Skip to main content

‹‹‹ prev (41) Page 27Page 27

(43) next ››› Page 29Page 29

(42) Page 28 -
MATA.
eiod am maith a dheanam chum gu
faigh mi a' bheatha mhaireannach }
17 Agus thubhairt esan ris, C'ar
son a ghoireadh tu maith dhiomsa ?
cha 'neìl aon neach maith ach a
h-aon, eadkon Dia : ach ma's àill leat
dol a steaeh chum na beatha, coimhidf
na h-àitheanta.
18 Thubhairt esan ris, Cia iad ? a-
agus thubhairt Iosa, Na dean mortadh.
Na dean adhaltrannas. Na goid. Na
loir fianuis bhrèige.
19 Tabhair onoir do t'athair, agus
doxl' mhàthair: agus, Gràdhaich do
cboimhearsnach mar thu fein.
20 Thubtiairt an t-òganach ris,
Choimhid mi iad sin uile o m'òige :
ciod a ta dh'uireasbhuidh orm fath-
ast?
21 Thubhairt Tosa ris, Ma's àill
leat bhi coimhlionta, imich, reic na
bheil agad, agus tabhair do na bochd-
aibh, agus gheibh thu ionmhas air
nèamh : agus thig, agus lean mise.
22 Ach an uair a chual an t-òg-
anach na briathra sin, dh'fhalbh e gu
brònach : oir bha mòr shaibhreas aige.
23 An sin thubhairt Iosa r'a dheis-
ciobluìbh, Gu firinneach a deirim ribh,
gu bheil e cruaidh air duine saibhir
dol a steach do rioghaehd nèimhe.
24 Agus a rìs a deirim ribh, Gur
usudh do chàmhal dol tre? chrò snà-
thuide, na do dhuine saibhir dol a
ste'ach do rioghachd Dhè.
25 Agus air ciuiniitinn so d'a
dheisciobluibh, ghabh iad iongantas
mòr, ag radh, Cia ma seadh an neach
a dh'f heudas a bhj air a shaoradh ?
26 Ach air amharc do Iosa orra,
thubhairt e riu, Do dhaoinibh a ta so
"cucomasach, ^ch do Dhia a ta na
h-uile nithe comasach.
27 An sin f hreagair Peadar, agus
thubhairt e ris, Feuch, tlirèig sinne
na h-uile nithe, agus lean sinu thusa;
air an aobhar sin ciod a gheibh sinn ?
28 Agus thubhairt Iosa riu, Gu
deimhin a deirim ribh, sibhse a lean
jnise, anns an ath-ghineamhuinh, an
trà shuidheas Mac an duine air caithir
a ghlòire fein, gu'n suidh sibhse mar
an ceudna ai* dà chaithir dheug, a'
tabhairt breth air òa threrbh dheug
Israeil.
29 Agus ge b'e neach a thrèig
tighean, no bràithrean, no peathrai-
chean, no athair, no màthair, no bean-
phòsda, no clann, no fearann air sgàth
m'ainmese, gheibh e a' cheud uiread,
agus a' bheatha mhaireannach mar
oighreachd.
30 Ach a ta mòran air thoiseach
a bhitheas air dheireadh ; agus air
dheireadh, a bhitheas air thoiseach.
C A I B. XX.
1 A ta Criosd, le cosamhlachd aìr a
ghabhail o luchd saoithreach ann an
gàradh fiona, a' dcarbhadh nach 'cil
I>ia fuidh fhiachaibh do dhuine air
bith ; 17 a' roimh-innseadh a bhàis,
OIR is cosmhuil rioghachd nèimhe
ri fear-tighe, a cliaidh a mach
moch air mhaduinn a thuarasdala-
chadh luchd oibre d"a ghàradh fìonai'.
2 Agus an dèigh dha cordadh ris an
lnchd oibre air pheghinn Romhanaich
san là, chuir e g'a ghàradh fiona iad.
3 Agus an uair a chaidh e mach
timchioll na treas uaire, chunnaic e
droing eile 'nan seasamli dìomhanacb
air a' mhargadh.
4 Agus thubhairt e riu, Imicliibhse
mar an ceudna do'n ghàradli f hìona,
agus ge b'e ni a bhhheas ceart, bheir
mi dhuibh e. Agus dh'imich iad.
5 An uair a chaidh e mach a rìs
timchioll na seathadh agus na nao-
thadh uaire, rinn e mar an ceudna.
6 Agus an uair a chaidh e mach
mu thimchioll na h-aon uair deug,
fhuair e dream eile 'nan seasamh
dìomhanach, agus thubhairt e riu,
C'ar son a ta sibh 'nar seasamh an so
feadh an là dìomhanach ?
7 Thubhairt iad ris, A chionn nach
do thuarasdaluich duine air bith %\m\.
Thubhairt esan riu, Imichibhse mar
an ceudna do'n ghàradh fhìona, agus
ge b'e ni a ta ceart, gheibh sibh e.
8 Agus air teachd do'n fheasgar>
thubhairt tighearn a' ghàraidh fhìona
sin r'a stiùbhardl, Gairm an luchd
oibre, agus tabhair dhoibh an tuaras-
f gkìdh. S trìd, troimh. h ath-ìirachadh, atk-chruthachadh. i/A«oa»
lios. 1 fhear-riaghlaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence