Skip to main content

‹‹‹ prev (223) Page 219Page 219

(225) next ››› [Page 221][Page 221]

(224) Page 220 -
236
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[tulaidh 1. 1878.
suidh a Bhiobull Gearmailteach, ag ràdh, gu 'm b' e
sin a chompanach 'n a uairean tàimh. Chomh-
arraich mi earannan ann a tha 'labhairt mu 'n
Mhesiah ; thug e mòran taing dhomh, agus thuirt e
gu 'n dùraigcadh e bhi 'g èisdeachd rium rè an
atha."
PATRUIG HAMILTON.
Rugadh an duin' ainmeil so, mu 'n bhliadhna
1503. Thainig e o shluagh uasal ; agus bha e
cairdeach do 'n Righ fèin. Shònruicheadh o 'òige e
gu bhi na shagart Papanach, ach chunnaic Dia
iomchuidh a ghairm, agus dheonaich e dha gràs a
rinn araon ainmeil agus urramach e ann am fion-
lios an Tighearna. Bha Mr Hamilton dhiubhsan a
bha aig toiseachadh obair an ath-leasachaidh ann
an Alba. Agus b' e a' cheud mhartaireach e airson
na firinn, ann an Alba.
A chum mòr fhoghlum a chosnadh, chaidh e
maille ri gillean òg uasal eile do 'n Ghearmailt.
Mar so thachair gu 'n do choinnich e ris na daoin'
urramach sin, Martin Luther, agus Philip Melanc-
thon, a bha na 'n innealan sonruichte anns na
cearnaidhean ud gu bhi 'cur air a h-aghaidh obair
ath-leasachaidh a' chreidimh. Mar so thainig e gu
bhi 'faicinn mearachdan na Papanachd, a bha e
roimhe sud a' creidsinn ; agus cosmhuil ri Pol bha
e nis cho dian air taobh na firinn, agus a bha e
roimhe so na h-aghaidh. Fadheòidh phill e dh'
ionnsuidh a dhùthcha fèin, a dheanamh aithnichte
dhoibh nithe iongantach an Tighearna. Mar so,
aig aois thri bliadhna fichead thoisich e air an
t-soisgeul a shearmonachadh an Alba ; agus air
a bhi 'nochdadh mearachdan marbhtach na Papan-
achd. Bha e gu h-anabarrach air aideachadh na
shaothair.
Bha aig an àm so, Cardinal Beaton aindiadhaidh,
fuilteaeh, air ceann Eaglais na Roimhe ann an Alba.
Air tùs chuir e dian iompaidh air Mr Hamilton, ciil
a chuir ris na beachdan nuadh so, mar thubhairt e
— agus 'n uair a chunnaic e nach deanadh Mr
Hamilton so, rinn e air ball greim air ; agus chuir
e 'm priosan e- Chithear gus an là 'n diugh, an
toll ann an iochdair a' chaisteil aige, am Baile
Chillribhinn, anns an do leagadh sios an duine
ionmhuinn so, air an oidhche 'bha 'n sud. Air
chumadh botuil, tha e domhain agus farsuing aig
'iochdar ach caol aig a mhullach ; air sheol 's nach
bu chomasach do neach air bith, a thighinn as, gun
chomhnadh. Tha an toll dubh so, air a ghenrradh
as a chreig, air an robh an daighneach aig a
Bheatonaeh air a togail.
Fadheoidh bha Mr Hamilton air a tharruing gu
cùirt ; agus air dha aideachadh, gu 'n robh e' teagasg
pongan fallain an t-soisgeil, bha e air a dhiteadh gu
bhi air a losgadh le teine, ann an aon do shraidean
Chillribhinn.
Beagan mu 'n do lasadh an teine, chuir e 'aodach
dheth, agus thug se e do 'òglach ag ràdh, " Gabh so,
cha-n eil tuilleadh agamsa a bheir mi dhuit; ach
eisimpleir mo bhàis — a tha mi 'guidhe ort, thu
chumail air chuimhne. Tha am bàs so searbh am
beachd dhaoine ; gidheadh tha e dhomhsa a chum
beatha shiorruidh, nach sealbhaich aon air bith a
dh' aicheadhas Criosd fa chomhar an droch ghineal-
aich so." An sin thog e a shùilean gu neamh ag
earbsadh 'anama ris an Tighearna.
Is iad na briathran deireannach a labhair e,
"Cia fhad, Thighearna, a chomhdaicheas an
dorchadas so an rioghachd. Cia fhad a chead-
aicheas tu ainneart dhaoine."
Fa dheireadh, ag radh nam briathran a labhair
Stephen, "A Thighearn Iosa glac mo spiorad" dh'
iobair se e fèin do Dhia, maille riu anns gach linn,
a bhàsaich airson 'fhirinn bheannaichte ; dream air
nach b' airidh an saoghal. " Bitheamaid nar luchd-
leanmhuinn orrasan, a tha trid creidimh agus
foighidin, 'a sealbhachadh nan geallaidhean."
NAIGHEACHDAN-EAGLAIS AIR A'
GHAIDHEALTACHD.
MlNISTEARAN AIR AN GaIRM.
Mr D. A. Domhnullach à I, gu Cille Chuimein.
MlNISTEARAN AIR AN SU1DHEACHADH.
Mr T. G. Ross, ann an Duinbheatha.
DAOINE OGi-A FHUAIR SAORSAINN TEAGAISG.
Mr Eoin MacIomhair, le Cleire Ghlascho.
Mr Murchadh Moiristan, le Cleire Ghlascho.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence