Skip to main content

‹‹‹ prev (40) Page 26Page 26

(42) next ››› Page 28Page 28

(41) Page 27 -
C A I B. XIX.
*on d'a choimh-sheirbhisich air an
robh aige ceud peghinn : agus chuir
e lamh ann, agus rug e air sgornan
air, ag radh, Ioc dhomh na bheil ag-
am ort,
29 Agus thuit a choimh-sheirbhis-
each sìos aig a chosaibh, agus ghuidh
e air, ag radh, Dean foighidin riura,
agus iocaidh mi dhuit an t-iomlan.
30 Agus cha b'àill leis-san sin :
ach dh'imich e agus thilg e am prio-
sun e, gus an ìocadh e na fìacha.
51 Agus an uair a chunnaic a
choin\h-sheirbhisich na nithe a rinn-
eadh, bha iad ro dhoilicb, agus thain-
ig iad, agus dh'fhoillsich iad d'an
tighearn gach ni a rinneadJi.
32 An sinaird'atliighearnaghairm,
thubhairt e ris, A dliroch sheirbhisich,
mhaith mi dhuit na fìachan ud uile, do
bhrigh gu'n do chuir thu impidh orm.
33 Nach bu chòir dhuitse mar an
ceudna tròcair a- dheanamh air do
choimh-sheirbhiseach fein,amhuil mar
a rinn mise tròcair ortsa ?
34 Agus air gabhail feirge d'a
thighearn, thug e do na ceusadairibh
e, gus an ìocadh e f hiachan uile dha.
35 Agus mar sin ni m'Athair
nèamhuidh ribhse, mur maith gach
aon agaibh o bhur cridhibh d'a bhrà-
thair an cionta.
C A I B. XIX.
2 Ata CriQsd a' slànuchadk na muinn-
tir a bha tinn, 3 a' f reagairt nam
Phairiseach mu thimchioll dealach-
aidh, 10 a' nochdadh c'uin a ta
uni pòsadh feumail, 13 à 1 gabhail
ri cloinn bhig, $c.
AG U S tharladhd , an uair a ehrìoch-
nuich Iosa na briathrasa, gu'n
d'imich e o Ghalile, agus thainig e
gu crìochaibh Iudea, air an taobh
thall do Iordan :'
2 Agus lean sluagh mòr c, agus
shlànuich e iad an sin.
_3 Thainig na Phairisich mar an
ceudna d'a ionnsuidh 'ga dhearbh^
adh e , agus ag radh ris, Am bheil e
ceaduichte do dlmine a bhean a chur
uaith air gach uiìe aobhar ?
4 Agus f hreagair esan agus thubh-
airt e riu, Nach do leugh sibh, An ti
a rinn air tùs iad, gu'n d'rinn e iad
fear agus bean ?
5 Agus thubhairt e, Air an aobhai 1
sofàgaidh duine 'athairagus a mhàth-
air, agus dlùth-leanuidh e r'a mhnaoi:
agus bithidh iad araon 'nan aon f heoil.
6 Air an aobhar sin cha dithis iad
ni's mò, ach aon f heoil, Uime sin an
ni a cheangail Dia,na sgaoileadh duine.
7 Thubhairt iad ris, C'ar son ma
seadh a dh'àithn Maois litir-dhealaich
a thabhairt dìi'i, agus a cur airfalbh?
8 Thubhairt esan riu, Dh'f hulaing
Maois dhuibhse air son cruaìs bhur
cridhe, bhur mnài a chur uaibh : ach
cha robh e mar sin o thùs.
9 Agus a deirimse ribh, Ge b'e
ehuireas uaith a bhean, ach air son
strìopachais, agus a phòsas bean eile,
a ta e a' deanamh adhaltrannais : a-
gus ge b'e neach a phòsas ise a chuir-
eadh air falbh, a ta e a' deanamh adh-
altrannais.
10 Thubhairt a dheisciobuil rig>,
Ma's e sin cor an fhir r'a mhnaoi,
cha 'n'eil am pòsadh maith r'a dhean-
amh.
1 1 Ach thubhairt esan riu, Cha
'n'eil na h-uile diiaoine comasach air
a' chainnt so a ghabhail, ach iadsan
d'an d'thugadli e.
12 Oir a ta cuid 'nan cailiteanaich,
a rugadh mar sin o bhroinn am màth-
ar : agus a ta cuid do chaillteanaich
ann, a rinneadh 'nan caillteanaich le
daoinibh : agus a ta caillteanaich ann;
a rinn iad fein 'nan caillteanaich air
son rioghachd nèimhe. Ge b'e neach
a ta comasach air ^ghabhail chuige,
gabhadh se e.
13 An sin thugadh. clann bbeag
d'a ionnsuidh, chum gu cuireadh e a
lamhan orra, agus gu'n deanadh e
ùrnuigh : agus chronuich na deiscio-
buil iad.
14 Achthubhairt losa, Fulaingibh
do na leanabaibh, agus na baeaibh
dhoibh teachd a m' ionnsuidh : oir 13
ann d'an leithidibh sin a ta rioghachd
nèimhe.
15 Agus an dèigh dha a lamhan a
chur orra, dh'imich e as sin.
16 Agus feuch, thainig neach agus
thubhairt e ris, A mhaighstir mhaith ?
& thachair, e 'ga fheuchainn, 'ga bhuaireadh,
C2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence