Skip to main content

‹‹‹ prev (94) Page 90Page 90

(96) next ››› Page 92Page 92

(95) Page 91 -
April 1. lS7ò-]
IOMRADH AIR CRAOBHSG
AOILEADH AN T-SOISGEIL.
91
c 'na bhuanuachd no 'na clniram dhoibh, air dhòigh
air leth, gu n cuirteadh ri 'n àireamh. Ach ged
tha iad mar so caoin-shuarach mu shluagh eile, tha
iad a' sealltuinu le fuath guineach air aon air bith
a threigeas an comunn fhèin : tha iad 'g am meas
mar mhuinntir a tha "cur cùl, cha-n e mhàin ri 'n
cinneach, ach mar an ceudna ris a' chreidimh a
thugadh dhoibh r' a chumail. Is aim air a' bhonn
so a tha a' " Bhan-Iudhach Shasunnach" a' reason-
achadh agus a'- fireanachadh fuath nan Iudhach
dhoibh-san a dh' iompaichear gu Criosduidheachd.
Tha, mar anns na làithibh o shean, eudaca a thaobh
Dhe, ach cha-n ann a rèir eòlais. Ach is mòr an
t-eadar-dhealachadh a tha eadar Iudhaich an latha
'n diugh agus Iudhaich latha Isaiah. Bha 's an latha
sin an cinneach a' giùlan soluis, cha-n an a mhàin
air an son fhein, ach mar an ceudna, air son nan
Cinneach, air son an t-saoghail ; ach a nis, cha-n
'eil iad a' sealltuinn an taobh a mach dhiubh fhèin,
no ag iarraidh gu 'n comh-pàirticheadh an saoghal
de 'n sochairean. Ged nach biodh ann ach so fèin,
tha e 'n a dhearbhadh soilleir gu leòir air gu 'm
bheil a' gheug air a gearradh de 'n chrann-olaidh.
Cha-n ann an sin a tha fior eaglais an Dè bheò
ri bhi air a h-iarraidh, ach maille riu-san a tha
'leantuinn cos-cheuman Mhic Dhaibhidh, agus an
" Eabhruidhich de na h-Eabhruidhich " sin, Abstol
mòr nan Cinneach, agus a tha a' guidheadh agus a'
saothrachadh air son gu ; m faiceadh gach iomall
tire slàinte ar De-ne.
PESTH (Hungary).
Tha Mr Kocnig, an teachdaire 's a bhaile so, a'
sgriobhadh mu nighinn òig de chloinn Israeil a
bhaisteadh o chionn ghoirid. Tha a h-iompachadh
'n a eisimpleir air mar tha an obair a' soirbheachadh
le buaidh shàmhaich ann an cosnadh chridheachan.
Bha Miss B a' frithealadh gu riogh-
ailteach air an t-Sàbaid re dhà bhliadhna, agus bha
i fo theagasg rè na cuid bu mhò de 'n ùine sin.
Thogadh i am measg a sluaigh fhèin a bha 'nan
Iudhaich theann. An dèigh bàis a màthar, bha i
air a toirt do Phesth, agus air a cur fo chùram
baintighearna dhiadhaidh de choimhthional Mhr
Koenig. Thàlaidh buaidh na h-eisimpleir dhiadh-
aidh a chunnaic i 'n sin i dh' ionnsuidh a' chreidimh
a ghiulain a leithid do tboradh, agus dhùisg e iarrtus
innte air son eòlas na bu choimhlionta fhaotainn mu ^
n t-slighe sin. Ach b' ann aig am dhi bhi fianuis-
each air baisteadh bhi air a fhrithealadh do aon eile,
a thàinig an driiigheadh gu blii domhain, agus a
mhiannaich i 'n a cridhe bhi 'n a h-aon de chloinn
an Dè bheò.
'S an t-samhradh so chaidh, air dhi bhi 'g amharc
a càirdean, dh' innis i gu saor dhoibh nach robh i
'na ban-ludhach na b' fhaide, agus gu'n robh i 'n
dùil, an àm iomchuidh, i fein a cheangal ri coimh-
thional Criosduidh. Ghnàthaich a sean-mhathair
gach beadradh agus aslachadh a b' urrainn di. chum
a h-inntinn atharrachadh, ach bha a h-oidhirpean
diòmhain ; agus mu dheireadh spìon i a fait liath ii
a dhòrlaichean, mar dhearbhadh air a doilgheas.
Fhreagair Miss B nach b' urrninn a dearbh-
achd air an fhlrinn bhi air an atharrachadh air son
gràdh talmhaidh a chosnadb, agus gu 'm feumadh i
seasamh amis an ni air taobh an robh a coguis a
toirt fianuis an sealladh Dhè. Phill i do Phesth,
agus chaidh a baisteadh. Cha d' thàinig a cùirdean
a thoirt fianuis, ach fhritheil cuid clo a dilsibh a tha
's a' bhaile aig an t-seirbhis gu stdlda, stuama. Tha
Miss B seachd bliadhna deug a dh' aois. Tha
gàirdeachas aig an tcachdair ann an creidsinn gu 'n
d' fhoillsich Criosd e fèin dhi 'na ghràs, agus gu 'm
bheil an t-aideachadh a riun i gu follaiseach, " Is
leam-sa fear mo ghràidh, agus is leis-san mise," a
reir na firinn.
PRAGUE (am Bohemia).
Litir o Mhr Fukst an Teacddair.
' Am measg mo bhràithrean Iudhach tha mi a'
coinnneachadh an ullamhachd cheudna a 's àbhaist
gu deasboireachd a dheanamh mu 'n t-soisgeul, ach
an neo-shuim cheudna do nithibh spioradail. Tha
cuid gu h-iomaguineach a' feòraich mu 'n aon ni
fheumail ; agus iadsan a dh' iarras e gu ddrachdach
gheibh iad e gun teagamh.
' Choinnich mi anaite-reicidhnam Biobull Iudhach
neach a tha 'n a fhear-lagha. Cheannaich e Tiomn-
adh Nuadh Eabhruidheach ; agus thug so cothrom
dhomh air labhairt ris mu 'n Chreidimh Chriosduidh.
Dh' aidich e gu saor gu 'n robh e 'n a anacreideach,
ach nach robh fois aige. Thogadh e 'na Iudhach
teann, ach tre leughadh leabhraichean a sgriobhadh
le saobh-chreidich agus anacreidich mar tha Strauss,
Bauer, agus Renan, chaill e a chreidimh ann am
beul-aithris nan aithrichean, agus maille ri sin, a
chreidimh ann am Foillseachadh air bith o Dhia.
Dh' earailich mi air an leabhar naomh a cheannaich
e a rannsachadh gu dùrachdach agus gu m' faigh-
eadh e Esan a 's c ar sith-ne. "0," ars' esan, "tha
farmad agam ris gach neach a tha 'creidsinn ann an
diadhachd, agus aig am bheil an t-sith so." Gu 'm
beaunaich Dia 'Fhocal fhcin clo mhac so Abrahaim !
' Air dhomh bhi a' gairni air teaghlach Iudhach a
b' aithne dhomh, choinnich mi an sin fear-teagaisg
Iudhach. Air dhomh ainm Iosa a luaidh, thuirt e
gu sgeigeil, 's a' chànain Eabhruidhich, " Am fear
sin ! " Air dhomh so a chluinntinn, agus fios a bhi
agam ciod a bha e 'ciallachadh, dh' oidhirpich mi
fheuchainn dha co e da rireadh an Duine sin mu 'n
do labhair e cha tàireil. Air do fhear-an-tighc
fhaicinn gu 'n d' fhàs sinn blàth aim an deasboir-
eachd, chomhairlich c dhuinn sriiid a ghabhail ri

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence