Skip to main content

‹‹‹ prev (358) Page 354Page 354

(360) next ››› Page 356Page 356

(359) Page 355 -
Octohcr 1, 1880.]
IOMRADH AIR CEAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
371
CEAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGELL AGUS LEUDACHADH NA H-EAGLAIS
AIG AN TIGH.
HOME MISSIONS.
TEACHDAIREAN-SOISGEULACHAIDH AN ARD-SHEANAIDH.
Tha fios aig ar luchd-leughaidh gu-n do slion-
raich an t-Ard-Sheanadh o cheann beagan bhliadh-
nachan air ais. gu'm bitheadh seanar mhinisteirean,
aithnichtè air son eud agus tiodhlacan freagarrach
air son na gnè oibre, air an comharrachadh gach
bliadhna gu dol a mach, car mios no dhà, mar
shoisgeulaichean. Tha iad a' dol do na cèarnan
db"ionnsuidh am faigb iad cuireadh o na ministeir-
ean a tha suidhichte 'a na cèarnan sin, agus a'
saoithreachadh gu pailt, a' searmonachadh an
t-soisgeil agus ag earalachadh gu durachdach,
maille ri urnuigh agus aslachadh, chum a' chuid a
tha an taobh a mach a bhi air an toirt a stigh. agus
iadsan a tha an taobh a stigh de"n eaglais a bhi air
am beotbachadh, agus air am brosnuchadh gu
gràdh, agus eud, agus deadh oibre. Tha teisteas
o gach làimh a' toirt aobhair dòchais nacli 'eil an
saothair an diomhanas. Tha iomradh againn air
coinneamhbhlath, bheothail. a bhi ann an caochladh
àitean, agus ann an cuid diubh, comharran glè
shoilleir air làthaireachd an Tighearna. B'iad na
ministearan a shònraicheadh chum na teaehdair-
eachd so air a' bhliadhna so chaidh.
An t-Urramach T. Adam, aa Chryston.
A. Andrew, an Glaschu.
A. Black, an Dundeagh.
D. Barnetson, Roslin.
A. Comrie, Carnoustie.
W. Paterson, Fraserburgh.
Bha cuairt Mhr. Adam ann am Botriphnie.
Grange, Forglen, agus Fyvie, ri laimh na h-aird
an ear-thuath, agus an Castle - Douglas, 'a an
taobh deas. Rè nan sè seachduinean a bha e air
a chuairt shearmonaich e an soisgeul dii fhichead
uair, ni a tha e 'meas 'n a shochair àraidh ; agus an
deigh iomradh dheanamh air an deigh a dh'fhairich
e aig sluagh air na coinneamhan, agus an àireamh a
bhi 'tighinn a mach d'an ionnsuidh, agus iomadh a'
tighinn astar fada, tha e ag ràdh : —
' Ged nach urrainn domh gu direach labhairt
mu thoraidhean comharraichte sam bith, gidheadh
bhitheadh iongantas orm mur robh an aire agus an
tlaehd a bha air antaisbeanadh n an comharradh air
gu'n robhmaith air a dheanamh tre bheannachadh an
Tighearna. Tha mòran aig am bheil an inntinnean
air an sealbhachadh le roimh-bhreth an aghaidh
choinneamhan soisgeulachaidh, ach tha e furasd'
fhaicinn gu bheil an fhaireachduinn so air a
h-aobharachadh le cainnt agus le deanadais mòrain
a tha 'dol an ceann na seirbhis le tuilleadh eud na
tuigse.'
Bha Mr. Andrew mios anns na h-Arcaibh, agus
cethir-là-deiig ann an Law, làimh ri Carluke. Ann
an tabhairt sgèil mu 'thurus tha e ag ràdh : —
' Chaidh mi an toiseach do Orphir, far an do
chaith mi seachduin iomlan, agus an do chum mi
da choinneamh dheug. Fhuair mi di-bheatha
chàirdeil ; agus mar a bhuanaich sinn oidhch' an
deigh oidhche, bha na coinneamhan a' meudachadh,
agus cha mhòr nach robh gach oidhche cuid de'n
mhurnntir òg a' fuireach air deireadh chum gu'n
labhairteadh riutha man t-slàinte mhòir.' . . . An
deigh innseadh mu na h - àitean eile anns na
h-eileanan far an do shearmonaich e, tha e agràdh,
' Uile gu lèir, fhuair mi tri cothroman deug 'ar
fhichead air an soisgeul a shearmonachadh, agus tha
leithid a thogradh aigmuinntir na h-Arcaibh air son
èisdeachd an Fhocail a's gu bheil iad mar nach
fàsadh iad sgith idir deth agus a' tighinn tri,
ceithir, agus cùig mile dh'ionnsuidh nan coinn-
eamhan.'
Shaoithrich Mr. Barnetson ann an caochladh
àitean 's an taobh deas. Ann an labhairt mu Laic,
aon de na h-aitean, tha e ag ràdh : —
Bha an toiseach seirbhis againn a mach. agus
chaidh sinn an sin a stigh do'n eaglais maille ri
niheud 's le'rn b'àdl ar leantuinn. Air cuid a
dh'oidhchean bha tuilleadh a mach na bha stigh,
agus oidchean eile bha e an rathad eile. Bha cuid
na h-uile oidhche ach beag a bha fo iomagann air
son an anama a' fantuinn an deigh chàich air son-
còmhraidh. An oidhche mu dheireadh bha an
àireamh a dh'fhuirich cho iriòr a's nach b'urraiun
domh labhairt riutha fa leth. B' obah- aoibhneach
a bh'ann gu cinnteach, agus obair fhurasda 'n uair
a bha an Tighearna cho soilleir ag oibreachadh.
Choinnich aon duine rium, mèineadair, a dh'innis
dhomh le eudan a' lasadh gu'n robh e air a thoirt sn
solus agus saorsa troimh an t-searmoin a rinneadh
aig fosgladh na h-eaglais aig Law. ' B'e an ceann-
teagaisg. " Agus tha àite falamh ann fhathast." '
Tha cunntas taitneach air a thoirt leis mu dhithis
mhac ann an aon teaghlach a tha. a reir coslais
air an tionndadh chum an Tighearna ; agus an
deigh sin tha e 'g innseadh, gu'n robh litir ai^e o'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence