Skip to main content

‹‹‹ prev (222) Page 218Page 218

(224) next ››› Page 220Page 220

(223) Page 219 -
IidaìdJi 1. 1S78.] IOMRADH AIE CRAOBHSG
AOILEADH AN T-SOISGEIL.
235
ceudna mu Iudhaich ris an robh conih-labliairt
aige fhein ann am Pesth a bha roimhe so a' frith-
ealadh gu riaghailteach aig searmonachadh an
tsoisgeil, agus aig an do ghabh an fhirinn freumh
'n an cridheachan.
Thabuaidh na Lèigh-tlieaclidaireachd re 'fhaicinn
cha-n atin a mhàin o 'n chomhluadar a tha aig an
leigh, Dr Lippner, ris na h-fudhaich a tha 'tighinn fo
a- làimh, acli o so mar an ceudna, gu bheil àireamh
ra 's mò na 's àbhaist de na h-Iudhaich a' tighinn
do 'n tigh-eiridinn (hospital). Ann an sin tha iad
a' fuireach rè seachuinean gu trie, a' cluinntinn a'
Bhiobuill air a mhineachadh, a' faicinn agus a'
faireachadh eisimplear agus buaidh, agus a' faghail
cothroim air fàs eòlach air spiorad fior Chriosd-
uidheachd, agus air gràdh Criosduidh; agus is
iomadh a dh' aidich a' bhuaidh-tharruing a th'
annta.
'Se reiceadh nan leabhranan (colportage) aon
de na meadhonan an 's èifeachdaiche gu ruigheachd
air inntinnean nan Iudhach. Tha dà bhliadhna o
na chaidh tòiseachadh air, agus tha aon phearsa
deug air an eleachdadh 's an obair so le stochd maith
de leabhraichean feumail ann an cùig de na
cànainean a tha air an labhairt ann an Hungary.
Tha na h-Iudhaich ro dhèidheil air leabraichean
Criosduidh a cheannach.
Iomradh le Mr Ribdel, Colporteur.
An Tigh-òsda Iudhach aig Hermanstadt an
Transylvania. — " Thabuidhnean de cheannaichean
Iudhach a' coinneachadh 's an tigh-òsda, a dhean-
amh gnothuich. Tha mi trie a' tathaich an tighe,
agus tha mi 'faighinn gabhail rium gu càirdeil, ged
is aithne dhoibh an gnothuch air am bheil mi,
eadhon air son focal an Tighearna a reic, agus air
son comh-labhairt gu sònruichte mu nithibh spiora-
dail. Tha iomadh deasboid air bhi againn mu
dhearbhadh air gu 'n d' thàinig am Mesiah. B'e
am fear bu dèine a bha 'cur 'am aghaidh ceann-
aiche o Mhiscola, agus ciod e b' iongantaiche leam
na fhaicinn là no dhà an dèigh sin a' tighinn a
cbeannach Tiomnaidh Nuaidh. Thubhairt e nach
b' urrainn e an còmhradh a bh' againn a dhi-
chuimhneachadh, agus gu 'n robh e air son an
Tiomnaidh Nuaidh a rannsachadh air a shon fhèin.
Cor nan Iudhach anns na bailtean-beaga,
agus anns na bailtean-margaidh fagus do
Hermanstadt. — Bha còmhradh taitneach agam ri
Mr S. Tha eòlas comharraichte aige air Sgriob-
tuirean an Tiomnaidh Nuaidh, agus thuirt e rium,
" Cha-n 'eil aodhair mu 'n cuairt a tha cho maith
suas anns a' Chreidimh Ohriosduidh, agus anns na
Sgriobtuirean a 's a tha mise." Thuirt mi ris gu 'n '
robh e gu maith neach a bhi air a bhonntachadh
ann an eòlas na firinn, agus dh' fheòraich mi dheth,
" Ma tha th u 'n ad Chriosdnidh 's a' cheann, c' arson
nach 'eil thu 'n ad Chriosduidh ann an cridhe?"
Fhreagair e, "Is aithne dhuit na Sacsonaich agus
am fuath do na h-ludhaich. Nam bithinn-se air
son a bhi air mo bhaisteadh, tha e 'na cheisd am
bheil aodhair an so a fhrithealadh an t-ordugh
dbomh, agus eadhon ged robh mi air mo bhaisteadh,
mheasadh muinntir an àite so mi bhi cho mòr 'n
am Iudhach a 's a bha mi roimhe, agus bhuineadh
iad rium do rcir sin. Coma co dhiubh, o nach 'eil
annam ach duine singilte, tha mi an dòchas an t-àit
fhàgail gu goirid, agus an sin ni mi suas m' inntinn
a thaobh ciod a 's còir dhomh aideachadh."
An Leightheachdaireachd.
Tha obair Dhr Lippner an Lèigh-theachdaire ro
chudthromach, agus tha i air a leanntuinn cheana
le toraidhean maithe agus gealltuinneach. Tha
lèigh-theachdair bhi air a chur a chum nan
Iudhach rò iomchuidh, do bhrigh gu bheil e frea-
garrach gu bhi 'seòladh an sùilean 'n a ionnsuidh-
san a leighis cuirp am feadh a bha e 'tàirgseadh
anaman chloinn' Abrahaim a leigheas. Tha Dr
Lippner ann an toirt cunntais mu 'obair a' sgriobh-
adh : —
" Tha mi 'toirt mo chuairtean gnàthaichte gus
am bi e deich uairean 's a' mhaduinn. O dheich gu
leth-uair an dèigh aon uair deug tha mi anns an
tigh eiridinn ' Betesda.' dhà uair dheug gu dà
uair an dèigh 'mheadhon-latha tha mi 'toirt comh-
airle a nasgaidh ann mo thigh fhèin. B'e an
àireamh a thàinig mar so dh' ionnsuidh mo thighe
air a' bhliadhna dh' fhalbh ochd fichead agus ochd-
de'n robh ceud agus tri 'nan Iudhaich, da fhichead
's a dhà 'nam Pàpanaich, agus tri 'ar fhichead 'nam
Protestanaich."
Tha Dr Lippner ag innseadh mu cliòmhdhailean a
bha aig ri cuid de na h-Iudhaich, agus mu'n chòmh-
radh mu nithibh spioradail a bha eatorra. Cha-n
ainmich sinn aig an àm ach aon mu 'm bheil e
ag ràdh. " Bha K. a' gearan rium air an t-saoghal
aingidh so. Fhreagair mi, gur e am peacadh
freumh an uil. Sheòl mi mar an ceudna e chum a'
Mhesiàh a bha air a ghealltuinn mar an aon
leigheas air peacaidh agus a thoraidhean. Thug so
sinn gu bhi 'rannsachadh mu gheallaidhean an
t-seann Yiomnaidh. Dh' aidich Mr K. nan robh
na h-Iudhaich a 'leantuinn gu dlùth ris na
Sgriobtnirean, an àite bhi 'gabhail minichidhean
Cashi agus an Targuim, gu 'n tuigeadh iad na
geallaidhean na 's feàrr, agus gu 'm bitheadh aca
ionmhas do 'n anamaibh fèin. Thug e 'am ionn-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence