Skip to main content

‹‹‹ prev (93) Page 89Page 89

(95) next ››› Page 91Page 91

(94) Page 90 -
90
EAGTAIS 8HAOR NA H-ALBA.
[April 1. 1S7U-
mheasg sluagh an iuto. Tha iad a 'cruirmcachadh
air son soisgeulaich a chumail suas gu bhi 'searmon-
achadh o aite gu h-itite.
Comunn nan daoin' oga. — Mu thoiseach an t-
samhraidh tha meanglanan dosrach Dan craobh
comhdaichtc le duilleach tarruing na 's dluithe air
comunn a' cheile, 's co ionnan, 'n uair tha an Tigh-
carn pilleadh bruid a shluaigh tha 'n òige 'teachd
gu cheile air son ùrnuigh, agu? rannsachadh nan
sgriobtuirean. Tha mu dha fhichead dhiubh so a
nis ann an " Comunn nan daoine oga" 'coinneach-
adh gach seachduin 's a Bhetel, airson lcughadh
agus rannsachadh focal Dhe. Bharrachd air so, tha
dà choinneamh gach seachduin 's a choithional ;
air feasgar Dheceudain, air son searmonachadh
an fhocail agus fàs ann an gràs agus air feasgar
Dhe-baoine airson urnuigh, airson dortadh a mach
Spiorad naomh a gheallaidh. Air laithean feille,
agus amana sonruichte co-chruinneachaidh sluaigh,
tha Mr Seasadrai agus a chuideachd air sraid
agus air margadh an ceann an oibre, a' mineachadh
's a teagasg an ainm an Ti a tha 'g radh, " Thigibh
a m' ionnsuidh-sa, sibhse uile tha ri saothair,
agus fo throm uallach."
AN TEACHD AIREACHD
JEWISH
Is cinnteach gu' bheil fios aig cuid d' ar luchd-
leughaidh mu 'u obair mhòir sin, a chriochnaich-
eadh o chionn beagan bhliadhnachan — an Canal
eadar an Eiphit agus a' Mhuir Ruadh, troimh am
bheil slighe aithghearr air son loingeis a dh'
ionnsuidh nan Innsean agus uile dhiithchaibh na
h-Aird an Ear ; agus gu 'n do cheannaich Brea-
tunn, o chionn mios no dhà, o ard-uachdaran na
h-Eiphit, a choir anns a' Chanàl air chcithir muill-
ean punnd Sasunnach. Le so tha tomhas ughd-
arrais aig ar rioghachd ann an riaghladh a' Chanàil
Bithidh so 'n a chothrom gu h-aimsireil ; oir mar
is ann aig Breatunn a 's mò tha de ghnothuch do 'n
aird an ear, de uile rioghachdan an t-saoghail, is iad
a cuid loingeis a 's lionmhoire a tha 'gabhail na
slighe sin. Ach clia-n ann air a' bhuannachd
aimsireil a dh' fheudas leantuinn o 'n bharagain a
rinn ar luchd-riaghlaidh a tha sinn a' sealltuinn an
so. Cha-n urrainn sinn gun bhi 'smuaineachadh
air a' bhuntainn a th 'aig a' ghnothuch ris na
h-Iudhaich. Tha an Iompaireachd Thurcach, fo
riaghladh am bheil tir Pbalestin, a' tuiteam as a
cheile ; agus cha-n 'eil e eucoltach nacli faicear,
mu 'n teid mòran bhliadhnachan thairis, cha-n e
mhàin an Eiphit ach mar an ceudna Palestin, fo
dhion Bhreatuinn. Ma thachras sin, tha e furasd'
fhaicinn gu' bheil aon ni a leanas. Le rathad fos-
gailte gu Jerusalem, agus barandas airteàruinteachd
do bheatha agus do mhaoinan sin — ni nach 'eil aim
a nis — tòisiehidh imrich nan Iudhach — " an cin-
neach sgapta," air ais do 'n tir fhein ; agus thig cor
Israel 'san am ri teachd gu bhi 'na ceisd mhòir do
rioghachdan eile. Cha ruig sinn a leas tuilleadh a
ràdh ; ach na h-uile a tha 'creidsinn nach do chrioch-
naicheadh fhathast eachdraidh a' chinnich Eabh-
ruidhich, bheir iad gu dùrachdacli fainear cùrsa nan
sruthan a tha air tòiscachadh air ruith.
CHUM NAN IUDHACH.
MISSION.
Na ii-Iudhatch an Sasunn.
Tha leabhar a tharruing tomhas mòr aire air bhi
air a sgrìobhadh o chionn ghoirid air Eachdraidh nan
Iudhach Sasunnach, le aon diubh fhein. Thàinig
na ceud IudhaichTa thuinich 's an rioghachd so as
an Spàinn, agus bha iad de slieòrsa na b' uaisle na
iad sin a thàinig, aig amaibh na bu deireannaiche, à
Poland, agus as a' Ghearmailt. Do bhrigh an eadar-
dhealachaidh so cha d' thàinig an dà shruth riamh
gu bhi air an làn cho-measgadh. Tha iad eadhon
fhathast fo eadar-dhealachadh ainmean — na Seph-
ardim (an Eabhra air son Spainnich), agus na
h-Askenazim (ainm aig nach aithne dhuinn a
bhrigh). Bha an t-asdar eatorra so cho mòr aon
uair a 's gu' bheil " Ban-Iudhach Shasunnach," ann
an litis gu paipeir Lunnuinneach mu 'n chùis, 'g a
choimeas ris an dealachadh a bha aon uair an
Sasunn eadar na teaghlaichean uasal a thàinig a
nail à Normandy le Diùc Uilleam a cheannsaich
Sasunn, agus an sluagh cumanta a bha mu 'n
cuairt doibh. Ach tha gun teagamh an dealachadh
so a nis air dol ann an tomhas mòr as an t-sealladh ;
oìr ged thàinig Mr Disraeli, Prlomh-chomhairliche
na Ban-righ de na Sephardim, tha teaghlaichean
saoibhir, inbheach, nan Rothschilds, nan Goldsmids,
agus nan Cohens, de na h-Askenazim. Cha-n 'eil
iighdar an leabhair a dh' ainmich sinn a' creidsinn
ann am flor iompachadh o 'n chreidimh Iudhach gus
a' chreidimh Chriosduidh. Tha e ag ràdh ged fheud
iomadh aideachadh a dheanamh, gidheadh, gu' bheil,
an tràths' 's a rithist, nithean a' tighinn gu solus a
tha 'dearbhadh iad a bhi 'nan Iudhaich 'nan cridhe.
Ach tha e cheart cho daingean a' cur an ceill nach
eil Iudhach 'sam bith ag iarraidh Criosduidh iom-
pacliadh chum 'aidmheil-san. 'Na shuilibh-san tha
na h-Iudhaich 'nan comunn naomh, agus cha-n 'eil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence