Skip to main content

‹‹‹ prev (79) Page 75Page 75

(81) next ››› [Page 77][Page 77]

(80) Page 76 -
76
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Iunuaraidh 1. 1876.
chcudna, aig an aon am, ann am Paris agus an
Vienna. Cia iongantach r' a smuaineachadh gu 'm
biodh a leithid a bhuaidh air gnothuichean nan
Oinneaeh aig sluagh a tha rè uine cho fada sgapta
gun bhi 'nan sluagh, agus gu 'm biodh luchd-
malairt an t-saoghail mar so air an co-èigneachadh
<m cuimhneachadh air Jatha mòi' na Rèite ! Ann
an co-clieangal ri so, agus mar eisimpleir eilc air
cudthrom nan Iudhach ann an gnothuichean nan
rioghachdan, feudar a thoirt fainear, ma tha aon
de rioghachdan na Roinn-eòrpa aig àm air bith, mar
a 's trie a tha, an eisimeil airoiod a ghabhail an
iasad, gu bheil a' mhùr-chuid dheth air a ghabhail
o na h-Iudhaich.
AN SOISGEUL AN TIRIDH.
Tiia Mr Li, à Liabost, ann an litir gus an Ollamh
MacLachlainn, ag innseadh mu thurus air an
deachaidh e do 'ji eilein so, am meadhon an
fhoghairidh s' a chaidh, agus mu na chunnaic e ann.
An deigh labhairt mu chaoimhneis agus mu
shaothair Mhr D. Caimbeul agus Mhr D. Stiubhairt
's an eilein, tha Mr Li ng ainmeachadh gu-n do
chumadh coinneamh air an fheasgair a rkinig e, aig
Eaglais Shaleim ; agus ged a bha an slungh ann an
teas an fhoghairidh, gu-n robh an tigh-aoraidh co
làn 's a chumadh e. Air an ath Shàbaid — an 5 mh -
là de September— shearmonaich e 's a' mhaduinn
an ceann tuath an eilein, do thigh lku. Air feasgair
an là sin, chaidh e gus a' cheann an ear ; ach cha
chumadh an tigh-coinnimh loth an t-sluaigh a bha
air cruinneachadh ; agus b' èigin searmonachadh
dhoibh air an raoin. An uair a bha e an sin an
uiridh, b' àbhaist doibh tional anns na tighibh-
aoraidh comh-cheangailte ris an Eaglais Stèidhichte.
Ach, a chionn gu'n robh cuid ag iarraidh a dheanamh
mach dhoibh gu-n d' thug Achd na Patronachd
air falbh an t-eadar-dhealachadh a bha eadar an dà
Eaglais, agus gu-n robh iad a nis co-ionnan, mheasadh
iomchuidh le luchd-leanmhuinn ar n-Eaglais-ne gun
dol an gar do 'n Eaglais Steidhichte, air eagal gu-n
d' thugadh neach 'sam bith creideas do 'n mhearachd
ud. Chumadh coinneamh air gach feasgair de 'n
t-seachduin sin. Air an ath Shàbaid — an dara lk
deug de 'n mhios — bha Suipeir an Tighearna gu bhi
air a frithealadh leis fèin agus le Mr Friseal, Choll,
aig Eaglais Bhaistich Heanais. Bha seirbhis an lk
gu toiseachaclh aig dà uair dheug ; ach fada roimh
an uair sin, cha chumadh an tigh-aoraidh leth an
t-sluaigh a bha air cruinneachadh ; agus fathasd
bha iad a' teachd as gach àird. Mar sin, chuireadh
seòl suas mar bhuth, agus sgaoileadh buird a mach
s a' mhnchair, dlùth air àit ris an abrar fathasd
" Toman [cnoe] Mhic Rath," mar chuimhneachan
air seirbhis chumhachdach a chumadh an sin, aig
àm an Dealachaidh, le Mr M'Rath a bha an Carlobh-
aidh, agus leMrM'Leathain abha an Steornabhaidh.
Mheasadh gu-n robh còrr 'us sè ceud pearsa a lath air ;
actus coithional ni bu stùlda, no ui' b' fhurachaire
cha-n fheudtadh fhaicinn. 'S an fheasgair chum-
adh seirbhis aig Heanais, agus aig Salem, for am b'
èigin, leis an dòmhalachd sluaigh, gloineachan a
bhriseadh 's na h-uinneagaibh, chum gu-n cluinn-
eadh na bha am muigh, agus nach bitheadh na ba
stigh air am mùchadh.
Aig an km so, chuireadh naoi pearsa deug ri air-
eamh an luchd-comunnachaidh ; agus cuig pearsa
fichead aig frithealadh an òrduigh le Mr Friseal,
Choll, an toiseach an t-samhraidh. Tha ann, a nis,
dhiubh, tri fichead 'sa ceithir.
Air De-luain bha seirbhis thaingealachd air a
cumail aig Baile-mhkrtuinn, aig Heanais, agus aig
Salem. Aig na coinnimhibh gu lèir, nochdadh
mòr dhùrachd chum an soisgeul èisdeachd. Is
gann gu-n robh aon diubh aig nach rohh cuid no
cuid ann an iomagain domhainn anama, a' cur na
ceisde, " Coid a dh' fheumas mi a dheanamh chum
's gu-n teàrnar mi ? " Aig a' choinnimh mu
dheireadh, air feasgair Dhe-luain, bha aon phearsa
deug a dh' fhan, a dh' iarraidh fuasglaidh do 'n
cheisd so. — Re' nan deich là a bha Mr Li 's an
eilein, shearmonaich e tri uairean deug. A thaobh
nithe spioradail, tha an t-atharrachadh a 's mò air
teachd air an t-sluagh, o 'n dusgadh a bha 'n am
measg an uiridh. De 'n dream a bha an tràth sin air
an dùsgadh, tha cuid, a rèir coslais, air tuiteam a ris
'n an codal : ach dhiubh-san a dh' aidich gu-n d'
iompaichendh iad, cha-n 'eil e coltach gu-m bheil aon
'sam bith nach 'eil a' leantuinn air aghaidh a ghabh-
ail eòlais air an Tighearn. Fliuaradh lkrach ro
fhreagarrach air son tigh-aoraidh, a tha air a
rùnachadh air son ceithir cheud sluaigh a chumail ;
agus tha oidheirp air a thoirt chum airgid a thional
g : a chur suas.
NAIGHEACHDAN-EAGLAIS 'S A'
GHAIDHEALTACHD.
MINISTEARAN AIR AN GAIRM.
Mr M'Pharlain, gu Strathchonain.
Mr I. T. M'Gilleathain, a Ceannloch gu Boide.
Mr S. M'Gillemuaoil, à Cillechoman gu Uibhist.
MINISTEARAN AIR AN SUIDHEACHADH.
Mr S. Dempster, à Torasaidh an Renton.
Mr E. BaiIjLid0, Stratheirinn an Gearrloch.
MINISTEARAN A CHAOCHAIL.
Mr Daibiiidii Sutherlan, an Inbhearnaoise.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence