Skip to main content

‹‹‹ prev (91) Page 87Page 87

(93) next ››› Page 89Page 89

(92) Page 88 -
88
EAGLAIS SHAOll NA H-ALBA.
[April I. 1870.
II R MIIOR NA ROINN EORPA.
An Eadailt.
Ann am Baile "Genoa," a bhuineas do'n Riogli-
aclid so, tha Mr Miller 'na Mhinistear, an ceangal
ris an Eaglais Shaoir. Tha Mr Miller aig an àm
so, a' cruinneachadh airgid gu eaglais a thogail an
sud. Tha e fèin agus a choithional, air làrach eaglais
fhaighinn, ann an doigh anns nach d'thugadh làrach
riamh roimhe. Sin ii ràdh, tha làraeh air a toirt
le coirichean 'o'n Righ agus a' Pharlamaidaige. Is
i 'n Eaglais Shaor a' cheud Eaglais Phrotestanach,
a fhuair a leithid a choir, o chionn iomadh latha.
Tha Mr Miller an dòchas gu'm bi a leithid air
a dheònachadh am bailtean eile, anns an Eadailt —
am Baile Florence, ann an Naples, agus faodaidh e
bhi 'san Roimh, far am bheil a Righ chathair aig a
Phapa fèin.
Naples.
Tha Mr Gordon Gray, a' saothrachadh anns a'
bhaile so, agus a' sgriobhadh mar a leanas. " Tha
focal an Tighearna air a shearmonachadh gach
Sàbaid — coinneamh ùrnuigh air a cumail gach
seachduin — na sgoiltean againn air an cumail suas ;
ach is i a' cheist, cionnus a gheibh sinn an sluagh òg
a tha air an teagasg annta, gu iad fèin a thoirt do
obair an Tighearna, 'n deigh dhoibh an sgoil fhàg-
ail. chionn cuig bliadhna deug air ais chaidh na
ceudan diubh so troimh na sgoiltean againn ; agus
bu mhiann leinn gu mòr, gu'm biodh iad na'm
meadhon, air muinntir eile a thoirt gu eòlas na
firinn. Guidheamaid air an Tighearn gu'n deòn-
aich e an inntinn so dhoibh.
An Roimh.
Is e am baile so priomb. bhaile na Papanachd —
agus far nach bu dana le neach air bith, gns o
chionn ghoirid, an soisgeul a shearmonachadh.
Tha an Eaglais Shaor a' cur Mhinistearan o àm gu
àm a dh' ionnsuidh a' bhaile so. Tha a nis eaglais
againn ann. Tha Mr Cusin a' sgriobhadh, gu'n robh
o chionn ghoirid, seachduin air a shonruchadh air-
son coinneamh ùrnuigh, a dh' iarraidh beannach-
adh an Tighearna air an saothair. " Cha'n fhada,"
tha e 'g radh," gus am bi iomadh tigh aoraidh Pro-
testantach anns an Boimh. Air chul na h-Eaglais
againn fèin, tha 'n Eaglais Shasunnach, an Eaglais
Americanach, na Wesleyans, na Baistich, agus na
Waldensians gu àitean aoraidh a bhi aca anns a'
bhaile so. Feuch uime sin mar a tha an soisgeul
a' faotainn buaidh ! "
A Bailtean eile.
A Cannes, Mentone, Stettin, Lausanne, agus Paris,
baile mòr na Frainge, tha sinn a' faotainn deagh
iomradh mar an ceudna, cionnus a tha an Tighearna
'soirbheachadh le saothair na h-Eaglais againn.
Guidheamaid gu'm bi so air a dheonachadh ann an
tomhas ni's mò, agus mar sin, gu'm bi an sluagh
anns na h-ionadan dorcha ud, air an soillseachadh
le eòlas slainteil an t-soisgeil,
TEACHDAIREACHD CHETN NA H-EAGLAIS.
NA H-INNSEAN AN EAR.
An t-Ollamh Eoin Uilson, Bombai. — Chaochail
an Teachdair urramach, an t-ollamh Uilson, na
thigh fèin, air a' cheud la de mhios mheadhonach
a' gheamhraidh so. B'e an teachdaire bu shine,
agus b' fhaide shaothraich, a bh' aig an Eaglais,
air tìr mhòir nan Innsean an Ear. Rugadh e
an Laudair, an siorramachd Bharraic 's a bhliadhna
1804. An laithean 'oige, araon 'an sgoil 's an oil-
thigh, thaisbean ebuadhan inntinn a bha barraichte,
agus mun d' thug e thairis 'bhi na fhoghlumach,
bha taobh sònruicht aig ri " Teachdaireachd chein
na h-Eaglais." Chuir e 'n clò eachdraidh beatha
Mhr Eliot, an teachdair mòr a shaothraich am
measg Innseanach America mu thuath. Chuir e
•'Comunn Craobh-sgaoilidh an t-soisgeil" air chois
ann an Oil-thigh Dhuineidinn. Chaidh e fèin a
chur air leth chum dreuchd na ministreileachd le
cleir Laudair mu mheadhon an t-Samhraidh 1828.
Goirid an deigh sin, phòs e nighean do 'n Urr.
Coinneach Ban, a bh'ann an Grianaig, boirionnach
aig an robh buadhan inntinn a bha sonruichte am
measg bhan, agus cridhe làn eud air son aobhar
agus gloir a' Mhaighistir. Dh' fhàg iad tir an
dùthchais air son nan Innsean an Ear mu mheadhon
an fhoghair sin fèin, agus rainig iad talamh an
aineol' mu thoiseach an earraieh 1829. Thòisich iad
air ball air a' chainnt Marati ionnsachadh, agus ann
an ochd miosan, bha iad deas air son saothrachadh
am measg" nan Cinneach ann am Bombai. Maillc
ri cuideachadh o dhaoine eagnaidh agus tuigseach,
'bha ann an serbhis Bhreatuinn 's an àite, bha a
bhean f ein, a ghnàth na cobhair deas dha ann am bhi
'cur suas tighean-sgoile air son gillean 'us nigheanan.
Bha e fèin, 's na laithean ud, air 'chois de Shàbaid
's de sheachduin, a' searmonachadh, 's a teagasg o
àitc gu àite mu 'n cuairt. Cha b' fhad gus an do
chuir e 'lamh ri sgriobhadh agus cur an clò teagasg
sgriobtuireal, soillear, mu shlighe na slainte. Air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence