean, agus falbhaidh sinn.
18 Agus thaitinn am briathrari Hamor,
agus ri Sechem mac Hamoir.
19 Agus cha do chuir an t-dganach dail
anus an ni a dheanamh, a chionn gu ’n robh
tlachdaige ann an nighinn lacoib : agus bha
e ni b’ urramaiche na tigh ’athar uile.
20 Agus thainig Hamor, agus Sechem a
mhac gu geatadh am baile, a*rus labhair
iad ri daoinibh am baile, ag radh,
21 Tha na daoine so siochail maille ruinn,
air an aobhar sin gabhadh iad corohnuidh
san tir, agus deanadh iad reic agus ceann¬
achd innte ; thaobh an fhearainn, feuch,
Maefarsuinn ni’s leor dhoibh: an nigheana-
sa gabhaidh sinne dhuinne mar mhnai, ag¬
us ar nigheana-ne bheir sinne dhoibh-san.
22 A mhain anns an ni so aontaichidh na
daoine leinn, gu comhnuidh ghabhail maille
ruinn, gu bhi ’nar n-aon sluagh, ma thira-
chioll-ghearrar gach firionnach againne,
mar a ta iadsan air an timchioll-ghearradh.
23 Nach leinne an spreidh, agus am
maoin, agus an ainmhidhean uile ? a mhain
aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad
comhnuidh maille ruinn.
24 Agus dh’ eisd gach neach a chaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence