Skip to main content

‹‹‹ prev (212) [Page 208][Page 208]

(214) next ››› [Page 210][Page 210]

(213) [Page 209] -
IOMRADH AIR CRA OBHSGA OILEADE AN T-SOISGEIL LEIS AN
EAGLAIS SEAOIR.
AIR A CHUR A MACH UA1R 'S AN RA1DH.
Air. 15.] IULAIDH 1. 1878. [A' Phris, Sgillinn.
IOMEADH AIR CEAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL LEIS AN
EAGLAIS SHAOIE.
""IE an tritheamh là thar f hiehead de rahìos Màidh, chruinnich Ardsheanadli Eaglais
Shaoirnah-Alba ann an Glascho. Bha fad o nach robh a leithid a chruinneaeh-
adh ann an Glascho roimhe. Cha-n e nach robh e ann. 'S a bhliadhna
1638 bha Ardsheanadli an Glascho bha ainmeil ann an eachdraidh na tire. Bha
an duine mòr sin Mr Alasdair Henderson 'n a cheann-suidhe air a choinnimh,
agus, am measg iomadh ni eile a rinn iad, chuir iad sios le aon bhuille na h-Easpuigean a bha
'n an eallach troni air an tir, agus a bha air an cuinail suas leis an righ, a cheart aindheoin a'
phobuill. Bha Alba riamh de dh' inntinn an Ardsheanaidh ud agus cho luath 's a f huair i an
cothrom chuir i an Eaglais Easpuigeach sios. B 'e cainnt Alasdair Henderson an dèigh do na
h-Easpuigean bhi air an cur sios, " Leag sinne ballachan Iericho, agus am fear a dh' f heuchas
ri an togail a ris, leanadh mallachd Hiel a' Bhetelich ris."
B 'e an ath Ardsheanadh a chruinnich ann an Glascho Ardsheanadli na bliadhna 1843,
a ehoinnich 's an f hoghair air a' bhliadhna sin. Bu mhòr an sluagh a bha 'n an luchd-
amharc, agus bu nihòr an gluasad bha 's a' bhaile. Thogadh nithean nach do chuireadh an
rian an Duineidin 's a' Mhàidh, 'us cha b' iongantach ged a bhitheadh iad ann, oir b 'i so
bliadhna an dealachaidh. 'us bha na h-uile ni ri dheanamh as ur. B 'e Dr Brown, ministear
ainmeil ann an Glascho, a bha 'n a cheannsuidhe, agus b' urramach e. Ged a bhitheadh
an eaglais air a rannsachadh cha ghabhadh duine a b' urramaiche a ghleidheadh.
Choinnich an t-Ardsheanadh mu dheireadh ann an Glascho air a 24 mh là de-n Mhàidh a
chaidh seachad. Bha muinntir Glascho ro mhiannach air na h-uile goireas bhi aig buill an
t-seanaidh, agus chuir iad Talla mor ùr, a chumadh tri mile sluaigh, an ordugh air an son,
agus bha uairean trie ann ! s nach gabhadh aon neach a chuir ris an àireamh a bha stigh.
Bha tlachd mòr aig an t-sluagh ann am bhi ag eisdeachd na bha air a ràdh air na ceisdibh
a dh 'èirieh. Bha iomadh ni air a laimhseachadh. Bha puinngean a' chreidimh am measg
laimhe, gù h-àraidh mu thimchioll a'Bhiobuill, agus mar a bha e air a chur ri chèile. Bha
cuid de dhaoine òga bha 'meas mar sgoileirean gu-m bu chòir dha bhi saor dhoibhsan 'bhi
a rannsachadh na h-uile ni mu 'n Bhiobull mar a b' aill leo, gu h-àraidh mar a dh' fhaodadh
iad fhaighinn o eòlas mion a chur air na ceud chànainean. Cha-n 'eil an eaglais ag iarraidh
daoine a bhacadh o bhi 'rannsachadh mar a chi iad iomchuidh, ach tha an Eaglais againne
air a eeangal ri Leabhar-aideachaidh a' chreidimh, agus dhit an t-Ardsheanadh beachdan nan
dithis dhaoine a bha roimhe mar bheachdan a bha an aghaidh teagaisg an Leabhair ud
JOHN GREIG AND SON,]
[PRINTERS, EDINBURGH

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence