Skip to main content

‹‹‹ prev (30) Page 26Page 26

(32) next ››› Page 28Page 28

(31) Page 27 -
27
Cha-n eil righ ann san Rc-inn-eòrpa,
Chumas còmhrag ris le claidheamh ;
'S òg a thòisich e ri cruadal,
'S tha bhuannachd gu trie na lamhan,
Fearann chàich 'ga shir thoirt uatha,
'S na h-uil' àite fhuair e ghleidheadh.
'S iomadh kit' an robh clmid armailt,
Cliùiteach, ainmeil 'nuair a thàirnt' iad ;
A choisiohean lùghar, calma,
Is trup meamnach nan each làidir ;
Bha Eireannaich, Goill, a's Sasnaich,
'Nan gaisgich an tir an nàmhaid,
'S mairg a thachradh air na fearaibh,
'Kuair a theannadh iad ri làmhach.
Anns na h-uile cas a's cunnart,
'S mòr an t-urram fhuair na Gàidheil.
'S bha'ar greis ga 'n cuir an duileachd,
Mar nach buineadh iad do'n phàirtidh ;
Ach 'nuair fhuair iad meas a's creideas,
'S a chreideadh nach deanadh iad fàilinn,
'S iad bu sheasmhaich air an onair
A thug lann-sholais à sgàbart.
Bha iad bras a h-uile latha,
Ri àm catha dol 'sna blkraibh ;
Chaidh gach dhuine dhiù air chruadal,
'S ann orra bha buaidh gach làrach :
Bha commisean aig gach òigear,
'S e toirt òrdugh d'a bhataillean,
'S iad cho dileas do Righ Deòrsa,
'S a bhiodh na leòghain dha'n cuicl àlaich ,
Bha chairt-iùil a's cuibhl' an fhortain,
Pha seòid a' chogaidh gu lèir leat ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence