Skip to main content

‹‹‹ prev (31) Page 27Page 27

(33) next ››› Page 29Page 29

(32) Page 28 -
28
Ann sa h-uile blkr a bh' aca,
Rinn Mars na bu chòir dha fèin dheth :
'N àm do loingis bhi 'gan gluasad,
Chuir JEolus fuaim le d'bhreidean ;
Thug Neptune cothrom a' chuain duit
'S cò bha uat a dheanadh feum dhuit ?
Bha na Gearasdain cho daingean,
'S gu'm b' amaideach dol gan sèisdeadh,
Aghaidh làidir air gach balla,
Chum nam Barag a bhi glèidhteach ;
Rampair àrd nach rachte thairis,
Batraidh 's canain, orra gleusta,
Bu mhairg a bhiodh roimh an anail
'Nuair a theannadh iad ri g&sgil.
Gach righ a thòisich 'na t 1 aghaidh,
Ghabh iad mar roghainn an diùbhadh,
'S ionnan sin 's mur dh'èirich dhaibh-san,
'S mòr a chaill iad air a' chuis ud ;
Thug thu tarruinn bharr an Fhràngaich,
'S f huair thu ceanglaichean a's cùmhnant,
Nach togadh e rithist t'angar,
Mu'n èireadh aimhleas ni bu mhò dha.
Bha Ban- righ Hungaraidh gòrach,
'Nuair a thòisich i ri str\ riut ;
'S cha bu ghlice Righ na Spàinte,
Thòisich e gu dàna mì-mhoil :
Ged' a bha 'n dithist ud làidir,
'S righ no dha a bh'ann 'sna h-Innsean,
Fhuair thu dhiù gach cùis a dh'iarr thu,
'S tha na flachan air an dioladh.
Tha 'n Righ a nis' mar is kill leis,
'Sàbhailt a dh' fhaodas e laidhe,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence