Skip to main content

‹‹‹ prev (77) Page 73Page 73

(79) next ››› Page 75Page 75

(78) Page 74 -
74
EAGLALS SHACK NA H-ALBA.
[Iamaraidh 1. 1870.
eigin uach 'eile ceart : nar measg. Tha sinn a'
saothrachadh, ach cha 'n 'eil comharradh air
mhaith ri 'fhaicinn, Ciod e ni sinn? Ciod e tha 'm
mearachd?" Bha iad a meas gu 'n robh a choire
maille riu fhèin. Cha 'n urrainn iad an sgriobtur a
leughadh iad fein, acli tha iad ro chomasacli ann am
mineachadh an fhocail. Thug Mr M'Leoid comh-
airle. " Tha mòran de nithean mcarachdach maille
rinn uile, ach rachamaid chum ar gluincan aig
caithir grids, agus thigeamaid a mach aig aithne a'
mhaighstir, a' tilgcadh ar lin air taobh eile na
luinge, mar a rinn Peadar." 'N uair chaidh Mr
M'Leoid air ais bha dithis a' feitheamh airson
baistidh. Nach d'thubhairt, agus nach do choimh-
lion e ; fhocal " Gairm orm agus freagraidh mi
thu." Tha mu cheud pearsa an trath-sa aig Mr
M'Leoid fo theagasg air son aideachadh follaiseach,
ann an sàcramaid a' bhaistidh. Feudaidh sinn a
radii le firinn, " Rinn an Tighearn nithean mora
air ar son-ne ; bha sinn aoibhneach."
AN TEACHDAIREACHD CHUM NAN IUDHACH.
JEWISH
PRAGUE (BOHEMIA).
LlTIR MnE. FURST, AN TEACHDAIRE.
Thachair mi airiomadh Iudhach ann an suidheachadh
àrd 's an t-saoghal. Thachair aig an am gu 'n robh
iomradh 's na paipeirean-naidheachd mu Iudhach
àraidh a chuir làmh 'n a bheatha fèin. Roimhe so,
is gann gu 'n cluinnteadh a leithid a ni am measg
nan Iudhach ; ach 's an là so, cluinnidh sinn a
nis 's a rithist e. Air do aon de na h-Iudhaich bin
a' labhairt uime so mar ni nuadh, bha e 'na cheisd
air ciod a b' aobhar dha. Thug Iudhach eile am
freagradh so, gur e anacreidimh an t-aobhar. I)h
aontaich a' chuid bu mhò gu 'n robh e ceart; ach an
sin chuir iad a' cheisd, "Ciod a tha sinn gus a
dheanamh ?" " Cha riaraieh an creidimh Iudhach
sinn, fhad 's nach tig atharrachadh mòr air, a cho-
chùrdas ri feum na linn adiartaich so," &c.
&c. An sin thòisich iad uile air an teachd-goirid
aideachadh. Thuirt aon fhear nach fhac e taobh a
stigh sionagoig o chionn bhliadhnachan ; agus fear
eile, nach robh e fein a' faireachduim tograidh 's am
bith an rathad sin. 'N uair a sguir iad do labhairt
dh' eirich duine uasal Iudhach, agus thubhairt e,
"Dh' fheòraich sibh ciod a tha sinne a tha 'nar
n-Iudhaich gus a dheanamh ann an suidhichean
cho cràiteach ? Innseam dhuibh nach eil feum
ann an ath-leasacbadh air an ni so, no an ni ud
eile 's an aidmheil Iudhaich, do bhrigh gu bheil a
là seachad. 'S e an t-aon chreidimh a riaraich-
eas uireasbhuidhean spioradail dhaoine, creidimh
Chriosd. 'N uair a tha mi ag ràdh creidimh Chriosd,
cha-n 'eil mi a' ciallachadh, aidmheil na h-eaglais
so, no na h-eaglais ud, ach teagasg Chriosd mar
gheibhear e 's na Soisgeulan." Agus an sin, a'
tionndadh riumsa, dh' fheòraich o, "Ciod i bhur
barail-se? Am bheil mi ceart no cli? Cha ruig
mi leas a ràdh gu 'n d' thug mi mo bharail ; agus
thrcòraich so sinn gus an tuilleadh reusonachaidh ,
MISSION.
mu chreidimh Chriosd. Tha e 'n a ni comharraichte
gu bheil Iudhaich aig am bheil fòghlum 'n ar là
a' teicheadh ni 's mò agus ni 's mò 'n an inntinn o
'n aidmheil fhein, agus a 'tòiseachadh air a' cheisd a
chur riutha fèin, " Ciod a tha sinn gus a dheanamh ?"
Gu ma h-ann a bhios iad air an toirt le Spiorad an
Tighearna gu bhi a' cur na ceisde a 's dlùithe, " Ciod
a 's coir dhomh a dheanamh chum gu 'n teàrnar mi ?'
Na h-Iudhaich an Ruisia.
Tha an rìoghachd mhòr so air teachd air aghaidh
gu mòr o 'n t-suideachadh bhorb 's an robh i aon
uair. Tha eòlasagus ealadhain,laghannacothromach
agus cleachdanna na siobhaltachd air soirbheachadh
maith a dheanamh innte. Gidheadh ann an aon ni
àraidh tha i mar gu 'm biodh i ag aomadh air ais,
ni 's mo na air aghaidh, — agus 's e an ni sin, an
càramh a tha air na h-Iudhaich. Ann an rioghachd
an dèigh rioghachd 's an Boinn-eòrpa, thàinig na
laghanna a bha 'g àicheadh saorsa agus sochairean
do na h-Iudhaich gu bhi air an cur air cùl ; ach ann
an Ruisia tha na laghanna so fhathast an cleachdadh.
Cha-n 'eil e air a cheadachadh do na h-Iudhaich
fearann a bhi aca, agus cha-n 'eil dhoibh, uime sin,
ach beò-shlaint èigineach a dheanamh, mar dh'
fheudas iad, mar luchd-ceird, no le frithcheannachd.
PESTH (HUNGARY).
Tha Mr Koenig, an teachdaire 's a' bhaile so a
toirt iomraidh mu 'n obair air ceann am bheil e
agus mu nithibh a thachair ris air a thurus, air dha
bhi air falbh car ùine air son a shlàinte. Am feadh
a bha e air falbh, bha Dr Lippner, an lèigh-theachd-
aire a' sgrlobhadh thuige mu òganach Iudhach a
tha 'cur ri àrd-fhòghlum teagaisg nan Iudhach, agus
rogha sgoileir Eabhra, ris am bheil mòran conaltraidh
air bhi aige. Tha e eòlach air an Tiomnadh-Nuadh ;
agus air uairibh bheir e air aghaidh earannan deth
a tha e 'meas nach 'eil a' còrdadh ris an t-Seann
Tiomnadh, ach tha c riaraichtc leis a' mhineac adh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence