Skip to main content

‹‹‹ prev (551) Page 547Page 547

(553) next ››› Page 549Page 549

(552) Page 548 -
564
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[October 1, 1883
òga na cearnaidh so. Tha sèa Students ag ullachadh
airson dreuchd na ministreileachd ; agus tha mi 'n
dòchas, gu'm bi iad a sior dhol an lionmhorachd ; gus
nach bi sinn, mar a tha sinn a nis, an eisiomail a bhi
o bhliadhna gu bliadhna, a' sior thagradh airson mhin-
istearan uaibhsc aig a' bhaile."
Choinnich Ard-Sheanadh Eaglais Phresbiterianaicli
Ghana la, ann am Baile Lunnainn, air mios mheadhon-
ach an t-samhraidh mu dheireadh. Bha a' chuid bu
mho de'n chòmhradh, agus de'n deasboireachd a bh' aca,
mu thimchioll oidhirpean na h-Eaglais gus an soisgeul
a sgaoileadh air feadh na Mòr-Roinn. Tha an raon a
th'aca gu so a dheanamh ro fharsuing, leis mar a tha an
sluagh a tha tighinn a tiribh eile a' sior dhol an lion-
mhorachd. Thug Dr. Cochran, a th'air ceann na cùise
so, a steach cunntas a tha nochdadh gu ro shoillear, cho
cudthromach agus a tha an obair a th'aca ri dhean-
amh anns an raon so. Ars' esan " tha e duilich dhomhsa
a chur ann am briathran, no dhuibhse a thuigsinn,
cho mòr agus cho cudthromach agus a tha an obair a
th'aig an Eaglais ri dheanamh ann a' Manitoba ; agus
ann an cearnaidhean iomallach na tire, far am bheil an
sluagh a tha teachd à tiribh eile, a' sior ghabhail seilbh
air an fhearann. Is e so an t-àin gu bunaitean na
h-Eaglais a leagadh anns na cearnaidhean ud. Ni ceud
punnd Sasunnach uiread a mhath ma bheireir iad gun
dial, agus a ni mile punnd Sasunnach, cuig bliadhna
'n deigh so."
Feudaidh e le firinn a bhi air a ràdh, gu'm bi an
Assembly mu dheireadh, iomraideach airson gràdh
bràthaireil — an obair a rinn i, agus an t-eud a nochd i,
ann a bhi misneachadh obair an Tighearna anns a Mhòr-
Roinn.
Feudaidh sinn an t-iomradh so a leanas, agus a th'air
a thoirt le Cleir Mhanitoba a chur fa chomhair ar luchd-
leugbaidh. Tha beartas agus comasan fonn Mhanitoba,
air tarruing aire muinntir Bhreatuinn, agus earruinnean
do Chanada fèin, gu mòr, a dh'ionnsuidh na tire so.
Cha mhòr nach eil iad a teachd gach latha, agus le gach
" train " a dh'fhaicinn na ditcha, gu seilbh a ghabhail
oirre. Tha litrichean a' tighinn — litir an deigh litir —
a Alba, à Sasunn, agus a Eriun, ag iarruidh cunntais
mu 'n tir ; agus a nochdadh, nach eil an sluagh ach air
tòiseachadh air tighinn an so, as na tiribh màthaireij,
Cha mhòr nach eil an talamh a bha air a shonruchadh
do choi-rieh leis a' Mhòr-Roinn gu h-iomlan a cheana
air àiteachadh — air sheòl agus gu'm faodar a ràdh, gu'm
bi cinneach cumbachdach a' comhnachadh a thiota, far
nach robh roimhe so ach daoine borba na fàsaich, agus
sealgairean fhiadh-bheathaichean. Tha an sluagh a tha
a cheana 'g àiteachadh na diicha air teachd — cuid a
cearnaidhean do Chanada fein — cuid a Breatunn — agus
cuid a Stàtachan America. Feudair a ràdh mar an
ceudna, gur gann a tha iad do dh'Eaglais air bith ; air
shèol agus gur e am ministear a's comasaiche, agus a's
dùràchdaiche a shearmonaicheas an soisgeil dhoibh, a'
ministear a roghnaicheas iad. Uime sin is ni e a tha ro
chudthromach, gu'm biodh teachdairean dileas, comasacb,
air an suidheachadh 'nam measg gu'n dàil. Tha fhios
againn cia mar a chruadhaicheas an saoghal iad, mur bi
iad air ball air an toirt fo bhuaidh agus smachd na
firinn. Ma bhios iad air an dearmad ann an toiseach na
cùise, feudaidh cron a bhi air a dheanamh nach gabh
leigheas ri linn ginealaich. Tha iad fialaidh ann a
bhi toirt maoin chuideachaidh. Cha'n iarr iad còmh-
nadh na's fhaide na dh'fheumas iad ; agus tha fas na
fialuidheachd a nochd iad air a bhliadhna mu dheir-
eadh, a nochdadh so gu ro shoillear.
Tha Mr. Philip a tha saoithreachadh ann an Eileanan
Falkland, a' sgriobhadh dhachaidh mar so : — " Tha raon
mòr saoithreachaidh againn anns na h-Eileanan so — agus
raon duilich a shaoithreachadh. Ach gidheadh tha iom-
adh ni co-cheangailte ris, a tha 'g a dheanamh 'n a raon
taitneach. Tha an sluagh caoimhneil, agus aoidheil —
agus mar so, tha tuilleadh fosgiaidh air a thoirt dhomh
gu bhi 'toirt na firinn fa chomhair an inntiunean."
Tha Ard-Sheanadh Eaglais Queensland, a bha cruinn
o chionn ghoirid, a' labhairt mar a leanas, a thaobh
easbhuidh mhinistearan. "Tha an t-Ard-Sheanadh ag
iarraidh a bhi 'sparradh air Eaglaisean Bhreatuinn, am
feum mòr, gu'm biodh tuilleadh mhinistearan air an cur
a mach do'n ionnsuidh. Tha iad aig iarruidh gu dùrachd-
ach, gu'm biodh ministearan aig a' bhaile a' toirt na
ciiise fa chomhair 'n an co-thionalan aca. Tha an t-Ard-
Sheanalh mar an ceudna, a' sparradh air na co-thionalan
aca fein, gu'm bi oidhirp air a deanamh leis gach aon
diubh gu suim airgid a thional — leth-cheud punnd
Sasunnach air a char a's lugha — leis gach aon diubh, gu
bhi air a chur dhachaidh do'n Bhuidhinn air am bheil
cùram nan Colonies anns an Eaglais Shnoir ; a chum
agus gu'm bi cosgais siubhail mhinistearan, a bhios air
an roghnachadh, agus a tha deònach a dhol a mach air
a phàigheadh." Mar a dh'ainmich sinn roimhe so, tha
Queensland 'n a dùthaich mhòir, fharsuing, bheartaich ; a
dh'ionnsuidh a' bheil anabarr sluaigh a' dol as na diich-
anna so. Ma's urrainn sinn dad idir a dheanamh air
an son, tha feum aca air. Bitheamaid a' guidhe gu'n
soirbhich an soisgeul 'n a measg.
Tha Mr. Camaron, a tha 'n a mhiuistear ann an New
South Wales, a' sgriobhadh dhachaidh mar a leanas : —
Ars' esan — "Tha cho liugha ri tri ìùteachan deug ann
an Cleir Shidney, far an gabhadh co-thionalan a bhi

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence