Skip to main content

‹‹‹ prev (78) Page 74Page 74

(80) next ››› Page 76Page 76

(79) Page 75 -
fanmraidh 1. ISTii.] 10MEADH AIR ORAOBHSGAOILEADH AN. T-SOISGEIL.
a bheirear dha. Aidichidh c earaunan de 'n Talmud
a bheirear air aghaidh a bhi amaideach agus do-
chreidsinn. Tha e 'g aithneachadh gu 'blieil a
cbreidimh ami an aidmheil nan Iudbacli gu mòr
air a gbluasad : tha e làn theagamhan, agus deònacb
a bhi 'dearbhadh nan uile nithe, agus rannsachadh
ni 's iniou a dheanamh mu dhearbhaidhean air firinn
a Cbreidimh Chriosduidh.
"Air bòrd Soitheacb-na-Smùid gu Panesova,"
tha e ag ràdh " thachair mi air ditbis luchd-oibre,
daoine èga diadhaidh, agus thionnsgain sinn air co-
labhairt mu' n diadhachd ; agus tbkinig na bha làthair
mu 'n cuairt duinn. Cbuir e iongantas orm na
daoine òga-sa de shliocbd Israeil, a chluinntinn ag
aideachadh gu saor an creidimh ann an Iosa Criosd,
mar Shlànuidhear an t-saoghail, am Mesiah a tha
da rlreadh air teachd, agus Mac Dhè. Kkinig iad air
so tre rannsachadh nan Sgriobtur. Ach bha caithe-
beatba muinntir a tha 'g aideachadh Criosduideachd
'n a cheap-tuislidh dhoibh, mar bha. mar an ceudna,
iodbol-aoradh eaglais na Ròimhe. Sheòl mi iad a
db' ionnsuidh nam bailtean anns an robb fios agam
an soisgeul bhi air a shearmonachadb gu dileas, agus
dh' earalaicb mi orra frithealadh air òrduighean
tigbe an Tighearna, agus, ma bha iad a' creidsinn
le 'n uile cbridbc, gu'm bu chòir dhoibh aideachadh
follaiseach a dheanamh.
Ann am Frauzfeld thachair mi air Iudhach a
bha 'na fhear-teagaisg an lagha, agus a bha eòlach
air iomadh aon d' ar teachdairean. Cheannaicb e
Biobull Gearmailteacb, ag rkdh nam briathar comh-
arraichte so, "Tha mi 'g iarraidh buidheachas a
thoirt do Dhia nan uile gbrks, air son mo threòrachadh
ann an slighibh na firinn, agus mo dheanamh na
m' fhear-comhpairt do gbeallaidhean glòrmhor an
Tighearna Iosa Criosd."
Bha mòr ioghnadh air Iudhach òg a sheas lkimh
ruinn, agus a chuala na briathra so, agus thubhairt
e, "Cionnas a 's urrainn aon d' ar cinneach aleithid
sin a bhriathran a radh ? C kit an d' fhoghluim e
na teagasgan so?" Shin mi Tiomnadh Nuadh
dha, ag ràdh, " Leugh an leabhar so gu ciiramacb ;
iarr air Dia an creidimh ceudna a thoirt dhuit a
thug e d' ar caraid so ; an sin treòraichear thu 's na
h-aon cheumaibh, agus thig thu gu rkdh mu 'n
Tighearn Iosa, " Is leam-sa e, agus is leis-san
mise." Ghabh e an leabhar le gkirdeachas, a' cur
an airgid air a shon a' m' làimh. Gu 'n deònaicheadh
Bia iomadh allabanach sglth de shliochd Israeil
a threòrachadh chum fois ann am fior oighreachd
Israeil
Ann an Temesvar, far an earbainn nithean a b'
fhear-r a choinneachadb, thachair mi air iomadh
duinc saoibbir, cothromach, a chuala mu'n Bhiobull.
ach a bha tur aineolach air na nithe a th' ann. Mar
eisimpleir air so, chaidh mi steach do bhùth feòla-
dair, agus tbairg mi Biobull a reic. Dh' eigh am fear
ri a bhean, "Ceannaich Biobull air son ar feum fhein !
Ciod mu 'm bheil e?" "0," ars' ise, "tha mu
Mhaois agus mu Chriosd, agus faoin-sgeulachdan
mar sin : ciod uime a chaitheamaid ar n-airgiod gu
diombain. Nam biodh agad ursgeulan, no sgeul-
achdan àbhachdach, cheannaichinn gu toileach e."
B' urrainn mi iomadh eisimpleir de 'n t-seòrsa so
a thoirt am measg na cuid a 's saibhire ; ach tha mi
subhach a rkdh, gu 'n èisd an sluagh cumanta gu
toileach fhathast ri cluinntinn uime-san mu 'm
bheil Maois, agus na fàidhean, agus na soisgeul-
aichean a' toirt fianuis. Reic mi mòran Bhiobull
ann am muillnean, an tighean-grùdaireachd, agus
an oibrichean eile. Bha aon Phàpanach bochd o 'n
dùthaich a rinn mòr ghkirdeachas ri m' fhaicinn,
agus a cheannaicb. Biobull. " 'Se so," ars' esan,
'' an treas oidbirp a thug mi air focal priseil Dhd
bhi agam. Loisg mo bhean agus mo phkrantan a
cheana dà Bhiobull orm : agus tha iad ag aslachadh
orm, as uchd na h-oighe Muire, gun ghnothuch a
bhi agam ris a' chreidimh Mr." Dh' innis e an sin
domh mar a dh' fhosgladh a shùilean, tre leughadh
nan Sgriobtur, gu bhi 'faicinn mearachdan teag-
aisg na Ròimhe ; agus, air dha bhi air a dhùsgadh
le Spiorad Dhè mar a bbuanaich e air bhi a' sireadb,
agus mar a rinn an fhirinn mar tha i ann an Criosd
saor e. Dh' innis e dhomh, ni b' fhaide, gu' bheil
anns an sgireachd Phkpanaich do 'm buin e, iomadh
a bha air an dùsgadh, agus air an saoradh o dhor-
chadas na Pkpanachd, tre leughadh focail an Tigh-
earna. Cia mòr a' mhisneach dhuinne, 'n ar ceum
a tha gu trie tùrsach, bhi mar so a' faghail dearbh-
aidhean air cumhachd an fbocail, a' toirt fkis air
an t-siol, a' maothachadh a' chridhe reòta, agus a'
fuadach an dorchadais !
Tha e ro chomharraichte r'a thoirt fainear an
cudthrom agus a' bhuaidh a tha aig Iudhaich am
measg lucbd-malairt an domhain. Mar eisimpleir
air so, gheibh sinn an am paipeir-naidheachd, am
mios deireanach an fhogharaidh (October 11) gu 'n
robb coinneamh an lucbd-malairt, anns an kite-
choinnimh ris an abrar an Exchange, gle thana air
an là sin. 'Se an t-aobhar a tha e 'toirt- air a
shon, gu 'm be sin latha-cuimhneachain latha mòr
na rèite ann an Israel, agus gu 'n robh e air a
cbumail leis na h-Iudbaich, mar is gnàth leò, 'n
a là naomh ; uime sin cha do thathaich iad
coinneamh nan ceannaichean. Tha an ni ceudna
air aithris a thaobh New York an America. Chan
'eil teagamh nach robh cudthrom nan Iudhach anns
na guothnichean so air fbaireacbadh air a mhodh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence