Skip to main content

‹‹‹ prev (360) Page 356Page 356

(362) next ››› Page 358Page 358

(361) Page 357 -
October 1, 1880.]
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
373
IOMRADH
MU SHAOTHAIE NA H-EAGLAIS ANNS NA COLONIES.
Canada. — Air an t-sàmhradh mu dheireadh, bha
au seathauih coinninih de Ard-Sheanadh Eaglais
aonaichte Chanada air a cumail. Tha an Record
aca a' radh, ' is i ar barail gur i so a choinnimh is
taitniche a bh' againn fathast. Cha 'n e mhain
gu 'm bheil sinn 'n ar aon aim an aimn ; tha sinn
mar au ceudna 'n ar aon ann an cridhe agus ann
an gràdh, agus ann 'ar n-oidliirpean gu aobhar
Chriosd a chur air aghaidh.'
Victoria. — Tha Dr. Macdonald, ann an litir a
sgriobh e a dh' ionnsuidh Cleireach a' Chommittee
ag radh, ' gu 'm bheil coinnimh gu bhi air a cumail
ann am baile Mhelbourne air a cheud mhios de'n
gheamhradh, de mhinistearan as gach eaglais
Phresbiterianaich anu an Australia, a dh' f heuchainn
an urrainn rian a bhi air a dheanamh, gu tuilleadh
aonaidh a thoirt mu'n cuairt am measg nan Eag-
laisean. Tha na h-aonaidhean a thachair a cheana
a' nochdadh gu soilleir, nan gabhadh so deanamh,
gu 'm bitheadh e gu niòr a chum leas an t-soisgeil.
New Zealand. — Tha Dr. Stuart a' toirt cunutas
taitneach mu shoirbheachadh na h-Eaglais amis an
tir so. Tha e 'g innseadh mar a tha an sluagh a
sior dhol an lionmhorachd agus am feum a th' air
tuiileadh mhinistearan. ' Bha mi, ' ars esan, ' o chionn
ghoirid, ann am Baile Naisby, dà mhile troidh
oscionn na mara. Fhritheil sinn dhoibh sacramait
Suipeir an Tighearna. Thainig cuid de'n cho-
thional astar fichead mile gu bhi maille ruinn. '0
chionn ceithir bliadhna deug, cha 'n fhaicte, ach
gann, craobh no tigh an so. A nis' chithear
tighean agus craobhan gu leòr, agus liosan làu
meas — cuid de na h-ùbhlan a chothromaicheas
punnd.'
' Na 'm bitheadh fhios,' arsaMr. Inglis, ' aig minis-
tearan oga ann an Albainn, cia lion raon mòr agus
gealltanach a tha ann an New Zealand thigeadh
iad a mach an so na'n dusanan.'
Tir Mhor na Roinn Eorpa. — Tha gun teagamh
clùsgadh a dol air aghaidh anns na cearnaidhean
so. Cha robh ach aon àite searmonachaicih aig
Mr. Macall anns an Fhraing o chionn naoi
bliadhna ; agus a nis tha seachd àiteachau deug
thair fhichead aige far am bheil e 'searmonachadh
aa t-soisgeil. Tha an obair a sior dhol am mend.
Bhaile 'n deigh Baile tha glaodh a' tighinn airson
luchd-teagaisg. Cha-n 'eil uainn ach daoine agus
airgiod, gus an Fhraing a chomhdach le àiteachan
searmonachaidh. ' Tha mi gu durachdach,' arsa
Dr. Bonar, ' a tagradh ribh airson na Frainge.
Ma 's urrainn sinn Paris, Baile mòr na Frainge a
chosnadh, coisnidh sinn an Fhraing fèin, agus mu
ghluaiseas sinn an Fhraing gluaisidh sinn an Roinn-
Eorpa.'
TEAOHDAIREACHD CHEIN NA H-EAGLAIS.
FOREIGN MISSIONS.
'S AN ARD-SHEANADH.
Roghnaicheadh an t-Ullamh Tomas Main, Ceann-
suidhe Comunn Teachdaireachd Chein na h-
Eaglais, gu bhi 'n a mhoderator, air an Ard-Shean-
adh. Bha so dleasdannach agus freagarrach, oir is e
so bliadhn' an iubilee. Tha nis leth-cheud bliadhna
o'n chaidh an t-ollamh Duff a mach an toiseach.
Shoirbhich an Tighearn leis an aobhar o'n uair sin.
Faodaidh sinn a ràdh le fìrinn, ' Rinn an Tighearn
mòr-bhearta' air ar son chuir oirnne gairdeachas.'
Thug am moderator mar an ccudn' fainear gu'm
bitheadh e dleasdannach do'n Eaglais air fad, dol
air a h-aghaidh ann an obair an Tighearna am
measg 'n am fineachan, le fialaidheachd sonruichte,
deagh dhiirachd, agus le tuilleadh creidimh agus
gràdh. Bha e freagarrach gu'n cuireamaid suas
Ebenezer, ag radh, ' Dh'ionnsuidh so chuidich an
Tighearn' leinn.' Ach bha spiorad taingealachd
ag agradh gu'm bitheamaid 'na 's gniomhaicli agus
na's dileas no bha sinn riamh, as lcth cinneach dainn
na rioghachd.
Thug Cornal Young seachad an iomradh bhliadh-
nal. Labhair e gu mm, poncail, mu thimchioll
saothair agus soirbheachadh na bliadhna. Bha
an obair a reir coslais, làn dochais, a' dearbhadh
nach robh ar saothair diomhain anns na h-ach-
aidhean agus na raointean mòr fad o'n bhaile.
Chrùn an Tighearn da rireadh a' bhliadhna le a
mhaitheas. Ach cuimhnicheamaid, gu bheil talamh
neo-aitichte 's na h-Innsean fathasd. Tha 'n sud,
dà cheud million gu leth de dh' anama neo-bhas-
mhor, 's tha chuid mhòr dhiubh fathasd aineolach
air Criosd agus air a shoisgeul. Tha feum gu'm
bitheadh ar suil agus ar n-urnuighjris an Treabh-
aiche mòr,
' gabh truas rl talamh bau,
Tha fathast shin gu'n charachadh,
Is cuir-sa siol air bharr nam beann,
Oir gheall tbu ann a t-fhocal e.
As air olcas gu'm bi an grund,
Bi sguabau trom tigliinn dhaehaidh dheth,
A bheir nan aimsir toradb. trom,
(inn duill a cliall no dlx alac hdainn.'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence