Skip to main content

‹‹‹ prev (95) Page 91Page 91

(97) next ››› [Page 93][Page 93]

(96) Page 92 -
92
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[April 1. 187C.
taobh na h-aimhne, far am feudamaid ar n-argumaid
a leantuinn gun neach a chur dragha oirnn. So
rinn sinn : agus o nach urrainn mi na h-uile puing
a laimhsich sinn ainmeachadh, is leòr dhomh aràdh
gu 'n deach agam air 'aire a cheangal ri sgeul iong-
antach a' chroinn-cbeusaidh. R6 tuilleadh a 's uair
an uaireadair, dh' èisd e ris na bb.' agam r' a ràdh ;
agus dh' innis fear an tighe aig am bheil e air
chairtealan gu 'n robb e fad an latba 'n a dhèigh
sin air a gbluasad leis na chual e. Air dhomh so a
chluinntinn, bha dùil agam gn' m faicinn e aig mo
thigh, o 'n a dh' innis mi dha c' kit an robh mi
chùmhnuidh, agus gu 'n d' innseadh dhomh gu 'n
robh e an run gairm orm : ach gus an latha 'n diugh
cha d' thàinig e. Cia iongantaoh an toimhseachna
mac an duine !
' Thachair dhomh bhi an comunn beagan ludhach
mu 'n àm an d' thkinig an latha ris an abair iad là
mòr na Rèite. Thòisich sinn air seanachas mu 'n
latha, agus chuir na chuala mi mòr iongantas orm.
Ars' aon, " Cha-n 'eil raise 'dol do 'n t-sionagog air
an latha sin, do bhrlgh nach 'eile togradh 'sam bith
agam gu dol ann." Ars' an ath fhear, "Tha sinne
'dol ann, o nach 'eil an latha a' tachairt ach aon uair
's a' bhliadhna, agus tha sinn 'g a dheanamh air
sgkth an neach so, no an neach ud eile." Air do
aon diubh a rkdh nach robh aige an leabhar-urnuigh
freagarrach air son an latha, thairg an ceud fhear
dha coingheall do 'n leabhar aige-san, do bhrigh
nach rachadh e fhèin air chor air bith do 'n t-siona-
gog. Ma 's iad sin beachdan agus faireachdainnean
nan ludhach mu thimchioll an latha a 's sòluimtea
ch' aca 's a' bhliadhna, feudaidh neach a bhreith-
neachadh ciodan suidheachadh 's am bheil an creid-
imh 's a' choitchionn. Seargadh agus bàs — 's e so
a tha 'sealltuinn oirnn 's an aghaidh. Gu' n dòirt-
eadh Dia a Spiorad Naomh air nacnamhaibh tiorma
so, chum gu 'n tig iad beò chum a ghlòire !
BAS MHR DAIBHIDH SUTHAIRLAIN AN INBHIRNIS.
B'ann le mòr dhuilichinn a chuala luchd-iiit-
eachaidh Inbhirnis, agus iomadh neach a thuilleadh
orra, mu bhàs an teachdaire urramaiche so, a
thachair aig a thigh fèin an Inbhirnis, air an
ochdamh là deug de October.
Gus an d' thkinig na beagan mhlosan deireannach
d' a bheatha, bha e 'n a dhuine slkn, fallan ; agus
bhitheadh a luchd-eòlais ullamh g'a smuaincachadh
gu-n robh iomadh bliadhna roimhe fathasd anns a'
ghkradh. Ach chunnaic Tighearn a' ghàraidh iom-
chuidh a ghairm air falbh.
Bu mhac e do thuathanach, de 'n aon ainm ris
fòin, ann an taobh soir Rois, mu thimchioll am b' e
teisteas Uisdein Muilleir gu-m "b' fhear de 'n
ghinealach de dhaoinibh fiiidhail e bha nis gu luath
a' caitheamh as." Bha e air fear de sheann eildeiribh
ainmeil Rois, agus 'n a dhuine lkn de chaoimhneas,
de fhialaidheachd agus de eud air son cinneachaidh
aobhair an Tighearna. Rugadh a mhac, m' am
bheil sinn a' sgriobhadh, ann am Manachainn Rois,
's a' bhliadhna 1814. Mar sin aig am a bhàis, bha
e tri fichead bliadhna 'us aon a dh' aois. An dèigh
na fhuair e de theagasg o 'athair fìùdhail, dh'
fhòghlumadh e air son na miuistreileachd, an tois-
each ann an Obaireadhain, agus an dèigh sin an
Duinèidin, far an robh e fo theagasg Dhr Chalmers.
Shuidhicheadh e 's an Eaglais an ear ann an
Inbhirnis, 's a' bhliadhna, 1839 ; agus an sin dh'
fhan, agus shaothraich e gu dichiollach, a' chuid eile
d' a bheatha, air dha fèin agus d' a choithional an
Eaglais Shaor a leantuinn aig dm an Dealachaidh.
'Na shearmonachadh bha e soilleir, dileas, agus
dùrachdach ; agus n 'a obair am measg òigridh
a' choithionail, bha e air leth gniomhach ann
an cleachdadh gach meadhon freagarrach chum
am fkgail san 'n am buill fheumail de 'n Eaglais
air thalamh, agus an uidheamachadh air son na
h- Eaglais air neamh. Am meadhon a shaothar
agus 'fheumalachd, ghairmeadh dhachaidh e, a 'fàgail
coithionail agus teaghlaich aig am bi ionndran air
rè iomadh lk ri teachd ; agus a' fkgail bearna ann
am miuistreileachd na h-Eaglais Saoire, 's a' bhaile
's an robh a chòmhnuidh, nach bi furasd a lionadh.
An uair a tha aithrichean dileas an Dealachaidh
mar so, aon an dèigh aoin, air an toirt uainn, is
mithich dhuinn tagradh ri Ceann beò agus mairean-
nach na h-Eaglais air son coilionaidh a gheallaidh ;
" Agus bheir mi dhuibh aodhairean a rèir mo
chridhe fein, agus beathaichidh iad sibh le h-eòlas
agus le tuigse."
NAIGrHEACHDAN-EAGLAIS
GHAIDHEALTACHD.
'S A'
MINISTEARAN AIR AN GAIRM.
Mr M. M'Cuinn, gus an Tairbeart.
Mr T. Grannd, a Baile Dhuthaich, gu Glascho.
Mr Ruaraidh M'Ratha, gu Carlobhaidh.
Mr D. M'Neacail, a Loch Raonasa, gu Dunomhainn.
MINISTEARAN AIR AN SUIDHEACHADH.
Mr EoiN M'AoiDn, a Gleannliobhainn, 's an Oban.
Mr. I. S. M'Leathainn, à Ceannloch, am Boide.
Mr D. M'Pharlainn, an Srathchonainn.
Mr M. M'Cuinn, 's an Tairbeart.
Mr R. M'Ratha, an Carlobhaidh.
MINISTEAR A DH* FHAG AN EAGLAIS SHAOR.
Mr M. M'Iojihair. an Glascho.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence