Skip to main content

‹‹‹ prev (29) Page 25Page 25

(31) next ››› Page 27Page 27

(30) Page 26 -
26
Cumaidh i mo theaghlach cho math's bu mhath leain,
Ged' nach dean mi saothair no obair shalach.
Sgithich mi ri gniomh, ged nacb d'rinn mi earras.
Thug mi bòid nach b' fhiach learn bhi ann a'm sgalaig,
Sguiridh mi g'am phianadh, o'n thug mi 'n aire,
Gur e'n duine diomhain is faide mhaireas.
'S i mo bheanag ghaolacli nach dean mo mhealladh,
Fòghnaidh i dhomh daonnan a dheanamh arain ;
Cha bhi fàilinn aodaich orm no anairt,
'S chaidh cùram an t-saoghail a nis' as nraire.
OR AN D()'i\ PJGH.
'S i deoch slàinnt' an Righ is kill leinn,
Sin an ioc-shlainnt' àluinn, uasal,
Bhi ga h-òl do dh'fhion na Spàinte,
No do phuinnse làidir, uaibhreach ;
'Auair a bhios i air a stràcadh
Cho làn 'sa chumas na cuachan,
Ge b'e làmh an dean i tachairt,
'S còir gu'm faiceadh e mu'n cuairt i.
'S mòr an sonas th' ann san rioghachd,
O'n chaidh an High so chrùnadh,
Ann san àit' a bh'aig a shinnsreachd,
An d'f huair a sheann-seanair còir-dhùthchais ;
Albainn, a's Sasunn, a's Eirinn,
'Nis a' geilleachdainn do 'n aon-f hear,
Mar nach f hacas iad riamh roimhe
O'n a chothaicheadh air thus iad.
'S mòr an t-hdh a th'air an òigear,
An treas Deòrs' a shuidh sa' chathair,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence