Skip to main content

‹‹‹ prev (357) [Page 353][Page 353]

(359) next ››› Page 355Page 355

(358) Page 354 -
370
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[October 1, 1880.
A' GHAIDHE AL T ACHD AGUS NA H-EILEANA.
AN OBAIR AM MEASG NAN IASGAIR— INBHEARUIG.
Bha àirearnh lionmhor de iasgairibh Gaidhealach
arms a' bhaile so, mar a 's gnàthach leo, aig iasg-
achd nan sgadan : agus a rèir cleachdadh ar
n-Eaglais chuireadh teachdairean suidhichte a
shaothrachadh 'n am measg. Aig toiseach an
iasgaich fhritheileadh Focal an Tighearna dlioibh
le Mr. Dempster à Liabost ; agus 'n a dhèigh-san
thainig Mr. Uilleam Ros a Baile-Bhòid, a dh' fhan
maille riu gus an d' fhàg iad am bade. Bha na
Gaidheil, mar a 's àbhaist doibh, a' feitheamh gu
riagliailteach air na meadhonaibh gràis, araon air
an t-Sàbaid, agus air feasgairibh Dhe-Sathuirn
'n uair a bha iad saor o sheirbhis na mara. Bha
mòr thaitneas aig na teachdairibh a chuireadh
d'an ionnsuidh ann am faicinn nan coimhthional
mora, agus stòlda, a chruinnich air an t-Siibaid,
agus a dh' èisd le ro-aire ri searmonachadh an
t-soisgeil. Cha robh an taitneas idir na bu lugha
ann am faicinn àireamh co lionmhor a' frithealadh
nan coinneamh urnuigh ; agus ann an comunn a
mhealtuinn aig caithir-gràis ri Fear-eisdeachd na
h-urnuigh, agus ri iomadh aon d' a shluagh, d' an
gnàth bhi a' feitheamh air.
Cha-n 'eil sinn ag innseadh ach seann naigh-
eachd, ma their sinn gu-n robh na coigrich o 'n
Ghaidhealtachd 'g an giùlan fèin gu stuama deadh-
bheusaeh, o 'n leth am muigh. Gu ma fada bhith-
eas an sgeula ceudna r'a innseadh m'an timchioll !
Cha-n fheud sinn, gu dearbh, a ràdh gu-n robh
iad uile mar 'bu choir dhoibh a bhi : gidheadh
is ainmig a gheibhear sluagh co lionmhor, air
cruinneachadh aig obair sam bith, air am faicear a
leithid de rian 's a chithear air na h-iasgairibh
Gaidhealach.
Is doilich leinn a chluinntiun gu bheil £500,
de fhiachaibh fathasd air Eaglais nan Gaidheal 's
a' bhaile so, ged a rinn Mr. Ros agus cairdean eile
an uile dhichioll chum na fiachan fhaighinn air
am nàigheadh. Nach feudadh na Gaidheil fèin
oidheirp ghreimeail a thoirt chum an tigh-aoraidh,
a cheannaicheadh air an son, a shaoradh o 'n uall-
aich so fo 'm bheil e nis 'n a luidhe ? Na 'n
tugadh gach aon de she ceud deug iasgair leth-
chruin am fear air son an aobhair so, ruigeadh an
t-suim d& cheud punnd Sasunnach. Air an dòigh
so dh'fheudadh iad fein, ann an tri bliadhua, na
fiacha gu h-iomlan a sguabadh air falbh : agus
cha bu bheag an taitneas dhoibh an Eaglais aca
bhi saor.
Liabost.
Anns a' bhaile so agus m'a thimchioll, bha air a :
bhliadhna so mu she ceud iasgair o 'n Ghaidhealt-
achd ; agus b'iad na teachdairean, a chuireadh le
Comunn Ghaidhealaich ar n-Eaglais, a chuideach-
adh le ministeir na sgire aig am an iasgaich, Mr.
Mac Aoidh à Baile-Mairi, agus Mr. Falconer à
Innis-nan-lion. Aig tùs an iasgaich, bha Mr. D.
C. Mac Coinnich, searmonaiche, a' seasamh àite
Mhr. Dempster a bha e fèin, aig an àm sin, a'
frithealadh do na Gaidheil ann an Inbhearuig.
Mar a mheasadh iomchuidh, bha na teachdairean
so eatorra a' frithealadh do choimhthional a' bhaile,
agus do na coigrich a bha air chuairt ann.
Bha dà shearmoin Ghaelig ann do na coigrich
gach Sàbaid, agus coinneamh urnuigh ; maille ri
coinneamh urnuigh air feasgair Dhe-Sathuirn :
agus thaisbean na Gaidheil an speis do Fhocal an
Tighearna le bhi gu riaghailteach ag eisdeachd a
shearmonachaidh, agus le bhi a' cruinneachadh an
eeann a chèile a thagradh ris fèin air son a bheann-
achd 'n a choise. Ma bha am feitheamh firinneach,
mar bu mhaith leinn a chreidsinn gu-n robh e,
feudar an dòchas altruim gu-m faicear fathasd
na toraidhean 'n an caithe-beatha : oir cha-n 'eil
ni air thalamh a 's cinntiche na gu-n toir creidimh
an t-soisgeil an dream aig am bheil e gu bhi gu
cùramach a' gluasad ann an slighe àitheanta Dhè.
Nach ann a bhitheadh buaidh tèarnaidh an t-soi-
sgeil air a mhothachadh le sean 'us òg am measg ar
comh-luchd-dùthcha, air chor as gu faighear sinn
'ag imeachd ann an uile àitheantaibh agus orduigh-
ibh an Tighearna, gu neo-lochdach.'
Bun-uillidii.
Bha Mr. Mac Rath anns a' bhaile so air a chuid-
eachadh, aig àm an iasgaich, le Mr. Caimbeul a
Peitidh, agus le Mr. Ros à Tobar-Mhuire. B'e
barail dream d' am b' aithne gu robh mu mhile
coigreach anns an hite, a bha air an cleachdadh
mu 'n iasgach : agus mar a bha againn r'a innseadh
mu thimchioll nam bailtean iasgaich eile 's an
Taobh Tuath, bha na Gaidheil 's a' bhaile so a'
frithealadh nam meadhona gràis a dh'ullaicheadh
fa 'n chomhair. Bha seirbhisich an Tighearna gu
dichiollach a' searmonachadh Soisgeil ghlòrmhoir
an De bheannaichte ; agus tha sinn an dòchas nach
bi an siol luachmhor, a chuireadh, as eugmhais
toraidh, a bhitheas chum glòire Dhè, agus chum
buannachd mhaireannach do iomadh anam.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence