Skip to main content

‹‹‹ prev (213) [Page 209][Page 209]

(215) next ››› Page 211Page 211

(214) [Page 210] -
226
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[lulaldh 1. 1878.
arm. an ceum mòr. Thug so toilinntinn do mhòran de na bha làthair, ged a bha cuid a' meas
nach robh cunnart ami Bha aon ni a bha taitneach air fad , nach robh aon bhall de' n Ard-
sheanadh nach do sheas le Leabhar-aideachaidh a' chreidimh, agus le nrinn agus ughdaiTas
a' Bhiobuill mar air a dheaohdadh le Spiorad Dhè. Ehad 's a leanas an Eaglais ris a' Bhiobull,
leanaidh beannachadh an Tighearna rithse.
Am measg cheisdean eile dh' èirich a' cheisd mu Eaglais Stèidhichte. Bha cuid a' meas
gu-m bu choir gu-m bitheadh an Eaglais Stèidhichte a th' ann air a cumail suas, agus a'
Pharlamaid air iarraidh gu saorsainn a thoirt dith a rèir Agartas Còire na h-Eaglais Saoire.
Bha cuid eile a' meas gu-n do thog an Eaglais Shaor Protest an aghaidh na h-Eaglais Stèidh-
ichte an uair a dhealaich i rithe, agus nach b' urrainn i bhi riaraichte gun i bhi air a cur as
an àite anns am bheil i, agus nach buin d' i. B' e beaehd na muinntir ud gu-n do thagair an
Eaglais Shaor dith fèin riamh gu-m b' i f ior Eaglais na h-Alba, agus nach b' urrainn ni air
bith a dheanadh an Eioghachd aimsireil, Eaglais na h-Alba a dheanamh de 'n Eaglais Steidh-
ichte. Is ann ris a' bheachd so a lean a' mhòr chuid de 'n Ardsheanadh. Ach bha e nor
nach robh neach an làthair a mheas gu-n robh e 'na ni micheart gu-m bitheadh Eaglais
Stèidhichte ann, ach mheas an t-Ardsheanadh nach robh e iomchuidh do 'n Eaglais Shaoir
dol a dh' iarraidh sochairean Eaglais Stèidhichte anns an t-suidheachadh anns am bheil
Alba nis.
Bha iomadh cunntas air a thoirt stig-h do 'n Ardsheanadh mu chraobhsgaoileadh an
t-soisgeil. Bha iad sin ro thaitneach. Tha meadhonan air an cleachdadh aig an tigh, air
Gaidhealtachd 'us Galltachd, an Innsibh na h-Airde an ear, an Africa, air Mòr-thir na h-Eorpa,
am measg nan Iudhach, am measg luchd-aiteachaidh Ur-threabhachais Bhreatuinn, agus an
àitibh eile. Is i so obair mhòr na h-Eaglais, agus is aobhar buidheachais do Dhia gu bheil an
Eaglais againne a' cumail àite-toisich innte. Cha robh riamh na h-uiread a dh' airgiod air a
chruinneachadh chum craobhsgaoileadh an t-soisgeil leis an Eaglais Shaoir 's a bha am
bliadhna, agus tha so a' feuchainn gu bheil cridhe an t-sluaigh leatha 's an obair, agus iad
toileach air a bhi 'comhpairteachadh de 'n cuid. Bha deich mile punnd Sasunnachair a thoirt
seachad mu choinnimh feum aobhair Dhè le sluagh na h-Eaglais Saoire am bhliadhna, na 's
mò na thugadh seachad riamh roimhe. Tha sin a' feuchainn gu bheil toil aig sluagh Alba
d' i fèin agus d' a fianuis. Am bheil sinne 'deanamh ar dleasdanais do 'n aobhar le bhi
'toirt gu fialaidh dha. Is beag ar leanmhuinn mur bi toradh air.
Dh' fhaodadh sinn iomradh dheanamh air mòran de nithibh eile mu 'n Ardsheanadh ach
leigidh sinn leis aig an àm. A mhàin their sinn gu 'n robh neul air làmh an Tighearna bhi
le Ardsheanadh Ghlascho, agus ged dh' fhaodadh atharrachadh beaehd bhi am measg nam
ball air cuid de phuinngean, bha mòran aonachd cuideachd ann, agus cha-n 'eil sinn 'dol a
ràdh nach faod atharrachadh beaehd a bhi ag oibreachadh chum maithe air amaibh.
A' GHAIDHEALTACHD AGUS NA H-EILEANA.
Aig coinneamh Ard-Sheanaidh ar n-Eaglais, o
chionn ùine gheìtrr, ann an Glascho, thugadh a
steach leis an Urramach an t-011amh MacLach-
luinn iomradh taitneach mu thimchioll oibre a'
Chomuinn Ghaidhealaieh d' an esan a 's Ceann-
suidhe. 'n iomradh sin tha sinn a' fùghlum nan
nithe so a leanas.
A thaobh an airgid a dh' earbadh, rè na bliadhna
a dh' flialbh, ris a' Obomunn so air son maithe na
Gaidhealtachd thugadh a steach do 'n ionmhas
£4844. De 'n t-suim so, thàinig £2760 o ofrailibh
nan coithional air feadh na riògbachd ; £641, o
thiodhlacaibh sònraichte dhream àraidh air feadh
na h-Eaglais ; agus £801, o dhlleabaibh chàirdean
a thugadh uainn. A thuilleadh air na chuireadh
ri chèile air a' bhliadhna so, bha £2629, aig a'
Chomunn thairis o chunntas na bliadhna an
uiridh. Leis an airgiod so phàigheadh £1295, air
son luchd-searmonachaidh ; £1192, air son luchd-
ceasnachaidh ; £105, air son cosdais mhinisteirean

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence