Skip to main content

‹‹‹ prev (359) Page 355Page 355

(361) next ››› Page 357Page 357

(360) Page 356 -
372
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Octoler 1, 1880.
t-searmonaiclie a tha 's an kite, a dh'innis da gu'n
robh aireamh mhaith ag aideachadh gu'n deach iad
thairis o bhàs gu beatha.
TUITEAM AIR FALBH OhOJICNN NA H-EAGLAIS.
Air iarrtus cleir' Glilascho shònruich an t-Ard-
Sheanadh a dheanamh mu tliimchioll tuiteam air
falbh o cheangal ris an Eaglais, agus treigsinn
mheadhonan nan griis. Bha aireamh chcistean air
an tarruing suas agus air an cur a dh'ionnsuidh
gach ministeir agus searmonaiche os ceann coimh-
thionaii arms an Eaglais, ag iarraidb. fiosrachaidh
a thaobh an tornhais anns am bheil an claonadh so
a' gabhail àite ; ciod iad na nithean a tha 'n am
màthair-aobhair dha ; agus ciod na dòighean agus
na meadhonan a mheasadh iad freagarrach gu stad
a chur air.
Rinn na freagraidhean a chaidh a thoirt do na
ceistean so soilleir, mar a dh'fheudamaid a bhi
cinnteach, gu'm bheil an aireamh mhòr dhiubh-san
a tha 'tuiteam air falbh r' am faotainn anns na
bailtean mora. Tha ministearan nam bailtean le
aon ghuth a' deanamh fianuis mu'n àireamh mhòr
a bha aon uair 'n an luchd-comunachaidh a tha
nis beò mar na cinnich. Air an dùthaich tha a'
mheud 's a tha 'tuiteam air falbh air am faotainn
gu h-àraidh am measg iasgairean, mheinead-
airean, agus sheirbhiseach nan tuathanach. Tha
na h-iomraidhean a' labhairt air dà sheorsa treig-
sinn ; aon diubh, tuiteam air falbh o'n eaglais
gu h-iomlan, agus an t-aon eile, dol thairis
chum na h-Eaglais SteiJhichte. Cha-n 'eil an
aireamh mòr a tha 'pilleadh do'n Eaglais Steidh-
ichte. Air a' Ghaidhealtachd is gann a chithear
no chluinnear a leithid. Gu ma fad a bhuan-
aicheas na Gàidheil dileas do phrioinh-bhun-
aitean Eaglais Shaoir na h-Alba ! Na tigeadh an
latha anns an toir iad gniiis do Eaglais air bith a
dhiobair na bunaitean sin ! Cha-n 'eil sinn 'g am
meas cho faoin a's gu'm bi iad air am mealladh le
samhladh brèige, no air an glacadh le cliceireachd
uaignich. Tha aobharan ag oibreachadh an còmh-
nuidh a tha ullamh gu muinntir gun seasmhachd a
ghluasad, mar a tha : — Companas, deidh air deadh-
ghean dhaoine mora, buannachd shaoghalta, etc.,
agus aon ni sònruichte eile — cho las a's a tha oid-
eachadh, no smachd, anns an Eaglais Steidhichte,
agus cho furasda 's a tha e, uime sin, sochairean
fhaotainn innte le neach air bith a dh'iarras iad.
Ann am freagradh do'n cheist a thaobh nan
nithean a tha 'n am màthair-aobhair tuiteam air
falbh, tha caochladh aobharan air an ainmeachadh.
Tha air uairean an t-olc a' tòiseachadh le
muinntir a bhi air an cumail as an Eaglais leis a
bhochdainn, agus do bhrigh sin, easbhuidh eudaich
fhreagarraich. Agus aon uair 's gu'm bheil neach
ach ùine gle ghoirid gun dol do thigh-aoraidh, tha
caoin-shuarachas a' fàs gu luath, agus dearmad a'
tighinn gu bhi cleachdail. Tha misgeireachd, agus
droch chuideachd, agus mar sin, tuiteam ann an
droch ghnàthachadh, air an toirt air an aghaidh
mar nithean sònruichte leis am bheil mòran air an
toirt a thaobh ; agus tha am buaidh ro f harsuinn
gu h-iiraidh anns na bailtean mora. Tha atharr-
achadh trie o aon àite gu àit' eile gu trie ag
aobharachadh call. Tha cuid a tha de chleachdadh
gluasadach, mar tha meineadairean agus cosnaich-
ean eile ; agus ann an dol o àit eolach gu kite'
aineolach, mur 'eil buachailleachd air a dheanamh
orra, tha iad ullamh gus na cleachdaidhean rianail
agus frithealadh riaghailteach air meadhonan a
bha aca am measg nan eòlach a thoirt thairis.
Tha cuid cho luasganach 's nach 'eil iad a' fuireach
cho fad ann an aon àite 's gu bheil eòlas air a chur
orra le muinntir a shealladh nan dèigh : tha iad
air falbh mun gann a tha fios air iad a thighinn.
Tha mòran a' dol do na bailtean mora aig nach
'eil càirdean no luchd-eòlais steidheil, rneasail
rompa, aig nach 'eil litir gu ministeir, no seanair,
a chumadh sùil orra : tha iad mar so a' dol as an
t-sealladh; a' fàs mi-chùramach agus diomhain,
agus a' tighinn gus an t-Sabaid a chaitheamh ann
an rathaidean nach smuainicheadh iad air, agus
nach bitheadh' a' chridh' aca dheanamh nam
bitheadh iad gu rianail anu an co-cheangal ri
coimhthional, agus fo chùram ministeir agus luchd-
dreuchd a' choimhthionail.
Thae 'n a ni ro chudthromach gu'm bitheadh sùil
agus greim air a chumail air na h-uile a bhuineas
do'n eaglais mar luchd-comunachaidh, agus mar
luchd-leanmhuinn. Agus chum na criche so, am
measg nan dòighean a tha air am moladh tha,
teagasg agus oilean cùramach do'n oigridh, araon
ann am firinnean an t-soisgeil, agus ann am priomh-
bhunaitean na h-eaglais mar Eaglais Shaoir ; agus
gu'm bitheadh sùil an deigh na cuid a' tha' fàgail
aon sgireachd gu dol do sgireachd eile, agus gu
h-araidh a' mheud 's a tha 'dol do bhaile mòr.
Cha bu chòir do aon, sean no òg, an coimhthional,
I no an dùthaich fhèin fhàgail gun litir o'n
mhinisteir gu ministeir na h-eaglais anns an àite
d'atn bheil e 'dol.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence