Skip to main content

‹‹‹ prev (92) Page 88Page 88

(94) next ››› Page 90Page 90

(93) Page 89 -
April I. 1870.]
IOMRADH AIR CTvAOBHSG
AOILEADH AN T-S01SGEIL.
89
dha saorsainn fhaotainn ann au labhairt agus an
sgriobhadh na canain Maràti, thoisich e ri foghlum
Gusiuràti agus Hindustani. An deigh sin cliaidh
e air aghaidh gu oidhirp a thoirt, seana chainnt nan
Innsean, agus maille rithe, seana chainnt Phersia,
ionnsachadh. Bha e mar so deasaichte air gach
laimh air son teagasg agus air son dion na firinn
mar a tha i ann an Iosa Criosd. Ann am bàs a
mhna urramaich ann an 1835, fhuair a fein buille
ghoirt, agus am mision call mòr.
Mu thoiseach an fc-Samhraidh 1830, chaidh air
tir 'an Calcutta Mr Alastair Duff, a' cheud teachdair
'chaidh a macli an ceangal ri Ard-sheanadh na
h-Eaglais. Thoisich e air sgoil a chur suas air son
foghluim agus ard-fhoghluim, 's an robh am Biobul
mar bhunait, agus chlach-steidhe. Mar a rinn
Calum-Cille an I, rinn Duff's na li-Innsean, 's cha b'
fhad gus an robh toradh ri 'fhaicinn. Mu dheireadh
Da bliadhua 1838, shoirbhich le Mr Uilson agus a
cho-luchd-oibreachaidh, air leithid a dhoigh 's gun
robh mu 300 acafo theagasg. Thug an fhirinn buaidh
air dithis thainig gu luath air an aghaidh air son
baistidh. Ghabh each eagal mòr, agus theich a mhòr-
chuid diubh dhachaidh. An kite nan 300 cha robh
ach 45. Am measg na muinntir a dh' fhan, bha
oganach d' am b' ainm Naraidhean Seseadraidh, a
dh' aidich, nach ruigeadh esan leas falbh — nach robh
teagamh 's am bith ann gu'm bitheadh esan air a
ghlacadh ann an lion an t-soisgeil. Cha b' fhad an
deigh sin gus an robh e ann an deuchainn agus fo
iomagain anama, ag eigheach " Ciod ani mi chum 's
gu 'n tearnar mi?" Goirid an deigh so sgriobh Mr
Uilson leabhar air "Saobh-chrabhadhnam Parsach"
agus mu thoiseach na bliadhna 1843, ghabh e cuairt
air tirean na h-aird an Ear agus gu sonruichte ann
an dùthaich Phalestin. An deigh a chuairt a cho-
dhunadh, thainig e do dh' Alba beagan laithean an
deigh do 'n Eaglais slàn a ghabhail de 'n Staid, ann an
1843. Sgriobh e aig an am sin leabhar, nach facas a
lethbhreac fathasd, fo ainm " Tirean a Bhiobuill."
Phùse'n dara uair Miss Denistoun(1846),boironnach
diadhaidh, eudmhov, a bha dhasan agus do 'n aobhar,
dileas 'us saothrachail air son iomadh bliadhna. Air
son deich bliadhna an deigh sin, bha e 'saothrachadh
gu cunbhallach am measg nan treubhan mun cuairt,
agus a' cumail suas agus 'cur am farsuinneachd eolas
sgriobtureil araon 'an sgoil 's an Oil-thigh. Lion
beag 'us beag, thug 'eiseimpleir dliiadhaidh, buadhan
inntinu bha barraichte am measg nan ceud, foghlum
a bha neo-chumanta, agus gu h-àraidh eòlas air
sluagh na dùthcba,an cainntean, an eachdraidh, agus
an cleachdaidhean, maille ri saothair agus eud bheò
air son leas an anania, dha aite 'us inbhe am beachd
sluaigh, agus sgolairean, nach d' fhuair neach sois-
geulach riamh roimhe, 's an tir ud. Bha e 'n
comhnuidh deas gu eòlas, a choisneadh leis fein le
mòr shaothair, a thabhairt seachad saor do mhuinntir
eile. Thug a chliii, a bhuadhan, 'fhoghlum agus
fhein aicheadh, 'leithid de bhuaidh air cairdean, co
luchd-saothraich, agus muinntir eile, 's gu 'n do
chuir iadri 'chèile suim mhòr airgid, mar thaisbean-
adh air am meas air fein agus air 'obair. Bha riadh
an t-suim so gu bhi air a phaidheadh dha fein ri a
bheò, agus an deigh sin, air son cumail suas fear-
teagaisg " Co-chordadh nan Cainntean," ann an oil-
thigh Bhombai. Chaochail a bhean an 1867, agus
o'n uair sin bhris a shlàinte. Ann an 1870 thainig
e rithisd do dh' Alba, agus rinneadh e na Cheann-
suidhe air ard-Sheanadh ar n-Eaglais. Chaidh e air
ais rithisd an ath bhliadhna. Bha 'shaothair cho
dion agus cho dlùth 's a bha i riamh, ach cha robh a
neart a reir a mhiann. Thug an Tighearn air falbh
morande choimh-aoisean 'n ar measg, agus dh' fhàg
so e ann an tomhas aonarach. Bha iarrtus a sior-
bheothachadh, 's e 'g osnaich airson an tigh agus
an àite comhnuidh shuas. Threig a neart e ro
luath, ach ged a bha 'n duine o 'n leth mach a'
caitheamh as, bha 'n duine o "n leth a stigh air ath-
nuadhachadh o là gu là. Mu dheireadh thainig an
teachdaire, agus thionndaidheadh sgdile a bhàis gu
maduinn oirdheirc na siorruidheachd. Do 'n ollamh
Uilson, buinidh cliii an dream mu 'in bheil e air a
radh, " Dealraidh iadsan a tha glic mar shoilleircachd
nan speur ; agus iadsan a thionndaidheas morau
gu fireantachd mar na reultan, fad saoghail nan
saoghal."
Dealna — Mr Seasadrai. — Tha ar caraid ion-
mhuinnMr Seasadrai 'toirtcunntasro-thaitneach mu
thimchioll fàs an aobhair ann an Dealna agus anns
na bailtean mu 'n cuairt. Aig a choinneamh leth-
bhliadhnail air son gabhail a steach luchd-aideach-
aidh òga, chaidh deich pearsa fichead chuir ris an
Eaglais a' deanamh aideachadh follaiseach agus iad
air am baisteadh. Tha nis mu leth-cheud pearsa air
an gabhail a steach do' n-Eaglais le Mr Seasadrai,
's an ùine ghoirid o 'n phill c dhachaidh. Tha c,
mar is cubhaidh, 'deanamh gairdeachas mor, maille
ri breith-bhuidheachais air son maitheas an Tigh-
earna. ''Rinn an Tighearn nithean mora air ar son.
Bha sinn aoibhneach." Tha luchd-aideachaidh an
àite air toiseachadh da rireadh air saothrachadh 's an
fhion-lios, 'saothrachadh as leth au luchd-dùthcha
tha fathasd aineolach 'us dorcha-
CoMUNN CRAOBIISGAOILIDH AN T-SoiSGErL. — Chuil - -
eadh air chois a' chomuinn so mu dheireadh an
t-samhraidh, le ceannsuidhe agus luchd-dreuchd o

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence