Skip to main content

‹‹‹ prev (552) Page 548Page 548

(554) next ››› Page 550Page 550

(553) Page 549 -
October 1, 1883.]
IOMRADH AIR CRAOBH8GAOILEADH AN T-SOISGEIL.
565
air cur air cliois, nam biodh ministearan agaiun air an
son. Agus air chiil so, tha iomadh de na co-thionalan
suidhichte agaiun aig nach eil ministearan. Mar an
ceudna, aim cearnaidhean eile de'n Mhòr-Roinn so tha
ionadan far am bheil fosglàidhean, agus diau iarrtus am
ineasg an t-shluaigh gu'tn biodh miuistearan air an
suidheachadh 'n a mcasg.
" Gliabhamaid lcth-cheud ministear, nam faigheamaid
iad; agus tha a cheana, mile agus cuig ceud punnd
Sasunnacli air a cliur ri cbeile, agus air a chur do
Bhaile Luunainu, gu cosguis siubhail a phaigheadh ;
seadh agus cruiunichidh sirin tuilleadh ma bhios feum
air. Dh'orduich siun gu'm biodh ceud punnd Sasunn-
acli air a shonruchadh do gach fear a thig a mach, fa
ehomhair cosguis siubhail, agus nidheam a phaigheadh.
Gheibh gach aon diubh air dhoibli a thighinn, ceithir
punnd Sasumiach gach ssachduinn, a chum beo-shlaint
dhoibh, gu ceann dà bhliadhna, no gus am bi iad air
an suidheachadh thar co-thionalan.
" Cha'n eagal learn a radh, gu'm bheil raon ro-gheallt-
anach 's a' Mhòr-Roinn so. Gun teagamh, bithidh aig
miuistearan, mar aig muinntir eile, ri eallach agus tea?
an latha a ghiiilan ; ach ma's e th'aca anns an amharc
anaman a thearnadh, agus gloir Chriosd fhoillseachadh,
cha'n urrainn iad a theachd do raon na's freagarraiche,
gus an soisgeul a shearmonachadh."
Tha na nithe so gu lèir, a' nochdadh do ar luchd-
leughaidh, mar a tha an saoghal mòr a chuid agus a
chuid, air fhosgladh suas do shearmonachadh an t-soi-
sgeil. Tha e na ni ro chudtliromach uime sin, gu' m biodh
so air a thoirt fainear leis na h-Eaglaisean — gu' m biodh
fialuidheachd air a nochdadh ; agus gu' m biodh sinn
diirachdach aig cathair tròcair ag iarraidh gu'n toir-
eadh Tighearna an fhoghairidh beannachadh 'n a chois.
FIANUIS NA H-EAGLAIS SAOIRE AIR SON CHRIOSD MAR CHEANN NA H-EAGLAIS.
An uair a tha sinn ag ràdh gur e Criosd Ceann na
h-Eaglais, tha sinn a' ciallachadh cha'n e mhàin gur e a
Ceann mar is aim uaithe a tha a beatha agus a beath-
achadh spioradail a' teachd, ach mar an ceudna, gur
ann dasau a mhàin a bhuineas a riaghladh, agus nach
'eil a' choir a's lugha aig uachdranachd aimsireil, no aig
cmnhachd air bith eile, air laghannau no òrduighean a
thoirt di ann an nithean spioradail. " Tha aon Mhaigh-
stir agaibh, eadhon Criosd," tha e fein ag ràdh; agus
uime sin is eigin do'n eaglais umhlachd a thoirt dhàsan,
agus cha'n ann do dhaoine, agus gun àitheantan dhaoine,
ann an inbhe air bith, a ghabhail mar riaghailt, ach
Facal Chriosd a mhàin, agus a bhi 'n a èisimeil fèin a
mhàin air son a Spioraid a chum a teagasg ann an eolas
a thoile. Tha an teagasg so simplidh, agus so-thuigsinn
na's leoir ; gidheadh is teagasg e air son an robh aig an
Eaglais d' am buin sinn ri cathachadh agus ri fulang re
corr 'us tri cheud bliadhna.
Aig am an Ath-leasachaidh, an uair a dh'àicheadh
Iain Knox, agus na lean e, ùghdarras agus teagasgan
a' Phàpa, bha e cheart cho eudmhor, agus cho duineil
ann an agairt gu'm biodh an Eaglais saor o bhi fo riagh-
ladh uachdaran aimsireil ann an nithe Dhe. Bha an
t-saorsa so air a h-aideachadh leis a' Phiirlamaid 's a'
bhliadhna 1567.
; N a dhèigh sin thàinig Righ Seumas dh'ionnsuidh
a' chrùin. Bha esan dian ann an agairt gu'm buineadh
do'n righ riaghladh ami an nithe spioradail, cho maith
a's ann an nithean aimsireil. Theagaisg agus dhaingnich
e anns a' bheachd so a mhac, Tearlach, a rioghaich 'n a
dheigh. Re dlùth air dà fhichead bliadhna, aig an àm
so, ciod a tha agaiun air aithris ann an eachdraidh ach
còmhrag dhian eadar an Stàid, no an righ, agus an
Eaglais ; esan ag agradh tighearnais, agus a' fòirneadh
Easbuigeachd air an Eaglais, agus an Eaglais a' seasamh
air a saorsa ann an Criosd.
Anns a' bhliadhna 1638 choinnich an t-Ard-Sheanadh
a tha ainmeil ann an eachdraidh na h-Eaglais, agus air
an robh an t-Urramach Alastair Henderson mòr 'n a
cheann-suidhe. Cha do stad an t-Ard-Sheanadh so, a
dh'aindeoin gach dichioll a chleachd fear-ionaid an righ
gu sgaoileadh a chur annta, gus an do thilg iad bun os
ceann an creidimh Easbuigeach a shuidhich an righ,
agus an do dhaingnich iad an seann bhonn Clèireachail.
Is e so an ni ris an abrar an dara Atli-leasachadh. Ann
an so, mar anns a' cheud Ath-leasachadh, bha an fhirinn
mhòr air a togail an àird, gur e Criosd a mhain Ceann
na h-Eaglais, agus gu bheil còir aig a shluagh air a bhi
saor gu umhlachd a thoirt dha.
Anns a' bhliadhna 1649 chaidh an righ Tearlach a
dhiteadh agus a chur gu bas le Pàrlamaid Shasuinn air
son 'fhòirneirt agus 'ain-tighearnais, agus bha a mhac,
an dara Tearlach, 'n a fhògarrach. Ach 's a' bhliadhna
1660 chaidh a thoirt air ais, agus rioghaich e an ài
'athar. Bhòidich agus mhionnaich an duine truaillidh,
neo-gheamnuidh so an suidheachadh Eaglais a fhuair e
ann an Albainn a dhion 's a chumail suas, ach cha
b' fhada gus an do thòisich c air a thilgeadh bun os

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence