Skip to main content

‹‹‹ prev (31) Page 23Page 23

(33) next ››› Page 25Page 25

(32) Page 24 -
24
GENESIS.
31 Agus ‘nuair a chunnaic an Tighearna
gu ’n d’ thugadh fuath do Leah, dh' fhosgail
e a bolg : ach bha Rachel gun chlann.
32 Agus dh’fhas Leah torrach, agus rug i
mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir
thubhairt i, Gu deimhin dh’ amhairc an
Tighearn air m’ amhghar, a nis uime sin
gTcldhaichidh m’ fhear mi.
33 Agus dh* fMs i torrach a ris, agus rug
i mac, agus thubhairt i. A chionn gu n cuala
’n Tighearna gu 'n robh mi air m’ fhuath-
achadh, uime sin thug e dhomh am man
so cuideachd: agus thug i Simeon mar
ainm air.
34 Agus dh’fhas i torrach a ris, agus rug
i mac ; agus thubhairt i, A nis anns an uair
so dl&th-leanaidh m’ fhear rium, do bhrigh
gu ’n d’ rug mi dha triuir mhac : uime sin
thug i Lebhi mar ainm air.
35 Agus dh’ fhas i torrach a ris, agus rug
i mac ; agus thubhairt i, A nis molaidh mi
’n Tighearna: uime sin thug i ludah mar
ainm air. Agus sguir i do bhreith cloinne.
CAIB. XXX.
AGUS an uair a chunnaic Rachel nach
d’rug i clann do lacob, bha farmad aig
Rachel r’ a piuthair, agus thubhairt i ri la-
cob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi
bis.
2 Agus las corruich lacoib ri Rachel, ag¬
us thuohairt e, Am bheil mis’ an aite Dhe,
a chum uait toradh na bronn ?
3 Agus thubhairt i, Feuch, mo bhanog-
lach Bilhah, theirig a steach d’ a h-ionn-
suidh, agus beiridh i air mo ghluinibh, agus
bithidh agam-sa mar an ceudna clann d’ a
trid-san.
4 Agus thug i dha Bilhah a banoglarh
mar mhnaoi; agus chaidh lacob a steach
d’ a h-ionnsuidh.
5 Agus dh’ fhas Bilhah torrach, agus rug
i mac do Jacob.
6 Agus thubhairt Rachel, Thug Dia
breth orm,agus dh’eisd e mar an ceudna ri
m’ ghuth, ngus thug e dhomh mac : uime
sin thug i Dan mar ainm air.
7 Agus dh’ fhas Bilhah banoglach Rach-
eil torrach a ris, agus rug i do Jacob an
dara mac.
8 Agus thubhairt Rachel, Le mor ghleac
ghleac mi ri in’ phiuthair, agus thug mi
buaidh : agus thugi Naphtali mar ainm air.
9 ’Nuair a chunnaic Leah gu n do sguir i
do bhreith cloinne, ghahh i Silpah a banog¬
lach, agus thug i do Jacob mar mhnaoi i.
10 Agus rug Silpah, banoglach Le&h, mac
do lacob.
11 Agus thubhairt Leah, Tha sonas air
teachd : agus thug i Gad mar ainm air.
12 Agus rug Silpah, banoglach Leah, an
dara mac do Jacob.
13 Agus thubhairt Leah, Is sona mi, oir
goiridli na nigheana mise beannaichte : ag¬
us thug i Asor mar ainm air.
14 Agus chaidh Reuben a mach ann an
laithibh fogharaidh a’ chruithneachd, agus
fhuair e mandraga sa’ mhachair, agus thug
e iad chum a mhathar Leah. An sin thu¬
bhairt Rachel ri Leah, Thoir dhomh,
guidheam ort, cuid do mhandragaibh do
in hie.
J5 Agus thubhairt i rithe, Am beag a’
chuis gu ’n d’ thug tha m’ fhear uam, agus
am b’ iill leat mandraga mo mine a thoirt
leat mar an ceudna ? Agus thubhairt Rach¬
el, Uime sin luidhidh e leats’ an nochd air
son mandraga do mine.
16 Agus thainig Jacob o ’n mhachair san
fheasgar, agus chaidh Leah mach ’na choin-
neamh, agus thubhairt i, Thig thu steach a
m’ ionnsuidhs’, oir gu deimhin cheannaich
mi thu le mandragaibh mo rahic: Agus
luidh e leatha air an oidhche sin.
17 Agus dh’eisd Dia ri Leah, agus dh’ffas
i torrach, agus rug i do Jacob an cuigeadh
mac.
18 Agus thubhairt Leah, thug Dia dhomh
mo dhuais, a chionn gu ’n d’thug mi mo
bhanoglach do m’fhear: agus thug i Isa-
char mar ainm air.
19 Agus dh’ fhas Leah torrach a ris, agus
rug i do lacob an seathadh mac.
20 Agus thubhairt Leah, Dheonaieh Dia
dhomh deadh chuibhrioun : a nis gabhaidh
m’ fhear comhnuidh maille rium, a chionn
gu ’n d’ rug mi dha seathnar mhac; agus
thug i Sebuluu mar ainm air.
21 Agus ’na dheigh sin rug i nighean,
agus thug i Dinah mar ainm oirre.
22 Agus chuimhnich Dia air Rachel, ag¬
us dh’ eisd Dia rithe, agus dh’ fhosgail e a
bolg.
23 Agus dh’ fhas i torrach, agus rug i
mac; agus thubhairt i, Thug Dia air falbh
mo mhi-chliu.
24 Agus thug i Joseph mar ainm air, ag
radh, Bheir an Tighearna dhomh fathast
mac eile.
25 Agus ’nuair a rug Rachel Joseph, an
sin thuohairt Jacob ri Laban, Leig air falbh
mi, chum gu ’n teid mi do m’ aite, agus do
m’ dhuthaich fein.
26 Thoir dhomh mo mhnai, agus mo
chlann, air son an d’ rinn mi seirbhis duit,
agus gu’m falbh mi; oirisaithne dhuitmo
sheirbhis a rinn mi dhuit.
27 Agus thubhairt Laban ris, Guidheam
ort, ma fhuair mi deadh-ghean a’d’ shCtil-
ibh, fuirich : oir dh’ fhbghluim mi o m’
fhiosrachadh fein gu ’n do hheannaich an
Tighearna mi air do sgath-sa.
28 Agus thubhairt e, Ainmich do thuar-
asdal dhomh, agus bheir mi dhuit e.
29 Agus thubhairt e ris, Tha fios agad
cionnus a rinn mi seirbhis dhuit, agus cion-
nus a bha do spreidh agam :
30 Oir is beag a bh’ agad mun d' thainig
mi, agus a nis tha e air fas ’na mhdran;
agus bheaunaich Dia thu an lorg mo
theachd-sa : agus a nis, c’ uin’ a ni mi mar
an ceudna air son mo thighe fein ?
31 Agus thubhairt e, Ciod a bheir mi
dhuit? Agus thubhairt Jacob, Chatoirthu
ni sam bith dhomh: ma ni thu an ni so
rium, ionaltraidh mi ris, agus gleidhidh mi
do thread.
32 Theid mise troimh do threud uile an
diugh, ag atharrachadh as a sin gach
spreidhe a ta breac agus ballach, agus gach
spreidhe a ta dubh-dhonn am measg nan
caorach, agus ballach, agus breac am measg
nan gabhar : agus is e so mo thuarasdal.
33 Agjis freagraidh air mo shonsa m’ ion-
racas san am n teachd, ’nuair a thig e mar
mo thuarasdal a’d’ lathair-sa: gach aon

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence