Skip to main content

‹‹‹ prev (214) [Page 210][Page 210]

(216) next ››› Page 212Page 212

(215) Page 211 -
FukùdK I; IS7S.] IOMRADH AIR CBAOBHSGAOTLEADH AN T-SOISGEIL.
227
a chuireadh leis a' Chemunn a shearmonaehadh
ann an caochladh àitibh, agus air son leabliranaibh
beaga ; £388, air son cuideachaidh le fòghlumaich
a tha ag ullaehadh air son na ministreileachd ;
£495, air son còmhnaidh le ìninisteiribh a tha
suidhichte anu an coithionalaibh ùra, agus nach
'eil a' tarruing o Ionmhas-beathachaidh nam
ministeir suim co mòr 's a tha ministeirean nan
seana choithional. An dèigh nan nithe so, maille
ris gach cosdais eile a phàigheadh, tha an Comunn
a' tdiseachadh oibre bliadhna eile le suim airgid 'n
au làimh eadardhàagus trì mile punnd Sasunnach.
Air do 'n Eaglais mar so a fialaidheachd a thais-
beanadh chum aobhair Chriosd a ehumail suas air
feadh na Gaidhealtachd, agus air do 'n Ard-
Sheanadh an uirìdh òrduchadh gu-n deantadh tional-
airgid air feadh na h-Eaglais gach bliadhna, an
ait aon uair 's an dà bhliadhna, mar bn ghnàthach,
tha an Comunn gu mòr air am misneachadh 'n an
oibre ; agus tha iad a' rùnachadh leasachaidh
pàighidh a thoirt do 'n luchd-saothrachaidh a tha
'n an seirbhis-san. Tha iad ag iarraidh £80, 's a'
bhliadhna a thoirt do luchd-searmonachaidh ; agus
tuarasdail an luchd-ceasnachaidh a thogail a rèir
sin. Tha iad mar an ceudna ag iarraidh euideach-
aidh a thoirt do fhòghlumaich air son na minis-
treileachd, ionnus gu m faigh iad an teagasg a tha
feumail chum an uidheamachadh air son na h-oifig
sin, fhada 's a tha e an comas dhaoine ullachadh a
thoh't doibh. Tha an Comunn mar an ceudna ro-
dhèidheil air luchd-saothrachaidh a chur a dh'
ionnsuidh chearnaidhean iomallach d 'ar tlr, a bha
gus a nis gu mòr air an dearmad a thaobh fritheal-
aidh mheadhona gràis annta.
Aig an àm so, tha ann an seirbhis a' Chomuinn
cuig-thar-fhichead de luchd-searmonachaidh, agus
se-deug de fhoghlumaich air son na ministreileachd.
M' an àm so an uiridh, bha ochd-deug de choi-
thionalaibh ban air feadh na Gaidhealtachd. 'n
àm sin dh' fhàgadh sè coithionalan eile ban ; eadhon
iadso,Srath Fhairigeig, Cill a'-Chuimein, agus Duin-
bheatha, le atharrachadh an teachdaire chum sgir-
eachdaibh eile ; Tonga agus Cill-taraglain le bis an
teachdairean ; agus Re-sholuis le dealachadh an
teachdaire o 'n sglreachd. Thugadh cead leis an
Ard-Sheanadh an uiridh do thrì choithionalaibh ùra
gairm a thoirt do mhinisteir. Mar so bha ann re
na bliadhna de choithionalaibh bàna seachd thar-
fhichead. De 'n àireamh sin fliuair tri-deug min-
isteirean ; agus tha ceithir-deug fathasd falamh.
dh' èirich an t- Ard-Sheanadh shuidhicheadh Mr
Alasdair Li ann an Inbhear-naruinn ; ach tha 'ath-
arrachadh-san a' fàgail a' choithionail, os ceann an
robh e, Liabost ann an Gallaobh, falamh.
TEAGASG NA GAELIG ANN AN SGOILIBH.
Air do 'n Chomunn a bhi ro-dheidheil air teagasg
freagarrach fhaicinn air a chomh-pàirteachadh ris
na Gaidheil, chunncas iòmchuidh leo an Ceann-
suidh, an' t-Ollamh MacLachluinn— achurdoLunn-
ainn, a ehumail comhluadair m 'an chdis so ri Diùc
Richmond agus Ghordoin, duine uasal a 's e Priomh-
fhear-comhairle na riòghachd air son teagaisg.
Chaidh suas 'n a chuideachd-san o Dhun-èideann air
a' ghnothuch cheudna na daoine urramach, Mr
Seumas C. MacPhail agus Mr Al. MacChoinnich.
Dh 'innis iad so do 'n Diùc, mar an dearbh bheachd-
san.
1. Gu-m bheil teagasg na Gaelig do 'n chloinn
Ghaidhealaich cha-n e a mhàin ceart ann fèin, ach
mar an ceudna ro-fheumail chum an treòrachadh
gu bhi a' tuigsinn na Beurla. 2. Nach 'eil e idir
coltach gu-m bi, rè iomadh bliadhna ri teachd, dad
a dh' eòlas air Beurla aig iomadh neach am measg
nan Gaidheal, agus gu h-àraidh aig na boirionnaich
òga nach 'eil a' dol fada o 'n tigh, no a' coinneach-
adh gu trie ris na Goill. 3. Gu-m bheil e mar
so 'n a dhleasdanas air an luchd-riàghlaidh teagasg
ullachadh air son na cloinne anns na sgoilibh 'n
an cànain màthaireil, chum as gu-m feud iad na
Sgriobtuirean Naomha a leughadh 's an aon chainnt
a labhras mòran diubh rè am beatha. 4. Gu-m bu
choir do riaghailtibh bhi air an dealbhadh le luchd-
riaghlaidh na rioghachd trid am faigheadh na
Sgoilean 's am bheil a' Ghaelig air a teagasg gu
poncail tiodhlacan-airgid àraidh air an son fèin, a
thuilleadh air na dh' fheudadh iad a chosnadh fo
na riaghailtibh trid am bheil na Sgoilean Gallda
a' faighinn cuideachaidh o luchd-riaghlaidh na
rioghachd aig an am so. Cha-n urrainn duinn a
ràdh gu-n d' fhuair na daoine uasal urramach so
gach ni a dh' iarr iad o 'n Diùc ; ach fhuair iad
uiread a dh' atharrachadh a dheanamh air na seann
riaghailtibh 's gu-m faicear a nis gu soilleir gu-m
bheil e ann an comas Bhòrd nan Sgoile anns gach
sglreachd òrdugh a thoirt chum Gaelig a theagasg
anns na Sgoilibh a tha fodhpa, agus pàigheadh a
thoirt do mhaighstii'ibh-sgoile air son an teagaisg
sin as an airgiod a dh' earbar riu. Ged bu mhaith
leinn tuilleadh na so fhaotainn, cha bheag am
buannachd gu-m feud na daoine, a tha air an
taghadh leis gach sglreachd chum fòghluim na
cloinne a riaghladh, cùisean a chur an òrdugh air
a leithid a dhùigh 's gu-m foud òigridh na Gaidh-
ealtachd a bhi air an teagasg chum Focail Dè a
leughadh 'n an c nain fèin.
Am measg iomadh ni eile, mu nach feud sinnaig
an am so labhairt, a thugadh fa ehomhair an Ard-
Sheanaidh mu 'n Ghaidhealtachd, rinn ar deadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence