Skip to main content

‹‹‹ prev (69) [Page 65][Page 65]

(71) next ››› Page 67Page 67

(70) Page 66 -
66
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[lanuaraldh 1. 187G.
Bha là mòr aca aig ceann drocliait Alanais air Sàbaid dheireannaieh raliios Sheptembeir, 'n
uair a bha cuimhne air a cumail air an ordugh a fhrithealadh ann an sud o cheann da cheud
bliadhna, ri linn a' gheur-leanmhuiinn, le ministearaibh urramacb a db' fhan dileas am
measg iomadb deucbainn. Bha searmoin 's a Ghailig air a deanamb le Mr Airde a
Craoicb, aims a' Bheurla le Dr Oeanadaidb à Inbbearfeotbarain, agus 's a Bbeurla m'
fbeasgair, an Eaglais shaoir Roscuinidh, le Mr Nicson à Monròs. Bha sluagh mòr ann, ged
a bha an là flinch. Bha dà ni soilleir 's an teagasg. Bha moladh mòr air na daoinibh
fiùthail a dh' fhuiling airson nam firinnean a rinn Alba na tha i, agus coaontachadh dileas
leo n' am beachd ; agus bha e air aithris gu solamach, ponngail, nach] urrainn sinn a
bhuineas do 'n Eaglais Shaoir dol stigh do 'n Eaglais steidhichte mar a tha i, gun a bhi
midhileas do fhianuis nan aithrichean, agns do'n fhianuis againn f'hein.
Tha cath mòr aig an àm 'san Fhraing eadar an Eaglais Phapanaich agus a' chuid a tha ri
gleachd airson saorsainn 's an tir. Is mòr a tha a dh' f heum air gu'm bitheadh sluagh an
Tighearna ag urnuigh airson na rioghachd mòire, roinnte ud, gu'n tugadh e air tuilleadh 'us
tuilleadh de sholus an t-soisgeil a bhi 'dealradh oirre.
Cha ruig sinne leas na 's mò a radh an so. Chi ar luchd-leughaidh anns na leanas na tha
ri aithris mu chraobhsgaoileadh an t-soisgeil air an raidh a dh' fhalbh.
A' GHAIDHEALTACHD AGUS NA H-EILEANA.
Coinneamh chuimhneachain air frithealadh Sàcramaid Suipeir an Tighearna ann an
Roscuinidh ri àm a' Gheur-leanmhuinn.
Air an treas Sàbaid de mhiiis mheadhonach an
Fhoghairidh s' a chaidh, bha cuideachd mhòr air
cruinneachadh aig Ceann drochaid Alanais, an
Siorramachd Rois, chnm cuimhne a chumail air
comunnacbadh a bha 's an àite sin ri linn a'
gheur-leanmhuinn. Ged a bha an là glè fhliuch
chruinnich eadar tri agus ceithir mile sluaigh, de'n
d' thàinig àireamh nach bu bheag o Bhaile-dhuthaich
air an taobh an ear, agus o Inbhir-feothairean air
an taobh an iar, agus cuid o 'n Eilean Dubh.,
Thòisicheadh seirbhis an là le Mr Aird, à Oraoich,
a shearmonaich anns a' Ghaelig, le diirachd 'us
buaidh, o na briatbraibh so, " Agus croehaidh iad
air-san uile ghlòir tighe 'Athar" (Isa. xxii. 24). An
dèigh labhairt gu dmighteach o 'n bhonn teagaisg
so, rinn an teachdair urramach luaidh air aobhar
cruinneachaidh 's an àite sin. Mu 'n am sin de 'n
bhliadhna 1675 bha coithional air cruinneachadh,
dluth do 'n àite 's an robh iadsan a nis 'n an suidho
chum Suipeir an Tighearna a fhrithealadh. Cho-
C'ignicheadh iad gu cruinneachadh gu h-uaigneach
air sgàth a' gheur-leanmhuinn a rinneadh orra, a
chionn nach ceadaicheadh iad do ghlòir tighe an
Tighearna bhi an crochadh air Righ Tearlach an
Dara, agus air na h-easbuigibh. Mhinich Mr Aird
gu-n do thòisich an t-Ath-leasachadh an Alba o
chionn tri cheud bliadhna 'us cuig deug. Ach,
cionnus a ritinig teagasgan an Ath-leasachaidh air
Ros, agus co beag de chomh-cheangal 's a bha aige,
an tràth sin, ris an taobh deas? Thachair e mar
so. Bha Padruig Hamilton, a' cheud mairtireach
Albannach, 'n a aba ["abbot"] ann am Manachainn
Rois ; agus an uair a loisgeadh esan ann an Oill-
ribhinn, bhitheadh muinntir an taoibh tuatha gu
nàdurrach a' feòrach' c'ar son a chuireadh gu bits
duine òga, fiùghail, agus de theaghlach ainmeil, mar
a bha esan; agus dheanadh an rannsachadh air
a' chùis an treòrachadh gu aithne fhaighinn air
teagasgaibh an Ath-leasachaidh, agus gu spèis a
thoirt doibh. 'S an àm ud, bha mòr chumhachd, air
son maithe, no air son uilc, aig na h-uachdaranaibh ;
agus mar 'bu trice bha gach fine a' leantuinn stiùiridh
a Cheann-cinnidh. Eadar Inbhearfeothairean agus
Rubha Thairbeairt bha dàCheann-cinnidh — Rothach
agus Rosach — aghabh ri teagasgaibh Protestanach.
Bha cleamhnas eadar an dà theaghlach ; agus mar
sin chaidh iad an gaaillibh a chèile, a chumail suas
an Ath-leasachaidh. Anns a' chuid mhòir de na
sglreachdaibh eadar Inbhearfeothairean agus an Tair-
beairt bha cumhachd aca a ghnàthaich iad a chum
na criche so. Mu 'n am so, bha am Biobull air a
leughadh gu riaghailteach ann an seann Eaglais
Bhaile-dhuthaich — 's an Eaglais a tha fathasd 'n a
seasamh 's a' chladh an sin, agus a thogadh ceud
bliadhna roimh am an Ath-leasachaidh. Bha Biobull
mòr air a cheangal le slabhruidh 's an Eaglais, agus
duine air a chomharrachadh chum a leughadh do 'n
t-sluagh air da la, no tri, de 'n t-seachduin. Tha e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence