Skip to main content

‹‹‹ prev (32) Page 28Page 28

(34) next ››› Page 30Page 30

(33) Page 29 -
29
Tharruinn e gu fir a chàbhlach,
'S cha-n eil feum air càmp a ghleidheadh :
Gach duine bha dha 'nan nàimhdean,
Chinn iad dha 'nan cairdean matha,
'S tha iad uile dha cho dileas,
'S dh' fhuirich an t-s\ochadh sin fhathasd
An ceithir airdean an t-saoghail,
Tha fearann is daoin' aig Deòrsa :
'S tha chinn- euglais ann 's gach kite
Chum an sàbhaladh o dhò-bheairt ;
Tha lagh is parlamaid aca,
Chumail ceartais riu a's corach ;
'S tha mheirl' an dèigh a casgadh,
Sguir na creachan is an tòrachd.
Bi' na h-uile diùc is iarla,
Mar is miann leo 'm fad is beò thu,
'S gheibh gach morair, a's gach tigheani'.
A h-uile dlithe is coir dhaibh ;
Tha daoin-uails', a's tuath an fhearainn
Mar is math leo thaobh an storais ;
Tha luchd-ceaird a' faotainn cosnaidh,
'S cha-n eil duine bochd gu'n phòrsan.
Tha toradh am fas na talmhuinn,
Gu miosach' arbharach, pòrach ;
Chinn an sprèidh gu bliochdach, baineor
Sona, sliochdar, sailleach, feòlmhor :
Tha sitheann air sliabh gach garbhlaich,
Sealgairean a' faotainn spòrsa,
'S tha tighinn air iasg na fairge,
'S paillt an t-airgiod r'a linn Dheòrsa
'S mòr a rinn e dh' f hearas-tighe,
Sgaoil e h-uile maitheas oirnne,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence