Skip to main content

‹‹‹ prev (553) Page 549Page 549

(555) next ››› Page 551Page 551

(554) Page 550 -
566
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[October 1, 1883-
ceann. Thug e fainear reachd a bhi air a thoirt a mach
'g a dheanamh fèin 'n a cheaun air an Eaglais, cho
maith agus air an Staid. B'e an t-atli cheum, reaclid
a' toirt air an ais nan Easbuigean, agus a' toirmeasg do
chùirtean na h-Eaglais coinneachadh, agus a' maoidh-
cadh priosain air aon air bith a labhradh facal an
aghaidh an atharrachaidh. Dhiùlt na ministearan na
h-Easbuigean aideachadh. Bha reaclid uime sin air a
thoirt a niach ag àithneadh dhoibh dol agus aonta nan
Easbuigean fhaotainn ri iad a churaail an sgireachdan,
agus na h-uile nach geilleadh do so, bha iad gus an
àitean a chall, gu bhi air am fògradh as an sgireachdan,
agus air am bacadh o f hritbealadh earainn air bith d' an
dreuchd. Dhiùlt ceithir cheud ministear aontachadh,
agus bha iad air am fàgail gun dachaidh ann an doimh-
neacbd a' gheamhraidh, direach mar a bha tuilleadh na
ceithir cheud air am fàgail aig àm tighinn a mach ar
n-Eaglais fèin ; agus air son an aon aobhair, — eadhon a
bhi diùltadh gèill do ughdarras air bith ach ughdarras
Chriosd ann an nithe spioradail. Dh'fhàs a' gheur-
leanmbuinn na bu teotha 's na bu teotha. B'e am bàs
do mhinistearan searmonachadh, b'e am bàs do'n t-sluagh
an eisdeachd. B'e am bàs do aon air bith conaltradh a
chumail le focal no litir ri aon a bha 'dol 'g an eisdeachd,
no biadh, no fàrdach a thoirt doibh. B eigin an coinn-
eamhan a bhi air an cumail ann an uaigaidheas nan
gleaun 's nam monaidhean, agus gu trie air a mheadhon-
oidhche. Lean so fad she bliadhna ficbead ; agus b'ioua-
adh mile a dh'fhuiling creachadh, agus priosau, agus bàs
re an "àm marbhaidh " so {"killing time'") mar a
theirteadh ris.
Anns a' bhliadhna 1688 thàinig atharrachadh righ
agus riaghlaidh. Chaidh Seumas, mac an dara Tear-
laich, a chur dheth 'n righ-chaithir, do bhrigh gu'm bu
Phàpanach e, agus gu'n robh e suidhichte air a' chreid-
imh Phàpanach a steidheachadh ; agus chaidh Uilleam,
prionnsa Gearmailteach a phòs a nighean, a ghairm gu
bhi 'n a righ. Fo an t-suidheachadh a rinneadh an sin
bha saorsa agus còirichean na h-Eaglais air an aideach-
adh, is e sin gu'm buin di a teagasg, a riaghladh, agus
a h-oideachadh, a ghabhail o Cbriosd agus 'fhacal.
Anns a' bhliadhna 1712 chaidh Achd na Pàtronachd
a thoirt a mach, a bha a' toirt o'n t-sluagh an còir air
am ministearan a ghairm. Anns an linn an dèigh sin
thàinig seargadh, agus geamhradh, agus has air an
eaglais, ged nach d : fhàg Dia e fein gun fhiauuisean.
Tre oibreachadh Achd na pàtronachd bha aithricheau
eaglais nan Seceders, — Erskhie, Fisher, Wilson, Mon-
crieff— air an co-eigneachadh gus an Eaglais fhàgail anns
a' bhliadhna 1733 ; agus ann an 1760 thàinig minis-
tearan eile mach, a shuidhich Eaglais an Relief.
Mudheireadh thàinig "Còmhrag nan Deich Bliadhna'
a thoisich ann an 1834, agus a cbriochnaich anns an
Dealachadh, ann an 1843. Ciod a bha aig bonn na stri
so? Bha an dearbh fhiiinn a tha aig stèidh gach teag-
aisg eile, — gur èigin gèill a thoirt do riaghailt Chriosd
mar cheann a roghainn air riaghailtean dhaoine. Ceum
air cheum (nach urrainn duiun an traths a leantuinn)
thàinig an Ard Chùirt Lagha an Dun-eidin gu còir
agradh air riaghladh ann an cùUean spioradail, agus
ciiirtean na h-Eaglais a cho-eigneachadh, no a bbacadh
a thaobh nithean a tha an taobh a stigh d' an criochan
fèin, mar tha searmonachadh an t-soisgeil ; òrduchadh
mhinistearan agus sheanairean ; smachdachadh air son
mi-ghniomh : solar a dheanamh air son àitean feumach, le
ministearan agus seiseanan a shuidheachadh os an ceann ;
agus còir mhinistearan air riaghladh, cho maith a's air
searmonachadh, le an aideachadh mar bhuill ciiirtean
eaglais. B'e a' cheisd, cha'n e pàtronachd a mhàin, no
gu h-àraidh, ach an t-seann cheisd, "Co a's ceann air
an Eaglais — Criosd no uacbdranachd aimsireil?" An
gabh sinn am Biobull, no reachdan luchd-lagha mar
riaghailt? Thug na ministearan agus an sluagh a
thàinig a mach o cheann dà fhichead bliadhna am
freagradh do'n cheisd, cha'n ann am facal a mhàin, ach
ann an gniomh. Cha b'urrainn doibh a bhi dileas do
onair Chriosd agus do chòraichean a shluaigb, agus
fuireach an ceangal ris an Staid na b'fhaide. Uime sin
sgaoil iad an ceangal, agus thug iad suas na b-uile
sochair aimsireil a bha f uaigbte ris. Mar so chathaich
agus dh'fhuiling, seadh, agus thug iad buaidh fo'n aon
bhrataich fo'n do chog fianuisean Chriosd ann an
Albaion anns na linnean a chaidh seachad, agus air am
bheil an sgriobhadh " Air son cbraichean crùin an
Fhir-Shaoraidh."
o
AE TEACHDAIEEACHD CHEIN.
SOIKBHEACIIADH 's H-INNSEAN-AN-EAR ANN AN
DEICH BLIADHNA FICHEAD.
Tela an àireamh sluaigh a thafo riaghladh Bhreatuinn
's na h-Innsean air fàs gu còrr 'us dà cheud-gu-leth
muillean (254,000,000) ; agus a dh'aindeoin gach gort
agus plàigh, tha am fàs an lionmhorachd suae ri

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence