Skip to main content

‹‹‹ prev (90) Page 86Page 86

(92) next ››› Page 88Page 88

(91) Page 87 -
April 1. 1876.]
10MRADH AIR CRAOBHSGA01LEADH AN T-SOISGEIL.
87
am measg a phobuill so, agus a bhriseas dhoibh aran
na beatha. Agus aig an am cheudna, eutromaicbidh
e m' eallach fèin, a tha nis gu maith tròm orm, aig
an ac.is aig am blieil mi — tha mi nis a' dol 'na mo
cheithir fichead bliadhna. Thuige so, mheas mi c
mar dhleasdauas seasamh mach an agbaidh aonadh
nan Eaglaisean, a bh' air iarraidh le cuid 'nar measg.
Ach a nis feudaidh mi radh, gur e an ni bu mhò a
bheireadh a thoileachadh dhomh, na 'm b'e toil an
Tighearna e, gum faicinn mu'n rachadh fòid air mo
cheann, gu'm biodh an t-iomlan de na h-Englaisean
Presbiterianch anns na Colonies so, air an aonadh
ri cheile, ann an ceanglaichean a ghràidh, ann an
aou Eaglais."
NEW ZEALAND.
Tha Mr Alasdair Stewart air dol a mach a dh'
ionnsuidh na cearnaidh so a shaothrachadh am
measg an t-sluaigh. Tha Mr Stewart a' sgriobhadh
mar a leanas : —
" Tha mi, o na thainig mi do 'n tlr so, a' toirt
comhnaidh do Mhr Ross, a tha 'na mhinistear anns a
chcarnaidh do 'n ainm ' Lake Wakatip.' Tha ceithir
àitean searmonachaidh againn. Tha tigh-aoraidh
anns gach aon diubh. Feudair a thuigsinn uime
sin, cia cho feumach agus a bha Mr Ross air cobh-
air 'n uair dh' innseas mi dhuibh, gu 'n robh e
thuige so, 'na aonar, ge do bha iad astar seachd mile
o cheile. The a chuid is mò de shluagh an àite a Alba.
Thuige so, chab' urrainn searmonabhi gach Sabaid
anns gach kite dhiubh so, ach a nis tha sinn an
dòchas, gu 'm bi e mar sin ; agus a thuilleadh air
so, gu 'm bi e 'nar comas an sluagh fhaicinn air
leth, mar theaghlaichean. Tha tuilleadh feum air
so anns na cearnaidhean so, an a tha aig a' bhailc ;
do bhrigh suidheachadh an t-sluaigh. Tha sinn
mar an ceudna an dòchas gu 'n ruig sinn an sluagh
a tha' bdrach airson an òir. Tha feum mòr aca air.
Cha 'n 'eil a reir coltais, an aire air ni air bith eile,
ach a bhi a' cur saoibhreis ri cheile. Gu 'n toireadh
an Tighearna a bheannachadh an cois ar saothar."
Feudaidh mi ainmeachadh, gu 'n do mhothaich
muinntir an kite so, buaidh an dùsgaidh a bha an
Alba o chionn ghoirid. Bha an cunntas a thainig
anns na paipearan mu 'thimchioll, air a bheannach-
adh, agus ann an cuid a dh' ionadaibb, thainig
frasan o shuas a nuas oirnn. Dh' innis aon de na
ministearan dhomh, gu'n robh uiread agus leth acho-
thionail aige air an dixsgadh, agus ag iarraidh ann
an comunn ris an Eaglais iad fèin athoirt suas do 'n
Tighearna agus aobhar a chur air aghaidh. Is e ar
n-ùrnuigh gu 'm faigh an tir so beannachadh cho
saoibhir, agus a dheònaich Dia anns na cearnaidh-
ean a dh fhàg sinn as ar deigh."
T A G 0.
Tha Dr Stuart, aon de mhinistearan Dhuineidin
anns a' chearnaidh so a' sgriobhadh mar a lcauas : —
" Aig coinneamh a bh' air a cumail anns a bhaile
so 'o chionn ghoirid, far an robh luchd dreuchd a
làthair o chuig Eaglaisean, dh' aontaicheadh lo mor
thoil, gu 'm biodh cuig ionadan searmonachaidh air
an suidheachadh ann an cearnaidhean nuadha, far
nach robh meadhonan nan gràs fathast air. am
frithealadh, agus gu 'm biodh eaglais eile air a
togail ann am baile Dhuineidin fèin." Tha so a'
nochdadh nach eil Eaglaisean na cearnaidh so na 'n
codal, ach gu 'm bheil iad le mòr dhurachd a' cur
rompa, gu 'm bi an sluagh a tha 'dol o àm gu àm a
mach an sud, air an toirt fo bhuaidh eisdeacbd an
t-soisgeil. Gu 'n robh an Tighearna ga 'n neart-
achadh agus a' soirbheachadh gu saoibhir leo.
Tha Dr Stuart mar an ceudna a' sgriobhadh mar
a leanas. " Tha mi air pilltinn o bhaile Innercar-
gill. Ghabhadh rium, agus ri mo shaothair, le mor
dhùrachd. Tha an Eaglais againn, anns a' bhaile
o, a' soirbheachadh agus a nis tuilleadh agus beag
airson an t-sluaigh, agus cha 'n fhada gus am feum
sinn eaglais eile a thogail.
CANTERBURY.
So cearnaidh fharsuing eile de New Zealand.
Agus chithear 'o 'n iomradh a leanas, cia mar a tha
aobhar an Tighearna a' soirbheachadh anns a chear-
naidh so mar an ceudna. Tha na leanas, air a
tharruing o litir a sgriobh Mr Douglas a tha 'na
mhinistear anns an àite so : —
" Tha ceithir aitean searmonachaidh agam ; far
am 'bheil coinneamhan againn air an t-skbaid. Air
chùl so, tha cuig ionadan eile ann, far am bheil mi
a' searmonachadh air laithean seacliduin. Tha mi
mar is trice, a' marcachd fichead mile gach la Sabaid,
a bhrigh an astair a th' eadar na h-aitean searmon-
achaidh. Feudaidh mi rkdh, eadar gach kite th'
ann, nach eil seachduin air nach 'eil mi a' searmon-
achadh se no seachd searmoineah. Chithear o so,
gu 'm bheil obair gu leòr anns an raon so airson
dithis mhinistearan. Tha an sluagh am measg am
bheil mi a' saothrachadh, de gach seorsa — as gach
cearnaidh de 'n t-saoghal. Tha iad à Alba, à
Sasunn, a Erinn. as a' Ghearmailt, à America, as an
Eadailt, à Portugal, agus à Lochluinn. . Agus mar
a tha an sluagh as gach cearnaidh, mar sin tha iad
de gach seorsa aideachaidh. Tha iad ann, de 'n
Eaglais Shaoir, de 'n Eaglais Steidhiehte, do na
h-ITnited Presbyterians, de na Wesleyans, de na
Methodists, de na Lutherans, de na Baistich ; agus
eadhon de na Pkpanich. Tuigidh tu o so, ciod an
seòrsa obair a th' aig ministear anns na cearnaidhean
so ri 'dheanamb, agus an seorsa sluaigh am measg
am bheil e a' saothrachadh. Tha mi 'faighinn gu 'm
bheil an Eaglais Shaor ro fhreagarrach air son an
raoin so. Tha spiorad na saorsaleis am bheil i air a
riaghladh, a creud, agus a doigh riaghlaidh, ro
fhreagarrach, mar a tha sinn a' faotainn chum an
sluagh a chruinneachadh a 'stigh fo a brataich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence